[106]

Aig an Lochan

Chaidh mi fhìns mo bhràthair
A-mach air na Sàbaid,
Slatan nar làmhan
Gun fhios do dhuine beò;
Bha blàth grianach
Atighinn gu feasgar fèathach,
S dhfhalbh sin a dhiasgach
Nar balaich òg.

Bha lochan anns amhòintich
Fad bho àite còmhnaidh,
Le uisge domhainn dùbhlaidh,
Dachaigh nam breac mhòr;
Shuaidh sinn air abhruaich aig’,
Blàth an fhraoich mun cuairt oirnn,
S air lianaig bhig uaine
Dhullaich sinn ar còrd.

Chan e gun ghlac sinn mòran,
Ach abair thusa còmhradh,
Mar a gheibheadh sinn ar beò-shlàint
S a dhìreadh sinn gach beinn;
Dhaontaich sinn ri chèile
Gum biodh an rathad rèidh dhuinn,
Gun guth air iomadh èiginn
Bha feitheamh ann rinn.

Cha do smaoinich sinn an uair sin
Gu sgaradh tìr is cuan sinn,
S gum biodh esan ann an uaigh
Taobh thall an t-sàil;
Tha mise an-diugh nam aonar
Air bruaich an lochain aognaidh,
S bu shuarach leth mo shaoghail,
S e bhith rim thaobh an-dràst’.

titleAig an Lochan
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page