[110]

An Clachan

Tham baile againn làn dhaoine
Tha bruidhinn cànan cèin,
S na cleachdaidhean bu chaomh leam
A-nis air call an grèim.

Tha Ghàidhlig leis an tùchadh ann
S i dlùthadh ris abhàs,
S nuair a thèid a mùchadh ann,
S iomadh fiù thèid fàs.

Ma dhfhuadaichear an cànan
S nach cluinnear ann ach Goill,
Gearraidh sin an snàithlean,
S an càirdeas bhann cha thill.

Bha aoigheachd anns achlachan
Nach fhaic mi ann an tìm,
Measg ar bochdainn leis abhrochan,
An t-aran coirc’ ’s an t-ìm.

Bha eòlas aig gach duine againn
Air suidheachadh a chèile,
Ar sinnsireachd nach baithne dhuinn,
Bhan eachdraidh againn glèidhte.

Nan èireadh beud do chuideigin
Bhan clachan uilfo uallach,
Gun phàigheadh thigta chuideachadh,
No smaoin air càil cho suarach.


[111]

Chan eil tìdaig duina-nis
A thighinn a-steach gu cèilidh,
S gach fasan ùr a tha tighinn ris
Asgaradh dhaoinbho chèile.

Achs dòchgu fàg aGhàidhlig bhlàth
A mìlseachd às a dèidh,
S gun dèan sin fhèin an coigreach tlàth,
Tha bruidhinn cànan cèin.

titleAn Clachan
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page