[75]

Bagh na h-Eòra

Bu chaomh leam seòladh
Gu Bàgh na h-Eòra
Air madainn bhòidhich
Gun deò asèideadh,
Gun agam seòldair
No caraid còmhrium
Ach cuimhnair òigridh
O spòrs mo Chèitein.

Chan fhaic mi làrach
Rinn bròg air tràigh ann,
Cha chluinn mi cànan
Am bàgh ar spòrsa;
Than t-àitair fhàgail
Aig creagan àrda,
S cha dèan mi àicheadh
Nach fhàs mi brònach.

Oir thriall an t-àl ud
De ghillean àlainn,
Sgaptmar tha iad
Gu bràth bhon eòlaich,
Bhiodh anns abhàgh sa
Air na Sàbaid,
Le mires mànran
Sa chànain cheòlmhoir.


[76]

Nuair chunnt min àireamh
Bhiodh anns an àite,
S a lìon am bàgh sa
Le gàiran t-sòlais,
Fareil an dràsta
Mac-talla sàmhach,
Bha dusan àbhaist,
Is bàrd an còmhradh.

Chì is chluinn mi
Na h-eòin aseinn ann,
Ròn aig doimhne
S biast-dhubh acòmhnaidh;
Ach gillean coibhneil
Tha na mo chuimhne,
Chan fhaic a chaoidh mi
Iad cruinn ann còmhladh.

titleBàgh na h-Eòra
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page