Am Bomair
Do ghob a’ tolladh nan speuran,
Do sgiathan a’ sgoltadh nan neòil,
Mar eun à Ifrinn a dh’èireadh
Gun fhuil, gun ite, gun fheòil;
Lèirsgrios nad chom agus lèireadh
’S am bàs na do ghunnaichean caol;
Air bòrd tha balaich làn geur-chùis
Bho phàrantan coibhneil is caomh,
O na dh’ionnsaich iad onair is aoigheachd
Is eòlas air nithean tha naomh;
Ach sgriosaidh ad fìrean is faoigheach,
A’ mhàthair ’s a naoithean caoin:
Ach, a Dhè, na cuir coire air na suinn -
Cha b’ iadsan a rinn an taigh-caoich.
title | Am Bomair |
internal date | 1998.5 |
display date | a1999 |
publication date | 1999 |
level | |
reference template | Dòmhnallach Bàrdachd %p |
parent text | Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair |