[122]

Aithreachas

Far am faigh e grèim
Tha lighichean gun fheum,
S chan eil truas na cheum
Acòmhnaidh;
Aithreachas o chian
Son na thuirt am beul,
Gun duina-nis air sgeul
Dhe na leòn e.

Thig e ort gun iarraidh,
Bidh cuimhnaig air do bhriathran,
Cha shlànaich e gu sìorraidh
Do bhòidean;
Seo aon lus a dhfhàsas,
Thigeadh fuachd no blàths air,
Nach iarr uisg san fhàsach
Ach do dheòir-sa.

An dleasdanas a thrèig thu,
Do luchd gràidh a lèir thu,
S deòlaich bha cho spèiseil
Nan dòighean;
Chan fhaigh thu nis air innse
Am pian a tha nad inntinn,
Tha iadsan air an sìneadh
Fuar reòta.


[123]

Chan eil feum no stàth ann
Bhi guidhe no bhith rànail,
Cha dubhad às càil dhut,
Cha bhàthad bròn;
Ach dhfhaodadh sinn an-dràsta
N clàr aosta chur à fàire,
Cur duilleag ùr na àite
Fhads a bhios sinn beò.

Gu trics e -chùram
A dhfhàgas gun diù sinn,
Agus aineòlas air stiùireadh
Nar n-òige;
S truagh gur en fhìrinn,
Nach eil air ais an tìm ann,
Oir nach dèanadh dìcheall
Son ceartachadh gòraich?

titleAithreachas
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page