Am Bàs
Nam faighinn mo dhùrachd
Bhiodh an ùin’ mar srad,
Mar peilear bhon fhùdar,
Mar priobadh na sùla cho grad;
Ach ma bhios mi gun lùths,
M’ inntinn gun tùr gun chiall,
Mur a h-aithnich mo shùil,
Mur ’eil dùil ri faochadh bho phian;
Nach geàrr sibh an ròp’,
(An t-òrdugh thoir dhaibh a luaidh.)
Leig a-mach mi à dòlas,
Gu sìth ann an seòmar na h-uaigh;
Chan iarrainn diog a bhith beò
Mar glasraich gun threòir gun lùths.
title | Am Bàs |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |