Briseadh Latha
Moch sa mhadainn dh’èirich mi
’S an cruinne-cè dhomh òg,
Nam bhalach fallain geurchuiseach,
Bha dèidh agam air eòl;
Bha ghrian aig bonn nan speuran
Air ruagadh reul is sgòth,
’S i deàlradh air an uisge rèidh
Dhèanadh eudmhor airgead beò.
Laigh mi anns an fheur gu h-àird
Air bàrr nan creagan ciar,
Chunnaic mi bhiast-dhubh a’ snàmh
’S a’ tighinn gu tràigh le biadh;
Ròn na chadal anns a’ bhàgh
Gun càil ach sròn air sgeul,
’S thàinig sgarbh a-mach à sàl
Is sgaoil ri blàths gach sgiath.
Gu h-àird bha uiseag a’ sgaoileadh a ciùil
Cha dhearcadh mo shùil oirre fhèin,
An traon le torghan air mo chùl,
’S an guilbneach subhach air sgèith;
Coinean a’ creimeadh feur fon drùchd,
’S na flùran a’ dathadh an t-slèibh,
Briseadh an là ud a chunnaic mo shùil
Tha nam chuimhne cho dlùth ris an-dè.
Bha mi ’n iomadh àite bòidheach
Air tìr mòr ’s an tìrean cèin,
Ach nam chuimhne an-diugh tha sgleò orr’
Ged a chòrd ’ad rium gu lèir;
Ach a’ mhadainn ud nam òige
Bha cho òirdhearc agus sèimh,
Cha tig smal oirr’, cha tig ceò oirr’
Chan eil sgòthan ann an nèamh.
title | Briseadh Latha |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |