A’ Cuimhneachadh 1945
’M bliadhna tha sinn cuimhneachadh
Le aoibhneas is le bròn
Crìoch a’ chogaidh oillteil ud
’S na suinn tha cnàmh fon fhòd.
Bha ’n dòrtadh fala uabhasach,
Bha bhuaidh a fhuair sinn daor,
Bha borbachd agus cruadal ann,
’S bha fuath ann air gach taobh.
Dorchadas gar cuartachadh,
Sia bliadhna bhuan a’ strì,
Bhris an latha buadhmhor ud,
Sgaoil uaill air feadh ar tìr.
Ach nis tha leth-cheud bliadhna
Bho chrìochnaich àm ar n-àmhghair -
Na bh’ ann tha ’n-diugh air liathadh,
’S cha lìonmhor iad tha ’n làthair.
Chan iarradh laoich a bhàsaich òg
Taisbeanadh làn pròis is uaill,
Paireud is searmon ’s òraid mhòr
Nach leòr gun d’ fhuair sinn buaidh?
Dh’fhàg iad fhèin càrn-cuimhne buan,
Nach crìon am fuachd ’s an aois -
Bheatha làitheil th’ aig an t-sluagh
Bho ghlèidh a’ bhuaidh sinn saor.
Nach biodh e iomchaidh dhuinn an dràst’
Buaidh sa bhlàr a chur a thaobh,
Rèit’ a dhèanamh ri ar nàmh,
Gach tìr sàbhailt’, sìobhalt’, saor?
Nach b’ fheàrr gu mòr ar smaointean
Bhith air an t-saoghal tha teachd
Far an canar faoineas ris,
Bhith caitheamh maoin air feachd?
Nach lìonmhor laoich ar stòraidh?
Nach pròiseil sinn ga h-inns’?
Ach rìgh nan laoch an còmhnaidh,
Am fear nì còrdadh ’s sìth.
title | A’ Cuimhneachadh 1945 |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |