[79]

Tuiream Iain Mhic aGhobhainn QC MP

Cha baithne dhaibh e fhèin,
A chèile no chlann-nighean,
Ach nuair chualas gun dheug e,
Gu robhn èiginn air tighinn,
Cho-fhuiling gach treubh
A bha leughadh mu Iain,
S chruinnich coigrich làn spèis
Dhàsan bhan- nar meadhan.

Cha robh Ceartas na dhùisg,
No bha chùl ris an talamh,
Nuair a leig e dhan ùir
Fear cho tùrails cho ealant’;
Dhfhàg sin Alba fo thùrs’,
Aitan fhiùrain fuar falamh -
Caillidh an ròs a shùgh
Nuair a bhios luibhean fallain.

Bha ar n-earbsa cho mòr,
Bha ar dòchas cho buileach,
S tha Alba fo bhròn,
Oir cha sheòl e sinn tuilleadh;
Tha e sìnte fon fhòd
Mus do thòisich a thuras -
Carson abhàsaich e òg
Is a ghlòir ris afuireach?


[80]

Mar gun eugadh am Brusach
Tro thubaist neo-àbhaist
Ro Bhlàr Allt aBhonnaich,
S an donas am fàire,
Chaidh Alba ghonadh,
Chan eil sonas san àit;
Tham bàta gun stiùir
S am fear-iùil air a bhàthadh.

Tha nuallan nan tonn
Gach oidhchatuiream,
Tha uisge nan allt
Gu mall asruthadh;
Tha guth anns aghaoith:
Cha till ar curaidh”;
Tha Ghàidhlig acaoidh
Nach seinn e i tuilleadh.

Tha e nise fuar sìnt
Ann an I Chaluim Chille,
Ann an cuideachd nan rìgh
Agus sinnsear nan cinneadh;
S thig a theaghlach gu I,
Sùilean mìogach asileadh -
Bidh mulad nan crìdh
S chan eil lighichdhan tinneas.

titleTuaiream Iain Mhic a’ Ghobhainn QC MP
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page