[112]

Fàs Caol

S e fasan an-dràsta
Bhith tana sna màsan,
Sa mhionach gu h-àraidh,
Mo nàire mfhear fhìn;
Am builgean mòr grànda
Mar puta gus sgàineadh,
Nuair sheallainn san sgàthan
Bhiodh cràdh na mo chrìdh’.

Eòlach air gach dòigh mi,
Gach riaghailt bidhe neònach
A gheall gu seacad bòcadh
Le eucoirich sgrìobht’;
An cogais dall is breòite,
Sionnaich am measg geòidhad;
Breugach, meallta, seòlta
Nan dòlais as an tìr.

Coma leat dhe na Sàtain,
Do riaghailtean fhèin as fheàrr dhut,
Dean liostden bhiadh as càilear,
Ach na cuir làmh air mir!
Tha iasg is eun san àithne,
Tha curran, sneap is càl innt’,
Aran donns buntàta
S measan dhà no thrì.


[113]

Thoir daghann dha do nàmhaid
S do bhotal dha do chàirdean,
Cuir geir fad às dfhàire
S ruith mhìle;
N dèidh trì clachan dfhàgail
Mothaichidh do nàbaidh,
Achs e bhios eg ràdh riut,
“ ’N i do shlàinta dhìobair?”

Chan em biadh as caomh leat
A charaid a caol thu,
Ach na sheachnas tu daonnan
S do smaoin air gach tràth;
Làithean bidh thu aotrom,
Faireachdainn mar faoileig,
Canaidh dinneal achaochladh
S tu glaodh g’ ’eil e ceàrr.

Sann mar a thachair dhomh fhìn
Tha am pìos seo ag inns’,
S mo bheannachd aig mìltean
Tha strì na mo cheum;
Ach cuimhnich air aon ,
Ged gheibh thu sult fo chìs,
Bidh thu cogadh ris an tìm,
Fad na tìde leat fhèin.

titleFàs Caol
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page