[120]

Amhran aPhìleit

Mo chailin àlainn
Ma rinn thu mfhàgail,
Geds goirt mo chràidh-sa
Cha ruith nad dhèidh mi;
Ma fhuair thu fàbhar
Bho fhear as àill leat,
Mo shoraidh slàn
Le ar gràdhs ar rèite.

Tha misan-dràsta
Sna speuran àrda,
Sa chogadh ghràineil
Tha gam lèireadh;
Tha dfhear-sa sàbhailt
An dreuchd ro phàighte,
S do ghuth ga thàladh
Gach a dhèireas.

S garbh an oidhche
S mo chluais acluinntinn,
Alosgadh cinnteach
Gach taobh a thèid mi;
Gach gunna marbhtach
S na solais-lorg ud,
S mi ac nam thargaid
Mar ainmhidh slèibhe.


[121]

An cridha chràidh thu
Geds brùitan-dràste,
Cha bhris gu bràth e
Air son do chrè-sa;
Tha roth gun tàmh aig
S ar dàn an sàs ann,
S cha tig muir-tràigh
Gun muir-làn an dèidh sin.

Tha pròis Chlann Dòmhnaill
Gu daonnan còmhrium,
S do bhròn no tùrsa
Aon unnscha ghèill mi;
S ma thig mi beò
As aghàbhadh mhòr-sa,
Ni mise pòsadh
òg bheir spèis dhomh.

tìde slàn mi,
S ni chràidh-sa mfhàgail,
Thig làithean bàidheil
Is deàlradh grèine;
S bidh caileag bhòidheach,
earbsach stòlda,
Chan i do sheòrsa-sa
Rinn mo cheusadh.

Nuair gheibh sinn buaidh
Air Adolph suarach,
M bi cuimhnan uair sin
Air uair na h-èiginn?
Non dèan ar rìoghachd
Bha riamh cho spìocach,
Mar rinn mo nìghneag,
Mi fhìn a thrèigsinn?

titleAmhran a’ Phìleit
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page