[88]

Amhran aChlachain

S ann air bàrr Chuidhen Dìob a dheothail mi fhìn achìoch,
An dèidh cogadh mòr nach fhacas a sheòrsa-riamh;
Am bàthadh nan seòid, Iolair na dòrainn chaidh sìos -
Bha dubhar abhròin mar sgòth air clachan is sliabh.

Sna creagan àrd ciar bu mhiann le balaich bhith strì,
Gan dìreadh gun bhròig, gun bhacan le ròp no ;
As t-samhradh asnàmh air tràigh na gaineimh ghlain, mhìn,
N àm curs an àm buain bu shuarach againn an sgìths.

Na fir a bha uasal, duineil is stuamis stòld’,
Na mnathan bha suairc, fialaidh is truasail nan dòigh;
Nan tigeadh an t-aoigh, geds gann bhan cuibhreann de stòr,
Bu chridheil am fàilt’ ’s bhiodh àite dha aig abhòrd.

Chan aithne dhomh ceàrn air thalamh a bfheàrr do chlann -
Feans no gàrradh cha robh gànrachadh bàgh no gleann;
Fìorghlan bhan t-àile, na lochan, an sàls an t-allt,
S gun duinair an t-sràid acleachdadh cànan nan Gall.

Bha sàmhchair sa bhàgh nach fhaighear an dràstsan tìr,
An càirdeass am blàths, cha tig iad am dhàil an tìm;
Cha robh eagal do phàistair cabhsair, sràid no sligh’,
Bha nàbachas slàns bha àbhachd taigh-cèilidh gun phrìs.

Seo raon-chluiche mòig’, bàghan an t-sòlais dhomh fhìn -
Chan fhaigh mi ann sìos tro aois is siataig is sgìths;
Ach bidh iad nam chuimhne gus an tig oidhche mo thìm,
S nam shuain air an Aoidh bidh mo thaibhs am bàgh Chuidhen Dìob.

titleAmhran a’ Chlachain
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page