Ach ’na dhuthaich fhein
BHA AN teaghlach uile cruinn mun bhòrd, is mar a b’ àbhaist air a’ cheud fheasgar, nuair a thilleadh Seonaidh — ged a b’ ann air son trì latha no air son trì seachdainn — bhitheadh gach nì is gach neach cho òrdail suairc is ged a b’ e an neach a b’ uaisle anns an tìr a bha ’gan tadhal. Am màireach bhitheadh balgan uisge air na boisean boga, mìne, agus is e an éibh a bhitheadh ris air an raoin fheòir, “Sheonaidh, feuch an geàrr thu rathad do ’n tractor!” no, “An speal thu an t-oisean ud?” no “An téid thu am mullach an lod?” Bhitheadh e am màireach ionnan ri càch. Cha mhór. Ach cha bhitheadh buileach; oir ged a thigeadh balgan air na boisean, cha loisgeadh a’ ghrian an druim na bu duinne — a dhruim-san a bha donn a cheana le grian Bhermuda is Fhlorida
An nochd bha Seonaidh air tilleadh bho Lunnain far an robh e aig co-thionalan fheadhainn àraidh a bha a’ bheachdachadh air ciamar a bha éisg na mara a’ cur brath gu chéile. An nochd shuidh athair fada aig a’ bhòrd, ag éisdeachd ri gach naidheachd is ri gach ceist; is shuidh a mhàthair, a bha cho coltach ri Seonaidh, àrd, bàn, ruiteach, a’ toirt truiseadh beag air a muilicheanan an dràsda is a rithist nuair a dhìchuimhnicheadh i, oir cha bhitheadh i ’gan cleachdadh gus cùl a dùirn. B’fheudar do na balaich iad fhéin a nighe gus an robh deàrrsadh annta, ach bha iad de ’n bheachd gun robh feuch an saothair aca oir cha b’ ann orra a bha sùil am màthar fad’ s a bha iad a’ dèanamh cinnteach nach robh nì a chòcaraich i a’ dol a dholaidh. Is bha Tormod ann — na bu mheanbha dòcha na Seonaidh — coltach ri
athair, na bu rìghne, le falt bachlagach dubh, is sùilean gorma mar A’ Mhaoil air latha reòdhta geamhraidh.
Chionns gun robh nàdur cho aoidheil, suilbhir aig Seonaidh ghabhte ris anns gach comunn anns am bitheadh e, is cha bhitheadh e fad aig an tigh gus am bitheadh gach bodach is cailleach a’ cur fàilte is furan air mar gun robh an tìde slaodach bho dh’fhalbh e. Is b’ ann mar sin a bha gach neach anns an teaghlach mu dhéidhinn cuideachd.
Mu dheireadh thionndaidh Seonaidh ris na balaich nuar a bha e cinnteach gun robh iad coma ged a bhitheadh aire am màthar orra is thubhairt e, “Seadh, ’illean, is a bheil dol air aig Mòrag Ruaraidh ar cumail fo smachd?”
Ma bha am fear a thubhairt gu dàna, “Tha barrachd smachd aice air Tormod ann an dòigh,” a’ suadhadh aobrunn air son greis cha tubhairt neach guth ris, is b’ e Tormod a thubhairt, “Bithidh i aig a’ cho-sheirm is aig an dannsa an nochd, is chì thu an sin i. Bha mise am beachd coiseachd sìos oir bha mi dol a thadhal air Ruaraidh. Tha agh aige a tha an ám a bhith a’ cur laoigh. Nach coisich thu còmhla rium?”
“Saoil thusa,” ars athair, “nach ann air Ruaraidh a thàinig an dà latha, nuair a ghabhas e comhairle bho neach eile mu dhéidhinn obair chruidh? Thog an t-agh ud aige a h-uile duais anns an àite. Ach is ann a thug e a mhisneachd bhuaithe. Ach fhathast chan eil neach eile cho sgileil anns an àite am measg chruidh ri Ruaraidh, is bu ladarna am fear a ghabhadh air fhéin a chomhairleachadh — ged a b’ e a bheat fhéin e.”
“Tha e a’ fàs sean,” arsa Tormod.
“Oo tha smior anns an oige,” ars athair.
Ach mun deach an argamaid air a bonn eadar aois is
òige thubhairt Seonaidh, “Nach b’fheàrr dha brath a chur air a’ bheat, ma tha leithid sin de iomagain air.”
“Oo rinn e sin,” ars athair, “is tha esan ag ràdh nach eagal dhi. Ach cha chreid Ruaraidh e ged is math leis a bheachd.”
“Ma thà,” arsa Seonaidh, “nì sinn mar a tha Tormod ag ràdh. Bheir e cothrom dhomh fhéin a h-uile neach aca fhaicinn is a’ mhuinntir eile fad ’s a tha sinn a’ coiseachd sìos.”
Is ann mar sin a bha. Chuir Ruaraidh is an teaghlach fàilte air Seonaidh, is fad ’s a bha càch a’ gabhail a naidheachd, ghabh Ruaraidh is Tormod ceum chun na bàthaich.
Thugadh an t-agh a steach far na raoin bho chionn latha no dhà is bha i ’na seasamh gu socair ged nach robh i a’ cnàmh a cìre. Chuir Tormod oir a bhois ri bun a h-earbaill is làimhsich e gu socair an t-ùgh is na sinean.
“Dé do bheachd fhéin a nis?” arsa Ruairidh, nach tug a shùil dheth.
“Beiridh i fo mheadhon oidhche, tha mi an dùil,” arsa Tormod.
“Dìreach,” ars am fear eile. “Tha am muir-làn ann mun uair sin.”
“Uill, bithidh i ceart gu leòir. Dad a dh’eagal dhi. Dh’ fhuirichinn fhéin còmhla ribh — chan e gum bitheadh feum agaibh orm, ach is fheàrr dithis na aon fhear aig a leithid seo a dh’ám — ach gheall mi a bhith ’gan cuideachadh an nochd,” arsa Tormod is a shùil air Mòrag is air Seonaidh a bha a’ feitheamh riutha aig ceann an taighe.
Bha Mòrag is Seonaidh làn thoilichte an tuilleadh eòlais a chur air a chéile. Chaidh iad d ’n sgoil còmhla
is bha Mòrag foghlumaichte cha mhór co-ionnan ris, is b’ aithne dhi a shaoghal, ged a roghnaich i tighinn dhachaidh is a bhith anns an sgoil ag ionnsachadh clann na dùthcha far an do thogaidh i. Bha Mòrag a’ faicinn móran mar fhiachaibh oirre. Chionns nach fhaigheadh a bràithrean an cosnadh air am b’ fhiù iad aig an taigh dh’fhuemadh ise a bhith ’na cùl-taic d’ h-athair gu h-àraidh. Is ged bu mhìn, bhanail i, chuireadh i am ball-pàrlamaid ’na fhallus uair is uair, aig gach coinneamh le ceistean air nach robh fuasgladh aige. Cha robh iursach anns an sgoil nac do ghabh am barrachd saothair dhi fhéin ri linn comhairle Mhòraig; cha robh fear no té leis am bu mhiann adhartas a dhèanamh le foghlum no le fearann nach cuidicheadh i le h-eòlas. Cha robh i na b’ aotruime, toilichte a’ danns air oidhche Shathcrna na bha i a’ seinn còmhla ris a’ cho-sheirm air an t-Sàbaid. Ach ged nach aidicheadh e airson an t-saoghail e, bha barrachd clisgeadh ann an cridhe Thormoid nuair a chitheadh e i na bha air a bhràithrean nuair nach do rinn iad an leasan dhi.
Ged a bha Ruaraidh a’ bruidhinn ris cha chuala Tormod ceart dé a bha e ag ràdh, ach chluinneadh e Seonaidh ag ràdh, “Ach a Mhòrag, a bheil cuimhne agad an turus a thilg thu an leabhar Laidinn agam anns an luba?”
“Tha,” thubhairt Mòrag gun nàire gun athadh.
“Fhuair mi mo shlaiseadh air a shàilibh,” arsa Seonaidh, ach gun ghamhlas air bhith na ghuth.
“Is nach bu gheal a thoill thu e, aig an robh cho beag suim de leabhar luachmhor,” arsa Mòrag gu fanaideach. Ghàir iad le chéile.
Nuair a dhealaich iad bha e fhathast a’ coimhead air ais thar a ghualainn is ag éibheach ri Morag, “Dannsaidh mi far do chasan an nochd thu!”
Ged a thog i a làmh ris cha tubhairt Morag ach, “Chi sinn,” oir bha i ag éisdeachd ri h-athair ag innse beachd Thormoid air an agh.
Dh’fhalbh na bràithrean, Seonaidh a’ beachdachadh air gach atharrachadh a thàinig an rathad, ged nach b’ e ach dorus a bh’ air atharrachadh dath. Bha Tormod glé thoilichte a bhith ag éisdeachd ris gus am fac iad Coinneach Peigi a bha cho gealtach bho dorchadas na h-oidhche is a cuid, is nach coisicheadh air meadhon an rathaid ged a bhitheadh a’ ghrian an àird an adhair nam b’ e rathad chun a’ chladh e.
“Ach ciod e an fhaoineas ris a bheil Coinneach an ceart uair?” arsa Seonaidh.
“O cluinnidh sinn,” thubhairt Tormod, “oir tha e air mothachadh dhuinn is bithidh e airson do naidheachd fhaotainn.”
“Ach a bheil sagarets ort?” dh’fhaighnich Seonaidh, is ghabh e bhuaithe a’ phacaid a shìn Tormod dha. Bha fios aig an dithis aca gum b’ e beachd Choinnich e gun robh e mar fhiachaibh air Seonaidh pacaid a thoirt dha a h-uile turus a thigeadh e. Chan e gu smocadh Coinneach a h-aon diubh, ach bu mhath leis an tairgse do gach neach ris an tachradh e, is theireadh e, “Sagarets a fhuair mi fhéin bho Sheonaidh Eòghain. Fhuair e iad thall thairis. Chan fhaigh sibh an leithid an seo.” Ach bhitheadh am fear a bheireadh leis aon diubh glé sgiobalta — no glé aineolach air na modhan.
“A bheil sibh a’ faineachadh an fhir a tha seo?” dh’ fhaighnich Tormod nuair a ràinig iad.
“Carson nach bitheadh?” fhreagair Coinneach is e sìneadh a làimh. “Nach bu tric a bha e ’gam bhuaireadh.”
“Is dé a tha sibh fhéin ris an ceart uair, a Choinnich?” nuair a bha Coinneach air a’ phacaid a chur far am bitheadh i deasail dha.
“An tà bha ag éisdeachd ris na h-eoin is iad a’ ceilearadh ri chéile. Tha iad dìreach a’ bruidhinn ri chéile.”
“A bheil gu dearbha?’ ar’sa Seonaidh.
“Is e car de ’n aon obair a tha agaibhse is aig Seonaidh ann an seo,” arsa Tormod. “Ach is e a tha esan ag ionnsachadh ciamar a tha iasg a’ cur brath gu iasg eile.”
“A bheil gu dearbha?” arsa Coinneach, is e cho frionasach ri fear a bha air a lot le deanntag. “Is breàgha leam fhéin a leig iad dhachaidh e.”
“Chan eil mi ag ràdh nach cuala sibhse na h-éisg eadhon a’ bruidhinn ri chéile, a Choinnich?” thubhairt Seonaidh is gné de thàmailt air.
“O gu tric, tric,” thubhairt Coinneach gun dail gun tilleadh.
“Is dé a tha iad ag ràdh ruibh, matà? Nach innis sibh dhomh.”
“Tha,” arsa Coinneach, “gun ghuth a their thusa a chreidsinn,” is ghabh e a steach mum beireadh an oidhche air.
Ghabh na bràithrean an rathad a’ gàireachdaich, ach ann an ceann tiotain thubhairt Seonaidh, “Saoil thusa an e siud beachd na dùthcha air m’ obair?”
“Faigh thusa a mach cò nach seasadh ’na do bhrògan is an uair sin bithidh fios againn,” arsa Tormod.
Bha am beachdan fhéin aig a’ chuideachd ged nach do leig iad ris ri Seonaidh iad, is bha gach fear is té glé thoilichte an nuair a chuireadh e fàilte orra gu caoimhneil is a stiuireadh e iad gu àite suidhe.
“A bheil fios dé a tha e ris?” ars Ealasaid Phàdraig ri Anna Bhàn. “Obair airgeadach air choireigin a réir coltais.”
“Tha mise a’ tuigsinn,” ars Anna, mar neach a theireadh ‘Mas briag bhuam e is bhriag thugam e,’ “Tha
mise a’ tuigsinn gu bheil e a’ cur èolas air ciamar a tha na h-éisg a’ bruidhinn ri chéile — is gu h-àraidh na puthagan.”
“Uh-hu?” ars Ealasaid, is i a’toirt sùil gheur air Anna, “Is dé nì an t-eòlas sin dhà?”
“A réir mar a tha mise a’ tuigsinn a’ ghnothaich, ionnsaichidh iad na puthagan ri nàdur de chìobaireachd.”
“Cìobaireachd, an tubhairt thu” ars Ealasaid.
“Chan ann ri a bith a’ cìobaireachd air muir.”
“Cìobaireachd air muir? Uh-hu?”
“Cuinhnich,” ars Anna, “Chan eil agamsa ach mar a chuala mi. Nuair a gheibh iad brath gu bheil sgaoth rionnaich — no sgadain — no iasg bith — faisg air tìr, cuairtichidh na puthagan iad, mar gum bitheadh cìobairean le ’n cuid chon, is cuiridh iad ann an gné de fhang anns a’ mhuir iad. An uair sin dealaichidh iad na ban-éisg bho na h-éisg eile. Theid na h-éisg air nac eil feum aca an ceart uair a ruagadh fo sgaoil. Cha chuala mise riamh a leithid. Tha iad ag ràdh gu bheil puthag cho glic ri cù.”
“Is nas glice na iomadh duine,” ars Ealasaid gu tioram.
“Ach o an creutair,” arsa Sine Mhór a bha anns a éisdeachd is a sùil air Seonaidh a bha a nis a’ faotainn àite do Mhorag far am bitheadh e ri taobh, “An creutair is e air choltas cho foghainnteach. Nach ann aig a mhàthair a bhitheas an cridhe goirt.”
Cha d’ fhuair na mnathan cothrom an còrr abairt oir bha am pìobaire a séideadh suas a cheana, is bha neach ’ga shocracadh fhéin air séir chruaidh fhiodha, is bha fear na cathrach a’ dèanamh air a chasan.
Ach mun do thòisich an dannsa, chaidh Iain Bàn, a bha mar a b’ abhaist a’ cumail a shùil air an fheadhainn
a bha dol a bhith a’ seinn, air a chorra-beaga far an robh Mórag le brath gum bu mhath le a h-athair bruidhinn rithe air an fhón.
Le facal gèarr ri Seonaidh chaidh Mòrag — is i a’ toirt sùil càit an robh Tormod — chun na cùile far an robh am fón.
“Saoil,” arsa Ruaraidh,” am bitheadh e ceart dhomh iarraidh air Tormod tighinn a nuas?”
“An e an t-agh e?” arsa Mòrag is i a’ sgioblachadh a còta uimpe leis an dara làimh.
“Is e,” ars a h-athair.
Mun d’ fhuair e an còrr a ràdh thubhairt ise, “Bithidh sinn suas anns a’ mhionaid,” is thionndaidh i far an robh Tormod a’ feitheamh. “An t-agh,” ars ise mun do chuir Tormod briathran air a’ cheist.
“Iarraidh mi air Iain Bàn coimhead ri mo chuidsa de ’n ghnothach,” arsa Tormod, “is bithidh mi còmhla riut a dh’aithghearr.”
Cha robh leisgeul ri iarraidh no ri thoirt aig luchd stuic, is dh’fhalbh iad gu samhach, le cheile. Is e Mórag a bha a’ draibheadh is bha a h-aire air a ghnothaich is cha tug iad guth air Seonaidh gus an tubhairt Tormod, “Is bochd thusa a bhith a’ call an dannsa. Is ann a dh’ fhaodadh tu tilleadh nuair a chuireas tu mise suas. Dh’ fhaodadh tu Seonaidh a thoirt dhachaidh.”
Theagamh gun robh fìor chabhag air Mórag, oir thug i an car timcheall an oisean cha mhor air aon chuibheall mun tubhairt i, “Chan aithne dhomh gu bheil dad cèarr air a chasan,” is cha tubhairt i an còrr gus an do thionndaidh i gu rathad na bàthaiche. “Bithidh m’ athair anns a’ bhàthaich.” ars ise.
Thug Tormod sùil air an agh a bha ’na seasamh gu stòlda soitheamh, ged a bha ronnan bho beul, is thug
e sùil ealamh, èolach air an ùrlar far an robh am beathach ’na seasamh.
“Dé, saoil sibhse, a tha ceàrr?” ars esan ri Ruaraidh.
“Chan eil mi cinnteach,” ars esan, “ach chan eil an laogh a’ tighinn mar bu chorr dhà.”
“A bheil ròpa agaibh deiseil?” dh’fhaighnich Tormod.
“Tha a h-uile nì a tha iomchaidh agam an seo,” fhreagair Ruaraidh gu trom, “ach cha dèan ròpa nì a dh’fheum an ceart uair.”
“De mu dhéidhinn a’ bheat?”
“Tha e air falbh aig pòsadh a pheathar. Cha bhi e dhachaidh an nochd. Feumaidh tu fhéin an gnothach a dhèanamh. Bheir mi seòladh dhut mas fheudar.”
Bha Tormod air a sheacaid a chrochadh air tarraig is bha a cheann ’na léine nuair a thàinig Mòrag chun an doruis a bha fosgailte, oir bha an oidhche blàth, is thubhairt i, “Seo dhut bòtainn is seann dongarees le m’ athair,” is dh’fhalbh i cho samhach is a thàinig i.
Chuir Tormod air an t-aodach is nigh e a làmhan is a ghàirdeanan.
“Tha fios agad ciamar is còir do ’n laogh a bhith ’na laighe?” dh’fhaighnich Ruaraidh.
“Tha,” arsa Tormod.
Thug Ruaraidh sùil eile air an agh is sùil air Tormod a b’ aithne dha bho rugadh e is thubhairt e, “Feumaidh tu do làmh a chuir a steach.”
“Feumaidh,” ars esan.
Sheas Ruaraidh aig ceann an aighe, a ceann fo achleis ’ga gaolachadh, is a shùil air Tormod, a’ leughadh ’na aodann gach nì a bha na meòirean, a bha a’ rannsachadh, iongag thar iongag, gu socair sèimh, ag innse do ’n tuigse. Thainig stad anns a’ ghàirdean, ach bha an inntinn trang ged nach leughadh Ruaraidh a nis i. Mu dheireadh, nuair
nach robh guth aig Tormod, thubhairt e, “Seadh?”
“Is e mo bheachd e gu bheil ceann an laoigh air a thionndadh air a tharsainn.”
“Feumaidh tu, ma tha, a chur dìreach,” arsa Ruaraidh, mar nach robh dà dòigh air. Leag e a cheann air son tiotan ri amhaich an aighe mun tubhairt e, “Chan fhac thusa mart a’ bàsachadh ri cur laoigh — is na leigeadh gu faic.”
Cha do fhreagair Tormod, ach cha robh na meòirean teoma ’nan tàmh. Ann an ceann mionaid tharraing e air ais a làmh, oirleach that òirlich.
“Saoilidh mi gu bheil e nis ’na laighe gu nàdurra,” arsa Tormod, is sheas na fir taobh ri taobh, a’ feithamh, sàmhach, iomagaineach. Chaidh na mionaidean seachad mun tubhairt Ruaraidh gu sona dòchasach. “Tha e a’ gluasad.”
Ach chaidh uair fhada air a ceann seachad mun do thog e laogh gasda bhuaipe.
“Coimheadaidh mi fhéin ris an laogh a nis,” thubhairt Ruaraidh. “Bi thusa a’ dol chun an taighe is abair ri Mòrag nach bi mi tiotan. Bithidh i air a cois.”
Bha an taigh sàmhach, ’na chadal, ach mun d’ ràinig Tormod an dorus ghròc Morag air na coin, mun dùsgadh iad càch.
“Ciamar a chaidh dhuibh?” dh’fhaighnich i, is fhreagair Tormod gu toilichte, “Laogh breagha boireann,” is an uair sin lean e air, “Ach is ann tha an t-ionnsachadh ann a bhith comhla ri d’ athair aig leithid a dh’ám. Chan e mhàin gun do dh’ionnsaich mi mu dhéidhinn stoc, ach chuir mi èolas air iomadh ni eile fad ’s a bha sinn a’ feitheamh.”
Thug Mòrag sùil air ach cha tubhairt i ach, “Sud agad seanbhadair, is tha uisge teth gc leòr ann. Is aithne dhut
do rathad.” Thionndaidh i ri biadh a dheasachadh is chuimhnich Tormod air cho briathrach is a bha i ri Seonaidh, ach có a bha a’ dol a dhèanamh luaidh air iongantas cur laoigh? Ach Ruaraidh. Is Tormod, a thog e gu co-ionnanachd ris airson tiotan.
Nuair a thill Tormod is deàrrsadh ’na chraiceann bha Ruaraidh e fhéin air tighinn a steach is e air eachdraidh a dhèanamh air obair na h-oidhche. Bha botul oiseanach is dà ghlainne mu choinneamh. “An gabh thu ghlainne?” ars esan ri Tormod. Nuair a dhiùlt e cha tubhairt e ach, “Cha ghabh dìreach. Ach gabhaidh thu mo leisgeul sa. Saoilidh mi gum b’ fheàirrde mi fhéin drùhag.” Thomhais e leth na glainne dha fhéin mun do shuidh iad mun bhòrd a bha deasaichte aig Mòrag.
An déidh iomagain is spàirn na h-oidhche bha Ruaraidh glé bhruidhneach, is dh’éisd an dithis eile gun a bhith ach a’ cur facal no dhà ris a’ chòmhradh. B’ e Mòrag a fhreagair e nuair a thubhairt a h-athair ri Tormod, “Ach nach bochd nach do dh’ionnsaich Seonaidh ceaird dha fhein a bhitheadh gus nì a dh’fheum do dhaoine.”
“Nach eil fios gu bheil feum ’na obair, no chan fhaigheadh e leithid a dhuais,” thubhairt i gu biorach.
“Leithsgeul,” ars a h-athair, “do na rìgheachdan móra faotainn a mach dé an t-olc a tha iad a cleith bho chéile. Olc nach leig an nàire dhaibh innse, is chan eil cion bathais orra. Chan eil ann ach sin. Is e iadsan a tha a’ meas gu bheil e airidh air duais mhór. De a bhuanaicheas daoine cumanta coltach rinn fhein de shaothair?”
“Cuidichidh an t-eòlas seo iad ri iomadh nì — a dhol chun na gealaich — no gu reultan eile.”
“Chan ann mar sin a gheibh sibh buaidh air farsaingeachd is dìomhaireachd an co-chruthachaidh, ach le
bhith riaghladh gu gleusda mu thimcheall leacan bhur teine fhéin. Is chan eil mi a’ faicinn dol agaibh air sin fhathast,” arsa Ruaraidh leis am bu ghlé mhath a bhith tarraing á Mòraig.
“Ach dé an t-adhartas a thigheadh air ar saoghal mar sin? Tha Seonaidh a’ siubhal an t-saoghail, is a’ faicinn an t-saoghail.”
“Tha e siubhal nan speuran, mar a bha m’ athair a bha ’na làmh air an ‘Southern Trader’ a’ siubhal nan cuan. Ach dé do bheachd fhéin, a Thormoid?”
“Is dòcha gu bheil an dà chuid feumail,” arsa Tormod, a bha a’ beachdachadh air mar a bha Morag a’ dìon Sheonaidh, ach nach robh cho dìochuimhneach is nach robh cuimhne aige ged b’ e barail Mòrag is a h-athair e gun robh dà thaobh air a’ Mhaoil, gum bu mhì-shealbhach am fear a dh’fheuchadh ri seòladh eadorra. Lean e air. “Nach b’ fhèarr, dhomh suil a thoirt air an agh mun falbh mi?”
Ach bu mhath le Ruaraidh fhéin sùil a thoirt oirre is nuair a thill e thubhairt e, “Tha i a’ cnàmh a cìre, bithidh i ceart gu leòr. Ach a Dhé nach ann agamsa a bhitheas an naidheachd do ’n bheat.” Is stadh e e fhéin gu sona sgìth.
“Ruigidh mi an geata mór còmhla riut,” arsa Mòrag nuair a rinn Tormod air falbh, “oir tha an oidhche cho breàgha is gum b’ e cron a bhitheadh ann gun a mhath a ghabhail.”
Choisich iad ri taobh a chéile, is sìth-shàmh na h-oidhche ’gan cuairteachadh. Cha robh e dorcha, is bha na speuran soilleir, is ged nach robh glasadh air an latha bha an talamh beò air bhith a’ dusgadh ás a shuaimhneas is e fhathast fillte ann am blàtha cùbhraidh an latha a chaidh seachad.
Nuair a ràinig iad an geata leag iad an gàirdeanan air is sheas iad air stairseach saoghal a bha ag ath-nuadhachadh is iad ag éisdeachd ri fann-shian na tràtha. Sheas iad gun chabhag a’ greimeachadh air an tìm seo is ’ga fhilleadh is ’ga theisgeadh ann an dearbh uaigneas am bith.
Ged nach robh air an saoghal ach iad fhéin is ged nach robh ann a chluinneadh iad is ann fo anail a thubhairt Tormod rithe, “A Mhòrag?”
B’ ann fo h-anail a thuirt Mórag, “Seadh?” is sheas i a’ feitheamh.
Is gu socair thàinig ceist ris nach robh sùil aice:
“A Mhòrag, carson a thilg thu a leabhar Laidinn aig Seonaidh ann an luba?”
Cha do fhreagair i anns a’ mhionaid, ach nach robh tìde gu leor air son faighneachd is freagairt.
title | Ach na dhuthaich fhein |
internal date | 1972.0 |
display date | 1972 |
publication date | 1972 |
level | |
reference template | Watt A’ Bhratach Dhealrach %p |
parent text | A’ Bhratach Dhealrach |