Là Naomh Anndra (1964)
Nuair bhios mi brònach
Is fann mo dhòchas,
Gun agam sòlas
Na slàinte fhèin;
Thig d’ ìomhaigh òg-sa
An uair sin còmh’ rium,
A’ sgaoileadh sgòthan
Mar bhlàths na grèin’.
Air mo chùlaibh
( ’S tric mo shùil air),
Tha briseadh dùil ann
Is iomadh leòn;
Ach teichidh tùrsa
’S nì mì sùgradh,
Nuair chì mi rùin thu
Na d’ leanabh òg.
Mo shaoghal cho ciar,
Mo speur gun ghrian,
Gun smaoin air sìon
Ach dreuchd is lòn;
Thàinig thu bhliadhn’ ud
Là Anndra diadhaidh,
’S thug freasdal dìomhair
Na dh’iarr mi dhòmhs’.
title | Là Naomh Anndra |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |