[20]

Dùsgadh Anabaich

Ann an cogadh39- ’45s ann aleagail bhomaichean air an nàmhaid a bha mi. Bhiodh sinn asuidhe ann an rùm mòr gus an tigeadh àm falbh, aguss e seo achuimhne as làidira tha agam air na làithean sin.

Fadbho thaigh mathar
Nam shuidhe ann an cathair,
Mo shùil air achagailt
S air lasair aghuail,
Feitheamh an òrdugh
Dhol suas dha na sgòthan
Os cionn na Roinn-Eòrpa
San dorchadas fhuar.

Chan eil mi nam aonar
A-nochd anns an t-seòmar -
Nan cadal nocòmhradh
Tha mòran eilann:
Oigridh ghlan bhòidheach
Le gruaidhean gun chòinneach
Bho dhachaighean brònach
Is pàrantan fann.

Air sgèith tha mo smaoin
Thar cuan agus raoin
Gu cuideachd mo ghaoil
Agus meòlais -
Gu mathairs mo mhàthair
An dràstann an àmhghair
Gun càil acan làthair
Ach dòchas.


[21]

Cha bann dha mo dheòin
Thàinig cadal cho ciùin,
S air eilean mo rùin
Ann an aisling bha mi;
Mar sgàthan am bàgh,
Geal-ghaineimh air tràigh,
Sàmhchair an àigh
Agus sìth.

Banabaich mo dhùsgadh
Nuair chuimhnich mi às ùr air
Na mìltean gunna spùtadh
Gar lèireadh;
Solais-lorg cho dìreach
Mar pheansailean asgrìobhadh
Eachdraidhean gun bhrìgh
Air na speuran.

Bha tiotadh ann mar uairean,
Beathas bàs air tuaiream,
Fuil is feòil is buadhan
Nan èiginn;
S am fear nach fhacle shùil e,
Cha thuig e nis co-dhiù e - ’S e gòraicha bhithn dùil
Gum bi spèis aig’.

An dùsgadh ud gu h-àraidh,
Cha dhìochuimhnich gu bràth mi -
Bu dorre dhomh nan gàbhadh
S an lèireadh;
S ann an siud bhan àmhghar
Nach lùiginn dha mo nàmhaid - ’S gann gun tuig an Sàtan
Gu lèir e.

titleDùsgadh Anabaich
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page