Chan eil leabhar sam bith coimhlionta an diugh gun fhacal àraidh do na boirionnaich! Gus nach bi Gairm air deireadh air a’ chorr, tha sinn air cuireadh a thoirt do CHAIRISTIONA NICAOIDH—bana Mhuileach a tha pòsda aig Leódhasach—an rud a throgras i fhéin a dhèanamh ris na duilleagan so, fhad’s a chumas i na boirionnaich air an dòigh agus fhad’s nach maslaich i na fir!
Tha Cairistiona an dòchas gun gabh mnathan agus caileagan na Gaidhealtachd ùidh agus tlachd ’na cuid sgrìobhaidh, agus nach bi leisg orra sgrìobag a chur thuice mu ghnothuich sam bith anns am bheil ùidh àraidh aca.
Bha dùil againn dealbh Cairistiona a chur air an duilleig so, ach an uair a thuirt sinn sin rithe ’s ann a theab i an ceann ’s na cluasan a thoirt dhinn. “Dealbh!” ars’ ise. “Cha chuir no dealbh gus am faigh mise sios am baile airson perm!” Agus leis a sin, thug i fhéin agus Alasdair agus Fióna, Leódhas orra, agus chan fhaca agus cha chuala sinne an corr bhuaipe bhon uair sin, ach a mhàin gun do chuir i thugainn an seanachas a leanas.
—NA FIR-DEASACHAIDH.
title | Gnothuich Bhoirionnach (Ro-Ràdh) |
writers | Derick Smith Thomson, Finlay John MacDonald |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
parent text | Gairm 1 |