[107]

Crìoch mo Rathaid

s ciall a bhig ràdh
Aig crìoch mo rathaid,
Gur cìanail an
Thagam fhìn?
Geds minig mi tinn,
Am mionach non druim,
O dhimich an t-seinn
As mo chridh’.

Tha mòrans gach àit
Le dòrainn is cràdh,
Gun dòchas ri tàmh
Ann an tìm;
Anns gach linn agus àl
Cus tinn is gun stàth,
Streap beinnchun abhàis
Anns gach tìr.

Bha bliadhnaichean mòr
Le grian agus òig’,
Gun pian no bròn
Na mo shligh’;
Mi siùbhlach neo-shàraicht
Sùbailtis làidir,
Toirt dùbhlan do chàch
Ann an strì.


[108]

Choisinn mi lòn
O thoiseach mo bhòids’,
S iomadh oisean de eòl
San robh mi;
Abhachd is gàir’,
Càirdeas is gràdh,
Cadal is tàmh
An dèidh sgìths.

An còir a bhith caoidh
Nuair thig sgòthan na h-oidhch’,
Gach ceòl agus seinn
Oirnn a dhìth?
Fhuair mi cuibhreann
Nas luachmhor na saidhbhreas,
Bean uasal, clann choibhneil
S mo dhachaigh fhìn.

Chan iarrainn bhith beò
Air crìochan aois mhòir
Gun fhiach, gun threòir
S gun bhrìgh;
S e lùiginn san uair
Bhi dùinte nam shuain,
Gun dùsgadh gun gluasd
Ann an tìm.

titleCrìoch mo Rathaid
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page