Duanag
Tha m’ inntinn tùrsach
’S mo bhrù fo èiginn,
Mo chridh’ gun sùgradh
’S e brùit’ aig eucail;
Mo chluasan dùinte
’S beag fiù mo lèirsinn,
Mo cheum mi-shiùbhlach,
Mo dhùirn gun ghrèim ac’;
Air triall mo lùths
Mo thùr gam thrèigsinn,
Ach ’s ioma dùbhlan
Th’ air cùl mo cheuman,
’S gun caill mi stiùireadh
Mo chùrs’ gun glèidh mi!
title | Duanag |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |