[64]

Gnothuich Bhoirionnach

AM bheil fhios agaibh a’ cheud rud air am bheil mi a’ dol a bhruidhinn? Thatighean! Chan eil an còrr air m’inntinn-sa an dràsda, oir tha mi fhéin agus Alasdair agus an bheag dìreach air an imrich a dhèanamh gu tigh briagha ùr ann an Glaschu! Tha ceithir bliadhna bhon a phòs sinn, agus ’s ann a nise a tha sinn air tigh fhaotainn dhuinn fhéin. Agus cha sinne an aon fheadhainntha càraidean òga ann an Glaschu a tha air a bhith pòsda bho chionn bhliadhnachan nam bliadhnachan agus iad fhathast gun sgeul aca air àite còmhnuidh dhoibh fhéin; tha iad an dara cuid a’ fuireach còmhla ri pàrantan, no a pàigheadh màl sgriosail ann an tigh duin-eile. Cha robh sinne idir dona dheth; bha sinn còmhla ri deagh Ghaidheilfeadhainn comhla ris an robh sinn cho toilichte ’s a throgramaid. Ach air a shon sin, rinn sinn toileachadh ri ar tigh beag fhéin!

Chan e gur e tigh beag a th’anntrì seòmraichean cadail agus seòmar nighe, seòmar suidhe agus cidsin mór soilleir. Ma tha sibhse de’n bhuidhinn fhortanaich aig am bheil fear de na tighean ùra a tha iad a’ togail an diugh, cha leig mise leas innseadh dhuibh mu na goireasan a tha a’ dèanamh obair tighe nas fhasa ’s nas inntinniche na b’àbhaist dhith bhithàite teine nach leig leas ach suathadh beag le bréid fhliuch, dorsan agus ballachan cho réidh còmhnard ’s nach eil cothrom aig dust laighe orra, agus a liuthad eile, gun tighinn idir air gach àsuig fheumail a thainig an cois obair an dealain.

Faodaidh eadhon ceòl a bhith aig bean an tighe an diugh an ám sgùraidh is glanaidh is nigheadaireachd. Cha mhór dhiubh leis nach toigh éisdeachd ri “Housewife’s Choice” agus rudan mar sin. O nach tigeadh an latha anns am faiceadh am BBC e iomchuidh cothrom a thoirt do mhnathan tighe na Gaidhealtachd an rogha féin de òrain Ghàidhlig a chluinntinn uair no uaireiginn! Tha mi cinnteach gum bheil gu leòir de luchd Beurla ris an còrdadh na h-òrain ged a dh’fhaodadh nach tuigeadh iad na facail.


[65]

THACHAIR dhomh an latha roimhe a bhith cuairt anns a’ bhailechan ann tric a gheibh mi sios ’s mi cho ceangailte ris an tigh leis an bhig. (Sin aon bhristeadh cridhe anns a’ bhaile mhórfeuchainn ri dhol mun cuairt le leanabh). “Nach b’e an latha earsa mise rium fhéin, an uair a chaidh mi a cheannach stocainnean. Thainig an nighean òg a bha air taobh thall a’ chunntair a nall le paidhir nylons! “Very sheer” ars ise. Agus bhà iad sin. O chionn beagan mhìosan an so, cha robh thu ach a’ dèanamh òinnsich dhiot fhéin nan ainmicheadh tu nylons, ach tha gu leòir gan seotadh riut an diugh anns a h-uile bùthaidh an Glaschu. Agus sin aig prìs chothromach cuideachd. Tha an dearbh rud fìor mu aodaichean nylon. Gheibh thu gun-oidhche briagha nylon an diugh gu math saorgheibh agus còta-bàn, is rudan de’n t-seòrsa sin.

’S tric a thainig e steach orm gum bu ghlic dhuinn, aig an ám so de’n bhliadhna, rudan beaga a cheannach, uidh air n-uidh, airson gibhtean Nollaige, chan e a bhith ruith ’s a’ leum an uair a thig e faisg air meadhon na Dùdlachd.

Taing do’n t-Sealbh, tha móran de rudan nas saoire an diugh na bha iad. Tha plangaidean aig prìs choltach, agus cotan airson dreasaichean agus anart chuirteirean cho saor agus a chunnaic mise riamh iad. Ach ’s e bargan na mìosa sosoithichean. Bho chionn ghoirid ann an so chan fhaigheadh sibh ann an Glaschu ach soithichean bùird grannda tiugh aig pris eagallach. Ach chan ann mar sin a tha nise. Gheibh sibh, abraibh, soithichean tea, ann am pàtran grinn “Willow Pattern” aig beagan is trì notaichean’se sin dusan cupa, dusan truinnsear agus mar sin air adhart.


[66]

Clas Gàidhlig Gairm.

Cuid de’n chloinn bhig a bha aig a’ chlas an uiridh, comhla ris an dithis luchd teagaisgAnna NicLeòid agus “Jake” MacDhomhnuill.

FOGHNAIDH sud de na bùthan. Tha aon rud eile bu mhath leam iomradh a dhèanamh air, agus is e sin Clas Gàidhlig Gairm a bha ann am Aitreabh nan Gaidheal fad na ràithe so chaidh. Bha an clas airson leanaban beagatrì bliadhna gu cóig bliadhnafo stiùireadh Anna Nicleòid agus Iain A (no Jake) MhicDhomhnuill. Nam faiceadh sibhse an fheadhainn bheaga, mu dheich thar fhichead aca, a h-uile maduinn Di-Sathuirne. Bha iad ann an sud air an làn dòigh, a’ cluiche ’s ag ionnsachadh Gàidhlige còmhla ri Anna agus ri Jake. Abraibh gun robh iad a’ togail Gàidhlig cuideachd! Sud an aois air a son, agus tha mi toilichte a chluinntinn gum bheilear gu bhith gabhail clann suas gu aona-bliadhna-deug an ath bhliadhna. Bithidh iad a’ coinneachadh ann an sgoil mu choinneamh Aitreabh nan Gaidheal (am Boys’ High) far am bheil iad a’ dol a dh’fhaotainn trì seòmraichean bho Chomhairle Foghluim Ghlaschu. Gheibh iad de Ghàidhlig an sin na bheir gu ìre na h-àird sgoile iad. Ged nach biodh ann ach gum faigh na màthraichean fois air maduinn Di-Sathuirne!

THA cion nan duilleagan a’ cur glas-ghuib orm mata. Tha Alasdair ag radha gur ann ’na làn ám a chuir rud-eiginn glas-ghuib orm! Ach feuchadh sibhse gun sgrìobh sibh mu rud sam bith a tha a’ cur ceiste oirbhno ma chluinneas sibh sgeulachd bheag no dòigh cocaireachd àraidh, no gu dearbha, rud sam bith eile a tha sibh an dùil a chòrdas ris na mnathan eile a bhios a leughadh Gairm.

titleGnothuich Bhoirionnach
writersChristine MacKay
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Cairistiona NicAoidh in Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page