Am Fac’ E?
“Chòrdadh a’ bheatha sa rium fhìn” -
Cha b’ ann às an tìr bha mo charaid
Ach à meadhan a’ bhaile mhòir,
Gun eòlas air bò no gamhainn.
Bha ’m poll-mònach fada, dìreach,
’S a h-uile mìr dheth ceithir fòid,
Sgaoilteach rèidh le mòine làn
’S a’ ghrian a’ deàlradh, togail ceò.
Am fac’ e làraich an iarainn
Sa pholl nan ceudan gun àireamh?
Dh’fhairich mi sgìths na mo shliasaid,
’S nam dhruim am pian bha cho sàraicht’.
As t-fhoghar bha ’n t-arbhar san adaig,
Na badan eadar buidh’ is geal:
“ ’S mi fhìn a bhiodh sona san àite” -
Am fac’ e ràthan na speal?
title | Am Fac’ E? |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |