Galar a’ Chruidh
Ministear an Tòraidh nach e bha gòrach
Air cùlaibh nan eòlach a’ falach,
“Ithibh ur leòr dhith,” ars esan mun fheòil ud,
“ ’Se Làbor ’s an dòighean tha salach!”
“Chan eil galar nam bò na chunnart cho mòr
A rèir mar tha eòlaich ag innse,
Cha chreid an Roinn Eòrpa briathran mo bheòil-sa,
’S iad na dòlais as dorra dhomh fhìn.”
Tha nise deich bliadhna bho nochd a’ bhiast-sa
’S cha do dh’fheuch an riaghladh ri lèirsgrios,
Tha grèim aice ’n-dràst’ air sgòrnan a’ ghràisg,
A tha dabhdail ’s a’ dàil gun lèirsinn.
Dè rèist an t-iongnadh nach fhaigh ’ad na dh’iarr ’ad?
Tha ’n Eòrp’ air a liathadh le ’n èigheachd,
Bho thàinig an t-aonadh tha iad nan aonar
An aghaidh gach saothair a’ geumnaich.
Nach e sannt co-dhiù a th’ aig freumhan na cùis?
’S i maoin a tha mùirneach is ainmeil,
’S gann gu bheil diù do àile no brùid,
Cho fada ’s a thiùrras an t-airgead.
Tha e soilleir gu leòr dè ghànraich an fheòil,
Mar tha fios aig eòlach is leanaban,
’S e biadh fallain na bà am feur ’s am buntàt’,
Chan e gaorr is cnàmhan a seanmhar.
title | Galar a’ Chruidh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |