Duais Mo Nighinn
O! nighean mo ghràidh
’S tu dh’fhàg mi subhach an dè,
Nuair a dh’innis mi do chàch
An duais àrd a choisinn thu fhèin;
Tre dhìcheall gun thàmh
Geurchuis is tàlann dha rèir,
Ann an cànan an àigh,
Ghàidhlig bh’ aig Adhamh ri Eubh!
A’ chiad là riamh
A’ chunna’ mi d’ iomhaigh chiùin,
B’ e mo dhòchas ’s mo mhiann
Gum buannaicheadh ciall dhut cliù;
Agus ghuidh mi ri Dia
Gun coisneadh do ghnìomh an crùn,
Lìon sin mo chupan gu bheul,
Le aoibhneas lìon e mo shùil.
Tha m’ fheasgar-sa ciaradh
’S mo ghrian a’ dol ìosal gu luath,
Ach tha mi nis riaraicht’,
Tha na dh’iarr mi agam a luaidh;
Ard fhoghlam dham shìol,
(Sochair a riamh a bha uam),
Deagh bheusan ’s deagh rian
A choisneas dhutsa gu buan.
title | Duais Mo Nighinn |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |