[24]

An Taigh-Cèilidh

Air cùl na còmhla gailleann agheamhraidh,
Teine le slabhraidhm meadhan an làir,
Lasair adanns le blàths an t-samhraidh -
Argamaid, amhrain, rabhdan is gàir.

Cearcan air spiris is mart air an stiall,
Oisgean le mèil anns achùil,
Each anns an stàball acagnadh a bhiadh;
S e ghrìosach bu mhiann leis achù.

N duine bha riamh ann, ’s cuimhne leis ceò,
Mar leisgean de sgòth nach seargadh,
Slabhraidh le fionnadh dhen t-sùith mar chòt
S aghrìosach cho beò ris an deargad.

Timcheall an teinud bha barrachd air blàths,
Bha càirdeas is gràdh ann dha chèile:
Cha robh dòigh aig aonaranachd idir air fàs
Am measg fealla-dhà an taigh-chèilidh.

Bodaich le eachdraidh nan gaisgeach cho treun
Chuir an lagh ann an grèim gun chion-fàth
Tro uachdarain shuarach, gun uallach, gun fheum,
A ruaig an clann fhèins a chuir caoraich nan àit’.

Sgoilearan sgoinneil a choisinn gach cliù,
Tre thuigse agus tùr a rinn èirigh,
Mòran dhiùbh measail an dùthchannan ùr
Fada bho stùil an taigh-chèilidh.

Maraichean duineil a thill às na blàir,
Nach fhacas na bfheàrr anns an Nèibhidh,
Balaich a chuala mu cheart agus ceàrr
Nan suidhair an làr san taigh-chèilidh.


[25]

Gillean le gibhtean nach tàinig gu fiù
Tro chion-iùil is bochdainn an àraich -
Rin cainntearachd èibhinn le criomagan ciùil
Na cailleachan-sùith dhèanadh gàire.

Beag a-nis thair sgeula dhen linn sin,
Beag aigeil cuimhnair na tobhtaichean fuar,
Ach ag amharc orrchì min dràsta nam inntinn
An coitheanal cruinn mar a bha e aon uair.

Cluinnidh mi eòlaich san àite bha còmhnaidh,
Sgeulachdan neònachs an tòimhseachan cruaidh,
Cunntaidh min àireamh a bàbhaist bhith còmhrium - ’S tric a than còmhradh atighinn às an uaigh.

titleAn Taigh-Cèilidh
internal date1998.5
display datea1999
publication date1999
level
reference templateDòmhnallach Bàrdachd %p
parent textBàrdachd Dhòmhnaill Alasdair
<< please select a word
<< please select a page