[114]

Iomhaigh Diùc Chataibh

An tùr ud air abheinn
Mar chraoibh thinn gun duilleach,
Nach adhbhar nàire dhuinn
S am fang neo-ghrinn na mhullach.

leughas an stòraidh
Làn fòirneirt is mulaid,
Gun faireachdainn brònach
Mu dhòighean abhurraidh?

thuigeas an àmhghar
ni tàir air an leòn?
Bha an tughadh na smàl,
S glaodh abhàis anns acheò.

A shaoghal fhèin gun dìth
Cha robh sgìths ann no pràmh,
Beò air reamhrachd na tìr,
Thug emìr à beul chàich.

Ach cha leagainn an diùc,
Dhfhàgainn an tùr an-àird,
Dhèanainn feum leis an stùc
Dhfhosgladh sùilean gach àl.

Air achlàr bhiodh an fhìrinn,
(Tha i dhìth air an-dràst’ ),
Thèid olc an diùc innse,
S thèid a dhìteadh gu bràth.


[115]

Chuirinn còrn-ceò na bheul
Le mèilich caora bhàn,
An ceòl a bfheàrr leis air sliabh
Na Ghàidhlig chiatach, bhlàth.

Cìan nan cian bidh en-àird
Le bàà bàà anns acheò,
Cur an cuimhne gach àl
An t-olc a shàraich na seòid.

Nuair a shèideas an còrn
Togaidh òisgean an cinn,
Nach do chuir e nan còir
Aite còmhnaidh nan suinn?

titleIomhaigh Diùc Chataibh
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page