O Thàinig an Aois
Tha ’n sàmhradh a’ tighinn, a’ tighinn, a’ tighinn,
Tha ’n samhradh a’ tighinn gu innis an fhraoich,
Ach an t-aoibhneas a b’ àbhaist bhith agam an-dràsta,
Cha till e gu bràth rium o thàinig an aois.
Bha là dhèanainn earrach, mòinteach is bealach,
Shiùbhlainn fo eallach gun anail gun sgìths,
Spealainn am bàrr agus sheòlainn am bàt’,
’S chan iarrainn gu tàmh air muir no air tìr.
O ghiorraich an anail chan fhàg mis am baile,
Chan fhaigh mi gu abhainn gu cladach no caol,
Chan fhaigh mi fo sheòl far an robh mi mion eòlach,
’S cha shnàmh mi san òb air an òg chuir mi gaol.
Tha mi fo ghlasan aig laigse nan casan,
Cha shiubhail mi claisean no creagan nam bàgh,
Cha dhìrich mi bheinn far an deighinn gun suim,
’S cha chluinn mi na tuinn a’ toirt nuallan air tràigh.
Mo bheatha nam inntinn mo bheò na mo chuimhne,
Na làithean bha aoibhneach nach till rium an tìm,
Ged nì sàmhradh an-dràsta cur dreach air gach àite,
Tha mo gheamhradh-sa ’m fàire ’s tha sneachd air mo chridh’.
Nach bochd gu bheil aois ann ’s nach tig i na h-aonar,
’S truagh nach eil daoine fhuair bliadhnaichean mòr,
Fallain is làidir gun tig eucail a’ bhàis orr’,
Gun euslaint nan àrainn fad làithean am beò.
title | O Thàinig an Aois |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |