[77]

Allt aBhonnaich

Thòisich Alba sa bhlàr sa,
Seo abhuaidh a rinn slàn i,
Bho nathair-nimhe sàbhailt
Bha oirre ghnàth an tòir.

Sgailc na làmhthuaigh air iarann,
Sitrich nan eachs an sgreuchail,
Sleagh atolladh, sgian areubadh,
Lasair lann an làmhan seòid.

Seo far na bhuaileadh na faobhair,
Seo far na rugadh ar saorsa
Ann am fuils am fallas ar daoine,
Mar aon adìon an còir.

Tha e san fhasan an dràsta,
Magadh na dhìon sinn bho nàmhaid,
Ar gràdh-dùthcha dol bàs oirnn,
Dìmeass amàbadh ar seòid.

Ach nan robh bhuaidh aig Sasainn,
Nan robhm Brusach acfon casan,
n-diugh a bhiodh againn
Ach glasan is bròn?

Cha bhiodh sgeul air ar cànan
Le ceòl is le bàrdachd,
Bhiodh aGhàidhealtachd na fàsach
Aig ceàrdan is eòin.


[78]

Dheigheadh ar cultar a mhùchadh,
Ar foghlams ar cùirtean,
Ar gnàthan tha mùirneach,
Gach dùil agus dòigh.

Cha bhiodh Albair ar dùthaich,
Bheireadh Sasainn ainm ùr oirr’,
Air amhapTir nam Bùban’,
Tìr gun chliù gun phròis.

Mòr-urram dhan bhlàr ud,
Dha na gaisgich bhan làthair;
Biodh uaill oirbh, a chàirdean,
S gleidhibh blàth ur dòchas.

Ged tha Brusaich cho gann,
Buaidh bidhn Tìr nam Beann,
Bidh Allt aBhonnaich eilann
Gun bualadh lann no dòrn.

titleAllt a’ Bhonnaich
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page