[98]

Tòmas Morton

Nàmhaid na Gàidhig (Scotsman , An Cèitean, 1994)

Tha Tòmas na sgrìobhaiche ainmeil,
Tha ainm san Albanach tric,
Ge bith cia às a bha sheanmhair,
Chan eil a shearmon mun chànan-sa glic.

Am bruidhinn am bodach ar cànan?
An cuale ar dàin nach eil gann?
Ma chualas cinnteach geil nàirair;
Bheil a chluas cho tàireil ri cheann?

S lìonmhor nàimhdean na Gàidhlig
Gu h-àraidh an tìr nam beann,
Fir brathaidh sa h-uile ceàrnan,
S tràillean mar Tòmas le pheann.

Ged a choisneadh en duais as àirde,
Agus moladh bho chàirdean gu lèir,
Mar neoni e an sùilean abhàird-sa,
Mar Iùdas grànda, gun spèis.

San uaigh bith Tòmas acnàmh,
S mallachd nan àl na dhèidh;
Ach bidh Gàidheil aseinn sa Ghàidhlig,
Ri gàgail Thòmais chan èist.

S iomadh cat a rinn oirre tàire,
Eadar piseagan gràineil is tòmais,
Ach bidh Gàidhlig beò as an àite,
Fadan dèidh bàs nan dòlais.

titleTòmas Morton
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page