[73]

An t-Ospadal Ur

Chunnaic mo shùilean an t-ospadal ùr,
A bheulaibhs a chùlaibh cho dealbhach,
Na ceudan de chùiltean is mìltean brat-ùrlair,
Seallaidhean is cùisean rinn balbh mi.

Cliù dha na daoine, rinn iad deagh shaothair,
Gach clachair is saor agus searbhant -
Moladh dha na seòid chuir an taigh air dòigh,
Moladh dhan aBhòrd nach robh cearbach.

Ma thèid thun dràsta choimhead air an àite,
Biodh combaist nad làimh agus dearbh i;
Pìleat bu shàbhailt’, ’s fuirich air a shàilean,
Oirs tric thèid thu ceàrr gun fear earbsach.

Than t-ospadal mòr, ’s thu coiseachd gu leòr
Mus dèan thu gach seòmar a lorg ann,
S ged a bhios tu sgìth, bidh uaill na do chrìdh
Gu bheil àite san tìr sa cho ainmeil.

Cailleach air mo bheulaibh,- “Abair gum bi biadh ann,
S thig bodaich glè iargaltga dhearbhadh -
Nuair a gheibh iad an leòr, chan fhàg iad am bòrd
Gus an deothail iad an òrdags an sgealbag!”

Banaltraman àlainn, coibhneil is càilear,
Frithealadhs gach ceàrnan gun dearmad;
Bidh lighichean nach ceàrr air a h-uile làr
Toirt furtachd do chràdh moch is anmoch.


[74]

Bfheumach an t-àite air an deagh fhàrdach,
S lùigidh gach àl gum bi sealbh aic’;
Ceud bliadhnbhon dràsta bidh tinn agus slàn
Abeannachadh an chaidh a dealbhadh.

A s a dhoidhche bithidh e nar cuimhne,
Nach e togalach a chaoidh a bheir ainm dhuinn
Ach coibhneas is saothair agus sgilean ar daoine,
Ma ghleidheas sinn iad daonnan gun seargadh.

Tha eagal orm fhìn, agus mi dhuibh inns’,
Gun tèid mo thoirt tinn dhan taigh ainmeil,
S nuair a bhios mi slàn gun dèan mi ann dàil
Gus an cuir iad snàthad nam earball!

Lìonaibh glainne gu bàrr agus òlaibh deoch-slàint’ -
Bidh mòran an tràth seo le farmad;
Gleidhibh e le cùramson eileanan ar còmhnaidh
S na èistibh ri dùrdail luchd-airgid.

titleAn t-Ospadal Ur
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page