[82]

Aig Càrn-Cuimhne Shir Seumas

An fheansa dhlùth iarainn
Bha uair acur dìon air,
Air caitheamhs air crionadh,
S am feur afàs àrd;
Sàl geur aChuain Sgìth
Agus siantan na tìd
Air milleadh na sgrìobh iad
Cho dìleas air clàr.

Nan robh bodach à Beàrnaraigh
Air moladh do bhàidhealachd,
S en teisteanas àraidh sin
A bfheàrr na na thann,
Ach sgrìob cha do dhfhàg e
No croitear bhan làthair - ’S e mhol thu do chàirdean,
Le gàgail nach gann.

Chan eil guth ann an Sìona
Far na mharbh thu na mìltean,
Cur puinnsean nam pìoban
Fad na tìdbha thu thall;
Chan eil guth mar a fhuair thu
Do mhilleanan suarach
A tràilleachd nan truaghan
Nach do bhuannaich ach call.


[83]

Cha do smaoinich thu riamh,
Nuair a choisich thun sliabh,
Gum biodh graffiti gun chiall
Ag iadhadh do thùir;
Cha do smaoinich do chàirdean,
Nuair a thog iad an càrn sa,
Gum biodh òigridh an àite
Dèanamh tàir air do chliù.

Biodh sin mar a tha e,
Cha dhìon misaghràisg sin,
Achs ann gòrach a bha i
Chuir an-àird e bho thùs;
S e uabhar is uaill,
Mòr-chùis gun luach,
Bhith ga mholadh san uaigh
Bha cho cruaidh is beag diù.

Na leugh do bhean thàireil
Mu iodhal san fhàsach
(Rinn Shelley air bàrdachd)
Airson Phàroah na h-Eipheit?
Ma thachair sin dhàsan
Bha na dhia anns an àite,
Buan no sàbhailt
Cha bhi càrnan Shir Seumas.

Nan innseadh in fhìrinn,
S e dhfheumadh i sgrìobhadh
Gun ruaig e ar sinnsear
Bha mar innear na shùil;
Tha taibhsean nan truaghan
An dràsta mun cuairt orm - ’S em fuaim tha tighinn uapa
Droch luaidh is -rùn.

titleAig Càrn-Cuimhne Shir Seumas
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page