[91]

Nàimhdean ar Cànain

Seall ar cànan is ar ceòl,
Nach neònach na tha nàimhdean ac’,
Bho Shasannaich chan iarr thu an còrr,
Gun eòlas air ar cainntearachd.

Bha eagal air aGhall o thùs
Ro lùth-laimh ar n-aithrichean,
Do Ghàidhlig chan eil aige diù,
S ann a lùigeadh e nach maireadh i.

Thig a-nis nas fhaide tuath,
Tha sluagh an sin le aithne acoirr’,
Achs mòr a thann tha toirt dhi fuath,
S tha uaislean ann tha fanaid oirr’.

Achs ann tha mhìorbhail ann dhomh fhìn
Nuair chì mi anns abhaile againn,
Na ceudan nach can dùrd no bìog
San dìleab dhfhàg an aithrichean.

Nan robhad fad an dùthaich chèin,
Bhiodh spèis aca dhan chànan sin,
Nach neònach geilad dall gu lèir
Don fheum a thanns aGhàidhlig dhuinn.

titleNàimhdean Ar Cànain
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page