Mo Phòsadh
Tha ochd bliadhna fichead
A-nise bho phòs sinn,
’S thàinig an tinneas
’S na fhilleadh an dòrainn;
Tha ’n aois air ar milleadh,
Tha mir’ air a fògradh,
Chan eil dùil ri tilleadh
Gu innis ar sòlais.
Nuair bha sinn fallain le chèile
Mar na fèidh anns a’ bhlàr,
Bha sinn dripeil is feumail
Dhuinn fhèin is do chàch;
Ar gaol bha gun bheum ann,
Bha sinn rèidh fad ar là,
’S bho thug sinn an ceum ud
Cha robh te ’ile nad àit’.
Le dùrachd mo chridhe
Tha mi bruidhinn air ar pòsadh,
Chan eil càil na mo shlighe
Lìon mo chridhe le shòlas;
’S ge bith mar a bhitheas
No tha tighinn oirnn de dhòlas,
Bidh dùrachd mo chridhe
Aig an nighinn a phòs mi.
title | Mo Phòsadh |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |