[124]

Sòlas

Chan iarrainn san t-saoghal
Ach bàgh fo na craobhan,
Le fasgadh bho ghaothan
A sgaoileas bhon iar;
Mo dhachaigh rim thaobh ann,
Meòlaichs mo dhaoine,
Mi fhìns mo bhean ghaolach,
Gus am faodadh sinn triall.

Bhiodh gaineamh is làthaich
Air iochdar mo bhàigh-sa,
Bhiodh meathar na tàmh ann,
S a caball ga dìon;
Bhiodh geòlair an tràigh
Ann an cladhan beag sàbhailt’,
S na ràimh air an càradh
Nan àite le iall.

Gu tric nuair a dhèirinn
O thigeadh an Cèitean,
Fo dheàlradh na grèine
Sann rèidh bhiodh an cuan;
Bhiodh meathar gun bheum
Air a h-acraichean fhèin,
S a faileas cho sèimh
Ri mo chèile na suain.


[125]

Dhfhalbhainn an uair sin
Son aodach chur suas oirr’,
Nan sèideadh bho thuath
Gaoth fhuar na mo sheòl;
Bhithinn saor airson uairean,
Mo shòlas gun thruailleadh,
S farmad cha bhuaireadh,
S gun muallach ro mhòr.

Fhuair mi mòr làithean
Dhen bheatha ro àghmhor,
S nam chuimhne gu bràth
Cha bhi sgàil oirrno sgleò;
Ach mar aisling ro àlainn
As na dhùisgeadh car tràth mi,
Saoilidh min-dràsta
Gun bhàsaich i òg.

titleSòlas
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page