[90]

Briseadh Dùil

Moch sa mhadainns mi nam aonar,
Coiseachd aotrom mar duinòg,
Tighinn nam chabhaig tro na craobhan,
Sireadh saorsachuain mhòir.

Bha ghrian adanns air sàl abhàigh,
Bha eathar bheag mu thràth fo sheòl,
S bha air acair ris an tràigh,
S chaidh mi gun dàil ga cur air dòigh.

Chaidh mi air bòrd le mo chairt-iùil,
Is thug mi sùil air crann is seòl,
S mar a bàbhaist ghabh min stiùir,
S abair smùid agam air ceòl.

Dhatharraich mi sin an cùrsa,
S thàinig smùid na mara air bòrd,
Siud amhionaid anns na dhùisg mi,
S chaidh mo shùgradh-sa gu bròn.

Chuimhnich mi air làithean grianach,
S i cur siaban às na tuinn,
Mus do rinn an aois mo chrìonadh,
Mus do thriall mo bhàta grinn.

titleBriseadh-Dùil
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page