Riaghladh
Seallaibh air na rìoghachdan
Bho Sìona gu Peru,
Cumhachd aig gach lìogaire
’S gun fìrean anns a’ chriùth’;
An tuig sibh rud cho neònach,
Gu bheil daoine seòlt’ an drast’
Anns gach dùthaich deònach
Na dòlais bhith gu h-àrd?
Nach cianail agus nàr an rud
G’eil gràisg sa h-uile tìr
Air an spiris àrd tha siud
’S gach tàlann orr’ a dhìth?
Gun nàir’ tha bhathais iarainn,
Ged tha casan crèadh’ air làr,
An clab a’ spùtadh bhreugan
’S a’ chogais shìos mu shàil.
’M beil aon fhear idir ciallach
Na riaghladair an dràst’
A choileanas a bhriathran
’S a chumas rian air cach?
Gun adhaltranas a dhèanamh
No foill a riamh na dhàil,
Gun sgannal no an-diadhachd
Mu ghnìomh san robh e sàs?
Nach beag gu dearbh an t-iongnadh
O chian sa h-uile ceàrn
G’eil daoin’ a’ sireadh Tighearna
A riaghlas iad le bàidh;
Slànaighear bhios fialaidh,
Gun crìochan air a ghràs,
Agus nèamh le sòlas sìorraidh
Nach fhaigh iad shìos an dràst’?
Saoil sibh an e gnè an t-sluaigh
A chuir truaghain air an ceann?
’N e sinne bhith cho suarach
A leig suas an sgùm a th’ ann?
Nach tàinig fear an uair ud
Bha uasal anns gach ceum,
’S nach do chroch sinn suas e,
’S air cabar cruaidh gun cheus?
title | Riaghladh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |