An Uair Ud
Sa mhadainn an-còmhnaidh
A thigeadh an t-òrdugh,
’S dheigheadh liost’ air a’ bhòrd
Le cò bha dol ann;
Thigeadh iomnaidh mar sgòthan
A’ mhùchadh gach sòlais,
Bhiodh feitheamh gar leònadh
Le dòrainn nach gann.
Bhiodh an saoghal na shuain
Nuair a dhìreadh sinn suas
Os cionn a’ Chuain Tuath
Don fhuachd ’s a’ ghailleann;
Thigeadh losgadh an nàmhaid
Gun abhsadh an-àirde,
Bhiodh an t-adhar dheth làn
Gun àit’ airson falach.
Spreadhadh tric gar n-iathadh,
Sgailc aig air gach cliathaich,
A’ tolladh ’s a’ reubadh
Na h-iarmailt nar sealladh;
Nar cuinnlean neo-chùbhraidh
Bhiodh fàileadh an fhùdair,
Solais-lorg a’ tighinn dlùth,
’S ar sùilean dhan dalladh.
Mo smuaintean an tràth sin,
Nam faighinn às sàbhailt’
Gu dùthaich mo mhàthar
’S a sàmhchair bith-bhuan;
Gun caithinn mo làithean
Nam shìneadh air tràighean,
Ag èisteachd neo-shàraicht’
Ri gàirich a’ chuain.
Their eòlaich is càirdean,
“Ge b’ oillteil an gàbhadh,
’S ge b’ oil leis an nàmhaid
Nach do thàrr thus’ às?”
Chan e peilear a bhuail orm
Tha ’n-diugh ga mo bhuaireadh,
Chan eil là on uair ud,
Nach robh nuair ud air ais.
title | An Uair Ud |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |