Am Bàta Briste
Och, och, nach tu chaidh ìosal!
Asnaichean brist’ is inneal gun sgeul air,
Druim air iathadh le feamainn is feusgan
’S clòimh na smuig às do shròin,
Ròpan lobht’ le fionnadh de dh’fheur orr’,
Sgeith a’ chuain mu do thòin.
An darach a dhìon thu
Air lobhadh ’s air crìonadh,
Do chrann gun sgeul air
No bileag dhen t-seòl,
’S an stiùir a bha riaghladh
Na criomagan breòit’.
’S e sgiobadh an-diadhaidh
A thilg thu gun stiall ort
’S gun càil a’ cur dìon ort
Bho thuinn a’ chuain mhòir - ’S cinnteach gum b’ fhiach thu
Ceann-crìoch na bu chòir’.
’S e sgiobair beag-sùim
Nuair a dh’fhàs thu cho tinn
Nach do bhàth thu aig doimhn’
Ann an dubhar a’ chuain,
Far nach buaileadh na tuinn
Tha buaireadh do shuain.
’S do bhruadar mu latha na b’ fheàrr,
Do shròn a’ sgoltadh an t-sàil,
Srann aig na ròpan gu h-àrd
’S lùb anns a’ chrann -
Cò theireadh an dràst’
Gu robh ’n latha sin ann.
Droch dhuais aig deagh shaothair
Cha theirig ’s cha chaochail
Measg dhaoine gun chaochladh
Gan lèireadh o chian;
’S e sochair do shaoghal-s’
Nach aithne dhut pian.
title | Am Bàta Briste |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |