M’ Oilthigh Fhìn
Feuchaidh mi ri sgrìobhadh
Bàrdachd air son innse
Mu làithean a bha prìseil
Nam oig’;
Mar a chaith mi ’n tìde
Le aimsir bhlàth shìtheil
Air cladaichean na tìr
Sireadh eòl.
Nuair gheibhinn là dìomhain
Dom oilthigh fhìn dheanainn,
Shìos bho chreagan ciar
An Lot Bhàin;
No uamh air tràigh ghrianaich,
Mo leabhar air mo bheulaibh,
Sàmhchair gam iadhadh
Sa bhàgh.
Nuair thigeadh muir gu lìonadh
Le lib-lab gam iarraidh,
Shadainn dhìom gach stiall
Airson snàmh;
Thigeadh ròn am fhianais
’S shealladh e gu sgianach,
“Gu dè ’ille as ciall dhut?”
E ’g ràdh.
Bhiodh biast-dhubh a’ còmhnaidh
Sna geodhaichean ud còmh’ rium,
A’ cluiche bhiodh ’ad daonnan
Cho dòigheil;
Proifeasair cha robh làthair,
No tidsear nam àrainn,
A chuireadh ceart no ceàrr
Mo chion-eòlais.
Sa gheamhradh ann an seòmar,
Clòsaid fhuar dhùbhlaidh,
’S mo leabhar air mo ghlùinean
Mar bhòrd;
’S fad trì bliadhna
Lean mi san dìol-sa,
’S chì mi nis gum b’ fhiach e
Barrachd air òr.
’S bochd nach d’ fhuair mi
Don oilthigh làn uairean,
’S mo mhiann cho buan
Air eòlas;
Ach O! bha mi nuair sin
Fo ghlasan a’ chruadail,
’S bochdainn mo shluaigh
Na dòrainn.
title | M’ Oilthigh Fhìn |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |