[23]

Na h-uird mhora

SHEAS Niùtan is a cheann crom, atoirt tarraing eadar meur is òrdag air na gaoisnean fada air a lethcheann, nach robh fhathast ach tana, mìn, ach a bha cheana atoirt gealladh air feusaig thiugh ghasda. Chleachd athair spionadh a thoirt air fheusaig fhéin nhair a bha e fo chùram, agus ged nach robh feusag air Niùtan fhathast bha cùram gu leòr air. Bha aBhealltuinn a nis làimh dhaibh agus nuair a smuainticheadh e air, bha samh an teine is samh an dàthaidhna chuinneanan bhon uiridh is bhon bhliadhna roimhe is bho gach bliadhna eile nach robh cho teann air. Nuair a dhùnadh e a shùilean chitheadh e na fir òga is na balaich mhóra aleum gu dàna treun thairis air an teine.

Ach fon chom aigesan bha cas cham chrùbte.

Agus Silis. Gus an diugh, ceilte bho chàch, bha a h-ainm mar mhil air a theanga. An dràsda, ged nach bise bu dearbh choireach bha i fhéin is a h-ainm mar an domhlas fhéin. ’Na chluasan bha gàireachdaich NéillNiall air an robh an còmhnaidh craos ghàireachdaichagus chuala e a rithist fhaclan: “Feumaidh i ruith nas luaithe na sud lath-eigine.”

Choimhead Niùtan air abheàrnan-Bhrìde a bha fhathast aig a chasan is tharraing e a chorrag mhór tarsainn air is thionndaidh e ris amhonadh. Bu math leis a bhith leis fhéin.

Bha e dèanamh air a shocair air abhearradh far am bu tric le sheanamhair a h-anail a ghabhail nuair a bhitheadh i agiùlan eallach mònach no fraoich.

Is e Brunshuilde, a sheanamhair, a bhana bean-


[24]

chuideachaidh còmhla ri mhàthair nuair a thàinig a h-ám agus a rugadh esan. Ged a thàinig i thuice fhéin a rithist chan e a mhàin gun do thionndaidh a mhàthair bhuaidhesan ach thionndaidh i bho Brunshuilde. Acheud chuimhne a bha aige is ann air làmhan ealamh, tana a sheanamhair, air a chom is air a chasan. Chuala e an t-iomradh cho tric is nach robh fios aige càit an do thòisich a chuimhne fhéin, is càit an do thòisich an aithris. Ach bha fios aige gum be làmhan a sheanamhair a smeur a chas cham moch is anamoch le ola-an-ròin, gum be làmhan a sheanamhair a shliòb is a dhfhàisg is a thionndaidh, is a tharraing a chas; gum be làmhan a sheanamhair a dhfhill is a phàisg e gu blàth ann an rùsg ùr na caoire duibhe. Is be a làmhan a bha sìnnte thuige nuair a sinn e acheud cheum.

Ged nach robh e sgìth shuidh e air bruaich gus am beachdaicheadh e na bfheàrr air cuimhne mhath a bha aige air amhadainn air an do bhog is a dhfhailc i a chasan anns an fhuaran aig Bealach na h-Anait ...

Cha robh cuimhne aige air a bhith air a dhùsgadh ás a chadal, no an do ghiùlan i air a muin e an toiseach, ach bha cuimhne aige air sàmhchair far nach robh éibh an adharcain-luachrach, no gobadaich achoilich-fhraoich, far nach robh torman uillt no gàire mara. Bha an dorchadas fhathastna sgàilean ciar-dhubh anns na sluic is anns na bealaich. Shuidh iad mu dheireadh is thuig e gun robh ise afeitheamh, oir gun fhacal, aig ám sonraichte rug i air is stob i suas gu a mheadhon anns an uisge fhuar e. Thug am fuachd is an t-eagal anail bhuaithe ach cha do thog i ás an uisge e gus an do dhéirich a ràn cràidhte troimhn ghleann.

Mun do thiormaich i e chuir i pìos de chìr-mhealana bheul is fads bha i asuadhadh ia afàsgadh gach


[25]

féithna chas, dheoc is chagain e, is dhimlich e mu bheul. Fad na tìde bha ise air a glùinean asuadhadh le làmhan ealamh teòma. Nuair a thug i dha an dara pìos, bhrist esan criomag dheth is chuir ena beul e, is le sin thilg i a ceann an àird is ghàir i gu sona, acur stad air a h-obair air son mionaid. Ged nach do thuig e an t-aobhar gàire, ghair esan cuideachd agus bha gathan fuara geala na gréine air na h-aodainn aca. Nuair a chuir i uime cha robh cuimhne aige ach air sonas is air blàths, is gun robh iarraidh aige air a bhith aruith is aruith is acoiseachd.

Mun do dhfhàg iad an tobar, cheangail Brunshuilde stiall de anart geal, lion air meanglan de chraobh-chaorainn a bha làmh ris an tobar. Bha stiallan fada eile ceangailte ann an siud is ann an seo air achraoibh, ach bha bliadhnaichean mun do chuimhnich e air seo, is cha robh fios aige riamh le cinnt ciamar a thàinig iad gu bhith an siud no a cheangail ann iad.

Ged bu mhór a cabhag gus an do ràinig iad an tobar, ghabh iad air an socair atilleadh. Nuair a ghearain e sgìths cha do thog i e mar a bàibhaist, ach nuair a thainig iad gu seann thobhta, shuidh iad air cnocan far an robh an feur lom breac le copan-an-fhraoich is le peassair-a’ -mhadaidh-ruaidh.

Thug Brunshuilde pìos aran-eòrna as a pasg is nuair a dhith iad dhlùthaich Niùtan a stigh ri taobh is chaidil e, a làmh fo h-achlais. An ám dha dùsgalh bha e fhéin is Brunshuilde cho cruinn comhfhurtail pi tom nathraicheangan grianadh fhéin air latha Nin Iomhair. Nuair a thuig i gun do mhosgail e, ghabh iad an ceum a rithist, esan aruith roimpe no as a déidh a réir bha atogail a shùil; is ise gu sàmhach toilichte.

Ach is e achuimhne a bu gheura a bha aige an diugh


[26]

air acheò a chunnaic e ag éirigh fada bhuapa.

Faicibh falaisgean,” arsa Niùtan.

Is fhada o chaidh ám fhalaisgean seachad,” ars ise, “is tha am fraoch is am feur afàs a rithist. Is ann a tha an ceò ud bho theine na Bealltuinn.”

Nuair a thàinig iad chun an tighe bha e fàs, sàmhach, is chaidil Niùtan a rithist ...

A riamh tuilleadh, ged a bheireadh Brunshuilde sùil air a chois bho uair gu uair, cha do shuadh i ola rithe. Ach beag air bheag thainig neart innte, ged bha i riamh car cam.

Ged nach do ghàir e aig an ám is minig a thigeadh snodha air aodann nuair a chuimhnicheadh e mar a fhuair e a mach gum be mi-shealbh a bhann dha a chas a bhith cam. Is chuimhnich e nis mar a dhrùidh e air gun robh ena aonar, sgairte bho chàch.

Air latha gaothach grianach, bha an teaglach uile a muigh is iad afasgnadh sìol an earraich. Bha athairis guit aige anns an robh a mhàthair adòrtadh an t-sìl mar a bha e iomchaidh, fads a bha Brunshuilde acruinneachadh an t-sìl ghlan. Bha Niùtan agus Niall acruinneachadh moll air son leaba shocair, is bha leanabhna chadal anns achreathaill.

Bha aire gach neach air obair fhéin nuair a thuirt Niall gu briathrach, neochiontach, is gun mhì-rùn air bith: “A bheil fios agad, Niùtan, gur eCuaigeana tha aig na gillean ort?”

Dòcha nach robh Niùtan air an còrr a smuainteachadh dheth, ach thog e a shùilean is mhothaich e gun robh a sheanamhair air stad mar gun robh i reòdhta, gun do leag athair a ghuit air son mionaid, is gun do thuit dòrlach sìl bho làmh a mhàthar. Cha do thuig e a bha acur riutha ach thuig e gun robh an aire gu tur air fhéin, afeitheamh.


[27]

Car son a thug iadCuaigeanorm?” ars esan, is e fhéin gu sìobhalta.

Chionns gu bheil do chas cam,” arsa Niall is e air àrdachadh leis an eòlas.

Sheas Niùtan aig a làn àirde, is thog e a dhà dhòrn:

A bheil thu air son sabaid?” ars esan.

Chan eil,” arsa Niall gu reusanta, “oir is tu is làidre na mi fhathast.”

Ach bha a phàrantan fhathast ag éisdeachd, is thug Niùtan sùil mun cuairt is mhothaich e do mhuilleann-làimhe, is mar gun tainig smuain ùrna cheann, thuirt e gu sunndach: “Mas gun éigh thusaCuaigeanormsa, spìonaidh mi na sùilean asad, is bleithidh mi iad, agus- agus-” is e atoirt suil mun cuairt, “ -bheir mi do na cearcan iad.”

Thog Niall a dha làmh suas gus a shùilean a dhìon fada mun do stad Niùtan abruidhinn, is leig e na h-eibhean ás.

Cha do leig neach seach neach air gun cuala e is chaidh an obair air adhart is thiormaich Niall na deòir.

Ach thuig Niùtan : nach robh e mar chàch; is gum feumadh e sabaid air a shon fhéin.

Beag air bheag dhionnsaidh e gun robh móran den bheachd gun robh e baoghalta chionns gun robh a chas cam is bhruidhneadh iadna éisdeachd mar nach robh e idir anns an làthair.

Shìn e ri dìreadh chun a mhullaich.

Chuimhnich e air an turus a sheas a mhàthair aig ceann an tighe abruidhinn ri athair. “Ach saoil thusa,” ars ise, is i atogail a ceann is acoimhead fon làmh a bha togte ri mala, “saoil air a bheil do mhàthair abeachdachadh nuair a sheasas i cho fad an siud?”

Chan eil i fàs dar nas oige,” ars esan. “Theagamh


[28]

gu bheil i abeachdachadh gu bheil an t-eallach afàs nas truime a h-uile latha.”

Chan e dad den t-seòrsa,” ars a mhàthair bu searbh. “Is ann a tha i adeánamh sealltainn sìos oirrne. Tha i ro-thric gu h-àrd air na mullaich.”

Leig leatha a saorsa fad is a ruigeas i na mullaich,” ars athair, “Tha i afàs sean.”

Thionndaidh a mhàthair air a sàil gun ghuth an corr. Is dòcha gum be sin a ghràbh an còmhradh air inntinn Niùtain.

Bha e mar chleachdadh aig Niùtan a bhith adol an coinneamh a sheanamhair, is chàireadh Brunshuilde fàd mòine no dha air a dhruim, no boitean beag fraoich, is thigeadh an dithis aca dhachaidh gu gaolach, dòigheil. Bha còmhradh a phàrantanna inntin an turus a thubhairt e ri Brunshuilde, a bhana seasamh is a cùlaibh ris abhruaich, ag amharc le mór-thlachd air faileas dorcha nan sgùraidhean a bha aruagadh a chéile thairis air an dùthaich a bha fan comhair air latha earraich: “Faicibh Morgach Mhórna ruith dhachaidh. Geall gu bheil ath-theine aice oir bi an teine aice air dhol ás chionns gu bheil i cho fad air na taighean.”

Choimhead Brunshuilde air an ogha ach cha tubhairt i guth. oir dhaithnich i briathran searbh a mhàtharna bheul.

Lean e air: “Ach nach toir sibhse an aire cho gòrach, amaideach, is a tha Silis acoimhead. Tha i aruith is aruagail a null is a nall mar chreutair aig nach robh a tùr. Tha fios agam gu bheil i aruagadh nan cearcan ás an arbharach tha sinne cho àrd os a cionn is nach fhaic sinne ach cho gòrach is a tha i acoimhead. Tha i dìreach gun tùrna coltas.”

Bha Brunshuildena tosd is lean e air agàireachdaich


[29]

is asgeigearachd gus mu dheireadh thubhairt e rithe: “Nach math dhuinne a dhfhaodas sealltainn sìos orra.”

An ta is math,” ars ise, “ach seall thusa a nis suas.”

Choimhead Niùtan fad a fhradhairc far am faiceadh e, ar leis, an cuan mór aleaghadh air falbh bhuaithena sholus deàlrach. Choimhead e suas far an robh na creagan dubha, gruamach air an sguabadh leis na neòil. Dhamhairc e air na sgoltaidhean is air na sgàinidhean dubha lom is air na sléibhtean riabhach. Dhéisd e ri sìor-ghuth borb an easa ri casadh air na spealgan dubha a bha ag éiridh ás an linne. Dhéisd e ri caoidh ciannail oiteig gaoithe a bha air chall anns aChoire Chlas. Is buille air bhuille bhuail leth-fhacal cànranach, bhon taobh ud eile air bho chridhe fàs Neo-nitheachd.

Cha do choimhead e air Brunshuilde ach rug e air làimh orra is thubhairt e fo anail, “Tugainnimid dhachaidh mum fàs sinn lugha.”

Dhfhalbh iad; is chum e gréim air làimh orra ged a bha e nisna fhaobairneach. Ged a bha an ceum aimhleathain, corrach, cha tubhairt i ris e choiseachd leis fhéin, ach nuair a bha na taighean air fàs mór dhfhalbh e leis fhéin, aruith roimpe.

Is ioma còmhradh tlachdmhor a bha aca agus is ioma duan is sgeulachd a chuala e bhuaipe agus bhitheadh ise sgìth ag innse mum bitheadh esan sgìth ag éisdeachd. Dhaithriseadh i gach sgeul cho beòthail, pongail, atoirt mìn-chunntas air gach a thubhairt is a rinn gach neach, is gun robh Niùtan am beachd gum faca is gun cuala i fhéin gach a dhaithris i.

Aon latha thubhairt e rithe, is e abeachdachadh air sgeulachd: “Is càit an robh Morgach nuair a bha Colla ris a sin?”

Morgach?” arsa Brunshuilde. “ Morgach,”


[30]

Morgach, bean Cholla,” ars esan.

Ach, a luigh,” ars ise, “cha robh Colla as aithne dhuinne beò aig an am a thachair seo. Is e tha seo ach sgeul a chuala mise bho sheanair, is be siud a dhearbh bhriathran a chuala esan bho a sheanair fhéin. Chan fhios dhòmhsa cuin a thachair e ach sud mar a bha, oir is siud mar a chuala mise e aig mo sheanair.”

Agus aithrisidh mise an sgeul dom ogha fhéin nuair a thig an t-am,” arsa Niùtan gu sona.

Choimhead Brunshuilde sìos air a chas chrùbhte is rinn i osna bheag; bha ina tosd ...

An diugh bha e afaireachadh gun robh Brunshuilde na bu tinne air na bha i iomadach uair, ach cha robh i faisg air anns an fheòil chum còmhradh no comhairle a thoirt dha, ged a bha e adìreadh abhearraidh far am bàbhaist dhi fuireach ris. Far an dfhuair e marbh i latha ...

Chunnaic e ina seasamh is a druim ris abhruaich, is an t-eallach air abhearradh. Cha do thog i a làmh ris ged a smèid e rithe, agus cha do fhreagair i nuair a bhruidhinn e, agus bha a sùilean air acheò a bha ag iathadh mun stùc is a bhaga fhilleadh gu geal sàmhach. Dhìrich Niùtan chun abhearraidh is rinn e gurradan os a cionn, ri taobh. Le aon làmh air a gruaidh thionndaidh e a ceann air a shocair, is leag e a ghruaidh mhìn air a gruaidh rocaich.

Cha robh eagal no uamhas air bho sheanamhair ged a bha i cho sàmhach.

Dhfhuasgail e dhith an t-eallach a bha air a cheangal rithe le sìoman fraoich, is leig e ás dhith fads a bhitheadh e ateàrnadh ri taobh. Thuit ise, a bha an ceartuair cho àrd stàiteil, ’na torradan air a beul foidhpe, cas sìnte bhuaipe coltach ri bodach-ròcais


[31]

Theich Niùtan roimhn uamhas, aig nach robh ach suaip fhaoin ri sheanamhair. Theich e is cha do lasaich e gus an do shìn e e fhéin fad fhaid anns achùil far an robh e acadal, aodann ris an tallan is a shuilean dùinte is gun e ach gann atarraing anail. Gus an robh e cinnteach nach robh làmh gus a bhith air a ghualainn is nach robh guthga ghairmna chluais, dhfhuirich ena shìneadh. ’N uair sin dhéirich e. Ged a thubhairt a mhàthair ris: “Am fac thu do sheanamhair?” cha do fhreagair e oir cha burrainn dha innse dhìse an t-uamhas a thachair air Brunshuilde.

Chaidh e a choimhead air son athair ach nuair a ràinig e sheas e ri thaobh gun ghuth. Nuair a thug athair sùil air cha tubhairt Niùtan ach: “Mo sheanamhair —”

Thug athair sùil eile air an aodann a bha cho aogneulach, is cha tubhairt e ach, “Càite?” is an uair a mhothaich e far an do thionndaidh sùilean Niùtain, thubhairt e: “Air abhearradh; an ann?”

Is ann,” arsa Niùtan.

An do dhinnis thu do dmhàthair?” ars athair.

Chrath Niùtan a cheann gu balbh.

Cha do dhinnis dìreach. Innsidh mi fhéin dhi,” is thionndaidh e air falbh is lean Niùtan dlùth ri shàil chun an taighe e.

An ath thurus a chunnaic e a sheanamhair bha e còmhla ri a càirdean is a luchd-eòlais, agus mar a rinn gach neach eile dhiubh chuir e làmh air a mala, is thionndaidh e air falbh gun uamhas gun eagal.

Ged a bheireadh a mhàthair iomradh air bàs Brunshuilde chan abradh Niùtan am facal goirid gnàda seo idir. Is e theireadh Brunshuilde fhéin: “Cha bhàsaich mi ach caochailidh mi.”

Nuair a their eadh Niùtan: “A bheil eagal agaibh roimh


[32]

n chaochladh seo?” fhreagradh ise: “Chan eil eagal orm. Chan urrainn dhomh dàil no cabhag a dheanamh. Feithidh mi an t-ám.”

Le caochladh a sheanamhair thuit móran charan mun taigh air Niùtan, agus gu h-àraidh a bhith ag altrumas na cloinne bige. Ged a be Niall a bòige cha togadh e Diarmad ged a bhitheadh e arànaich; is e theireadh e: “Chan obair do fhear e a bhith ag altrumas.”

Ghàireadh a mhàthair is moitna h-aodann, is theireadh i; “Nach éisd thusa ris. Ach seo thusa, Niùtain, tog thusa an leanabh.”

Gu toileach, thogadh Niùtan am balachan, is aseinn an òran-tàlaidh a sheinneadh Brunshuilde chuireadh e an gill amarcachd air a bhlùn is sheinneadh e;

Làir dhubh bhreabach
Anns na creagan,
Làn an dùirn a
Chaora dearga
Aig bun a h-earbl,
Is ina ruith.”

gus am bitheadh Diarmad air a dhòigh.

Ach ged a bhuain e na caoran dearga còmhla ri Brunshuilde, is an t-aiteal cuideachd, aig an ám sònraichte fhein, is ged a chunnaic e na caoran aseargadh os cionn an àrd-doruis agus an aiteal agléidheadh bainne is bàthach troimhn t-samhradh, cha baithne dha carson no bhuaithe. Nuair a cheasnaicheadh e i, choimheadadh i air mar gun robh i agabhail a thomhas, is chrathadh i a ceann is theireadh i: “Cha tàinig antt-ám fhathast. Feith an t-ám.” ...

Ach a nis bha aBhealltainn ann is cha robh an t-èolas aige. Bha aBhealltainn ann is bha ainm Silis mar an domblas air a theanga.


[33]

An diugh bha iadnan seasamh ri taobh a chéile, an cheann crom, oir bha ise air blàth-bhad a bhuain de bheàrnan-Bhrìde is den chluas-liath bhuidhe. Bha esan asealltainn dhìse an comharradh leis an aithnichte iad bho chéile. Is bha ise acoimhead air na làmhan làidir is air na meòirean tiugha, aghaoisid dhubh air cùl an dùirn suas chun acheud alt. Bha a ceann crom acoimheadh is ag éisdeachd.

An uair sin bha Niall air an cùlaibh, craos gàire air mar a bàbhaist, is e ag éigheach; “Gu gu gu seo?”

Leum Silis air falbh bhuaithe mar thé air an drugte ann am mèirle. Is an uair sin sheas i ag éisdeachd ri fealla-dhà Nèill, le àrdachadh dreachna h-aodann, is le sùilean aboillsgeadh le mire, an ceann grinn air an amhaich chaol air a thaobh, is i acoimhead air Niall bho oir a sùil.

Ged a bha Niall briathrach gu leòr cha robh facal aig Niùtan. Cha robh fios aige air an robh iad abruidhinn oir cha robh tuigse aige air brìgh nam facal ged a bha egan éisdeachd. Cha robh faireachadh aige ach air fearg a bhaga thachdadh, fearg an aghaidh Shillis: fearg cho mór is gum bu mhath leis an amhach àlainn fhàsgadh eadar a dhà làmh laidir. Bhrath is thàmailtich, is dhirioslaich i e. Cha robh rudhadhna gruaidh no boillsgeadhna sùil gus an tàinig Niall.

Mu dheireadh chuimhnich Silis air caran ri dhèanamh is sgioblaich i a h-earbull, is ruith i air falbh gu h-aotrom bhuapa, gach beàrnan-brìde is gach cluas-liath sgapte aig an casan, adeàlradh mar òr buidhe meallta nan daoine-sìth.

Ach”, arsa Niall is e acoimhead ás a déidh, “faic thusa, ’ille, an t-aobrann a th-oirre. Ach feumaidh i ruith


[34]

nas lauithe na siud lath-eigin.” Is bhuail e a bhroilleach le bois mu seach gus an drinn e gliong, is dhimlich e a lipean. Nuair a bha i ás fhianuis chrom Niall is thog e leis am beàrnan-Brìbe is phut e e fo oir na bonaid leathain a bha e nis acleachdadh, ged a bha Niùtan ceannruisgte. Is dhfhalbh Niall air a thuras fhéin, afeadaraich: gun chùram air.

Is gun chan air ...

Bha Niutan adìreadh chun amhullaich fhads a bha e a smuaineachadh. Nuair a rainig e sheas e acoimhead sios. Chunnaic e Silis, beag, beag, is fada bhuaithe. An robh i coimhead air son neach-eigin,

Bha a dhoilgheas fhéin cho geur is gun do thionndaidh e aodann chun na creige ris an bàbhaist a sheanamhair a taic a chuir. Is ged a bha e asireadh le uile bhith, na deòir arith bho shùilean is srulag fhala bho a lip ìosal, cha robh fhios aige a bha e asireadh, no bhuaithe.

Is fads a bha e asireadh aig nach robh iomhaigh no ainm chitheadh e os bàrr gach sealladh a bha fa chomhair, làmhan agus aodann Chonaill. Chitheadh e làrach an losgaidh.

Is cha robh cas cham air Conull bho ám a bhreith.

Is cha robh cas cham air Niall.

Is chitheadh e Silis acoimhead bho oir a sùil.

Ged a bha fios aige nach robh a sheanamhairno neach eileteann air, chluinneadh e mar gum bitheadh dithis no triurno ceathrarag argamaid. Ach cha robh bonn aig an argamaid: is bha fios aige gun robh ena aonar.

Nuair nach burrain dha an còrr fhulang is a reuson a ghleidheadh, chuala e mar gum be a sheanamhair abruidhinn. Chuala e mar a bu tric a chuala e bhuaipe: “Feith an t-ám.”


[35]

Bha e mar fhear a fhuair faothachadh bho àird an fhiabhrais. Thog e a cheann is thionndaidh e mun cuairt. Choimhead e air na sgur an mun robh an ceo asnàgail is ag iathadh; chuala e guth an easa mar thàirneanach fad ás; nigh e aodann is a làmhan ann an uisge donn na mònaich. Rinn e air na taighean is gun smuainna cheann ach nach robh smuainna cheann.

An ath mhadainn bha a h-uile neach, sean is òg dom burrain gluasad, air an cois. Ach cha robh ceò ag éiridh bho aon taigh. Be seo an aon oidhche nach deach teine a smàladh. Gheibheadh iad ath-theine bho theine athar-saan uair a thigheadh an t-ám.

Le beagan bruidhne rinn na fir is na mnathan an t-ullachadh a bha ri dhèanamh. Cha do thuig Niùtan carson a bha a h-uile neach mar gum bitheadh iad air bhioran an latha ad. Cha be seo an t-aon latha den bliadhna air an robh móran obair ri dèanamh. Ach bha gach neach mar gun robh a shaoghal is a shaibhreas ceangailte ri dèanadas an latha-an-diugh. Bha obair ro dèanamh. Bha achlann bheaga air am faicill, acoimhead bho neach gu neach, oir bha am pàrantan samhach Air an làimh eile bha bruidhinn gu lèor aig na gillean is aig na fir òganam measg fhéin. Mun tigeadh am màireach bhitheadh iad air bhoil.

Chaidh gach teaghlach len spréidh, teaghlach an déidh teaghlach, don mhonadh gu aite sonraichte far an robh an comharradh dol a bhith air a chur air gach beothach mun bitheadh iad air am fògradh chun an àrd-mhonaidh fad an t-samhraidh is an fhoghair.

Ged bfhada bhon chaidh an connadh a dheasachadh, bha aghrian an àird an adhair mun do thòisich an obair da-rìreadh. Chaidh an theine an lasach le clais leathainn eadorra, is astar beag bhuapa sheas athair


[36]

Niutain. Riamh, nuair a dhfhaighnicheadh e: “Carson is e mathair a tha an còmhnaidhna sheasamh leis fhéin leis achual chonnaidh?” choimheadadh Brunshuilde air is theireadh i, “Is cubhaidh dha e.”

Ach an uair a bu mhath leis a ceasnachadh na bfhaide, theireadh i: “Tha thu ro òg fhathast; feith an t-ám.”

An diugh, sheas athair mar a sheas e a h-uile bliadhna bho thàinig cuimhne do Niutan, cuaille daraich laiste, beo, ’na làimh. Thigheadh ceann gach teaghlach, fear mu seach, is sheasadh e mu choinneamh, pìos bhuaithe. Eadorra bhathas astiùireadh gach beothach den spréidh. Nuair a bha am beathach eadorra bha am fear leis am bu leis am beathach aleum gu athair Niùtain, agus, os cionn a bheataich, bhuaileadh e an cuaille connaidh gus an tuiteadh sradagan air, is leis an làimh eile chuireadh e mar a bfhearr a burrainn dha a chomharradh fhein air abheathach. Ma bha coltas air gun robh an cual connaidh adol ás, bha neach eigin air laimh gus cual bheo èr a shìneadh dha, oir bha e iomchaidh gum bitheadh gach beathach comharraichte.

Bha an spréidh air chaothach. Thigheadh an crodh, riabhach, no dubh, no odhar, ’nan ruith far an robh iad afaicinn bealach eadar na fir, beathach as déidh beathaich, mar bha an cothrom aig an luchd-stiùiridh. Thigheadh iad. an ceann ìosal air an amhaich, an ceann leis na h-adhaircean tiugha troma a bha acur bacadh air an luatha, ariaghan bho thaobh gu taobh, geal an sùilean measgta le cuislean dearga, ronnan is cop bhom beul. Cha mhór nach robh an éibheach, is comhartaich nan con, is samh an dàthaidh is an losgaidhgan cur ás an rian.

Bha feum air làmh làidir, air cabhag, is air casan luatha an latha ud.


[37]

An déidh na h-ùpraid seo cha robh an obair ach aotrom, ach bha gach neach glé sgìth mun do dhfhalbh na fir phòsda is no mnathan is achlann dhachaidh, oir ged leig iad leis an spréidh sìoladh, bha iad air chaothach a rithist nuair a bhathas adealachadh na bliadhnaich is na -bhliadhnaich bhon chrodh-laoigh is bho na tairbh is na trì-bhliadhnaich.

Bha an oidhche atuiteam mun do shuidh na balaich timcheall an teine afeitheamh gus am bitheadh am bonnach air a roinn. Bha na gillean beaga anns an dorchadas acoimhead mar a bàbhaist do Niùtan a bhith acoimhead. Cha robh nighean ri faicinn fhathast ged a chluinnte sgreud de ghàire, a bheireadh air na balaich tionndadh chun an dorchadais.

Chan eil thusa am beachd fuireach an nochd?” arsa Niall ri bhràthair, nuair a chunnaic e gun robh Niùtan asuidhe am measg na fir.

Carson nach bitheadh?” arsa Niùtan.

Shuidh Niall ri thaobh ach cha do fhreagair e.

Bha feadhainn mun teine a shuidh bliadhna an déidh bliadhna is a shuidheadh gus am bitheadh iadnam fir-phòsda, air nach tàinig an earrann loisgte riamh. Ach bha gach fear deiseil gus a bhith air a dhearbhadh.

Beag air bheag bha abhruidhinn asìoladh. Mu dheireadh bha iad uilenan tosd, afeitheamh. Bhathas aroinn abhonnaich. Aig an aon ám chunnaic Niùtan is Niall gum bann air fear dhiubhsan a thuiteadh an earrann loisgte.

Is leamsa an earrann loisgte:” dheibh Niall, acraosadh leis a ghàire mar a bàbhaist.

Cha tubhairt Niùtan guth ach shìn e a mach a làmh is thog e an earrann loisgte an àird far am faiceadh gach neach.


[38]

Amadain!” arsa Niall gu feargach fo anail.

Cha tubhairt neach eile guth, is ged a thàinig crith bheag fhuar air iomadh fear, ghluais iad air falbh bhon teine.

Ach Conall. Dhéirich Conall is chaidh e chun an teine, agus chìte laraich an losgaidhnan dromannan ghorma air a làmh is air aodann far nach robh feusag afas. Chàraich e an tuilleadh connaidh air an teine is air son mionaid bha an lasair mùchte.

Leis fhéin choisich Niùtan air falbh bhon bhlàths troimhn dorchadas.

Ach ged a bha cuimhne aig an fhear a choisich anns an dorchadas air iomadh a thachair do Niùtan, am be Niùtan, a bha gu dearbha leis fhéin, is an dorchadasna sgàilean dubha timcheall air?

Mar ùird mhóra air innean gobha bha iomadh smuain abualadh cruaidh air inntinn mar a dhrùidh aonarachd air aire an am a dhéibh NiallCuaigeanris mar fhar-ainm. Bhuail aonarachd air cuideachd nuair a chuimhnich e mar a bheireadh Brunshuilde air na h-uillt a leum is iad anns amhonadh leotha fhéin; mar a theireadh i le beag faireachaidh: “Coma leat, chan e an teine a thann,” ged a gheibheadh e bogadh.

Bhuail fuaim an easa mar thàirneanachna chluais, is chuala e fead fhiathaich na stoirm ri milleadh air oidhche gheamhraidh, borb mar sgriach dheamhain ... Ach bha fios aige le earrann de inntinn nach robh ann ach fuaim na lasair is fuaim an t-sùgh agoil ann am ceann fiodh ùr.

Bhrodanaich Conall an teine is leum an lasair, buidhe mar achluas-liath anns an earrach, deàlrach mar am beàrnan-Brìde, agus meallta mar òr nan daoine-sìthe. Is le solus na lasair chunnaic e na h-aodainn aig an fhead-


[39]

hainn a bha afeitheamh, sàmhach, mar mhadaidh ghlàmaireach afeitheamh fàth. Chunnaic e cuideachd le solus na lasair Silis agus Niall ri taobh a chéile, Niall air a ghlùinean is a cheann crom; is Silisna seasamh, a dùirn fàisgte fo a smeigid, a sùilean làn fhosgailte, cruinn, is srula fala aig oir a beòil.

Dhfhairich e an fhuil shaillte air a bhilean fhéin, ged is ann am màireach a thuigeadh e mar a chagain e a liop. Ach os cionn a h-uile faireachadh, dhfhairich e a rithist an neart is an teas aruith troimh a cholann aig tobar Bealach na h-Anait. Cha be guth Chonaill a chuala ena chluais ag éibheach: “Is e seo an t-àm.”

Thàinig esan air an robh cas cham le leum rotach agus bha e air a thogail troimhn dorchadas is troimhn teine is thuit e air achòinneach fhuar.

Bha iomadh làmh a bha air son sealbhachadh gu teann cairdeil air a ghualainn a nis, ach cha robh facal ann ach: “ ’Ille, ’ille,” no, “Is math a rinn thu.”

Ach o mo cheatharnach treum,” arsa Niall is bha na deòirna shùilean nuair a dhfhàisg e làmh a bhràthar ri bhroilleach mun do thionndaidh e far an do dhfhàg e Silisna seasamh. Cha do chuir Silis làmh air a ghualainn is cha do ghuidhe i meal an naidheachd no sealbhachadh dha. Is cha tainig eile faisg air.

Nuair a bha càch ri dannsa is ri othail is ri spòrs chaidh Niùtan dhachaidh leis fhéin, is bha àrd an latha ann mun do dhùisg e.

Cha robh air atharrachadh ach gun robh an taigh na bu shàmhaiche na bàbhaist da. Bha a h-uile mar a bha e abhòinde. Cha robh air atharrachadh ach Niùtan. Chaidh e mach is sheas e aig ceann an tighe is aig an aon ám thàinig Silis timcheall an oisein. Air son priobadh na sùla sheas i reòdhta, acoimheadna shùil-


[40]

ean, acoimhead air an dréin ann an riochd snodha gàire a thog a liop is a leig ris na fiaclan-sùla, fada geala. Cha tubhairt i guth, ach mar an t-adharcan luachrach leis am bu mhath a nead a shàbhaladh, no mar eun air a leòn, theich i is cha do choimhead i air a h-ais.

Ghabh Niùtan an rathad a rithist chun amhullaich, air a shocair. Rithist is a rithist chuir e am bùrn fuar air an liop a bha goirt is air at. Cha do leum e an t-allt nuair a thàinig e thuige ach choisich e troimh uisge donn na mòintich.

Nuair a thàinig e chun abhearraidh sheas e is a chùlaibh ris achreig ag amharc thuige is bhuaithe. Bha sàmhchar is blaths aChéitein ag iathadh ma thimcheall. Choimhead e fad ùine mhór suas air na sgurran is air na stùcan a bha àrd, dubh, air leth, leotha fhéin. Mu dheireadh choimhead e sìos air a chasan is thubhairt e, “Nach fheàrr dhuine a bhith adol sìos mun téid sinn a lughad gu tur.”

Is air a shocair choisich e sios far an robh na taighean, beaga air an t-slios. Is bhuain e an canach min a bha geal àir an t-sliabh, is shlìob e a shìoda geal. Bhuain e an roid, is fo a shròin, phrann e duilleagan is tharraing e am fàileadh cùbhraidh a stigh is dhfhalbh samh an dàthaidh ás a chuinneanan. Bhuain e am moglan-mòintich, gorm-dhearg, rìgheal, is thionndaidh e an rathad ud is an rathad ud eile iad le mheòirean tiugha làidir, air an robh aghaoisid afas dubh chun na h-uilt.

Bha blàth-bhad den chanach is den mhogulan-mhòintichna laimh nuair a ràinig e an cnocan air an robh am beàrnan-Brìde is achluas-liath a nis air seargadh. Sheas e is chuala e a bhith ag éibheach air. Bha na balaich is na fir òga adol a bhith ris an leum fhada, an robh esan dol a bhith gabhail pàirt anns an t-strìth?

Mun dfhuair e tìde freagairt thàinig Diarmad is thug


[41]

e sùil air is thog e a ghàirdeanan ag éibheach: “Làir dhubh bhreabach, làir dhubh bhreabach!”

Thog Niùtan a làmh gu suairc ris na fir is thionndaidh e a chùl orra. Is gann gun robh e ceartna shuidhe nuair a bha Diarmada shùilean adeàrrsadhcasa-gòbhlach thairis air a shliasaid.

Ach fada mun do dhfhàs Diarmad sgìth den chleas, leum e sìos is dhfhalbh ena ruith. Nuair a fhuair Niùtan cothrom tionndaidh bha Diarmad is a làmhan mu amhaich Shilis. Bha ise air a ghlùin, a smeigead air ceann Dhiarmaid, is i acoimhead thairis air ri Niutan.

Silis,” ars esan.

Is bha a h-ainm a rithist mar mhil air a theanga.

titleNa h-uird mhora
internal date1972.0
display date1972
publication date1972
level
reference template

Watt A’ Bhratach Dhealrach %p

parent textA’ Bhratach Dhealrach
<< please select a word
<< please select a page