[101]

Alba fo Chìs

Nuair thàinig amhadainn
S ann againn bha fuachd,
Thàinig àithne bho Shàsainn
Aspad ar mèinnguail.

Madainn eile nuair dhùisg sinn
Thàinig ùghdarras cruaidh,
Ar gàrraidhean cliùiteach
Adhùnadh an Cluaidh.

Na gàrraidhean mòr ud
Sna thòisich ceud bàt’,
Nach robh leithid aseòladh
O thog Nòah an àirc.

Thàinig òrdugh à Sàsainn
Dhfhàg Ravenscraig fuar,
Mhùch iad a lasair
Agus sgiùrsad a sluagh.

Rosyth air a spùinneadh
chaomhnas na seòid?
Bheirad Alba gu glùinean,
S ann dhan deòin tha i beò.

Tha mhadainn tighinn dlùth
A dhùinear gach àird,
Bha fosgailtbho thùs
Ann an dùthaich ar gràidh.


[102]

Na beanntan fo ghlasan,
Na gleanntan fo mhaoir
Na monaidhean farsaing
Cha choisich sinn saor.

Aig Sasainn ar riaghladh,
Aig tighearnan ar tìr,
M bi Alba gu sìorraidh
Aig na diabhail fo chìs?

titleAlba fo Chìs
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page