[67]

Na Ceistean a Dh’fheuch ri Catto

Comhradh Bhodach mu Chùisean na h-Albann

le T. M. MACCALMAIN.

DOMHNALLUill, a Dhonnchaidh, tha thu ann! Càit a bheil thu togail ort a nis leis an speal sin? Shaoil leam gun do bhuain thu do chuid coirce mu thràth.

DONNCHADHRinn mi sin, a bhalaich, ach tha mi toirt ceum suas a chuideachadh Iseabail mo phiuthar am Bràigh aBhaile. Chan eil e soirbh do bhantrach bhochd rian a chumail air spréidh is fearann is foghar, agus an t-aon ghille a thaice air a thogail air falbh don arm.

DOMHNALLAn dfhalbh Lachlann Iseabail, a Dhonnchaidh? Ach, nach iad a tha ceart coma iad! Car son nach fhàgadh iad balach mar sin, is a leithid de fheum air an tigh? Ciamar a tha iad asaoilsinn a bheirear math as an fhonn, ma sguabas iad leotha a h-uile mac màthar a tha asaothrachadh an fhearainn?

DONNCHADHGed thà, a Dhòmhnaill, ciamar a chumar dìon air an rìoghachd anns na timeannan cunnartach a thann, mur bi fir òga air an ionnsachadh an obair-airm? Gu dearbh, cha mhisde Lachlann idir bhliadhna a thoirt air falbh. Chì e iomadh rud nach fhaic e an so an Cùl-an-Tuim.

DOMHNALLIs fìor sin, a Dhonnchaidh, agus cha mhath e. Sin agad dìreach an rud a tha amilleadh na Gaidhealtachd. An òigridh afalbh mu dheas, is iad afaotainn blas air annasan an t-saoghail mhóiragus, an sin, cùl an làimhe do Chùl-an-Tuim! Tha mise ag ràdh riut, a Dhonnchaidh, gur e fìor obair na truaighe a thann, mar a tha an tìr air dol fàs. Chan fhada gus nach bi de fhir anns abhaile-sa na chuireas bàta gu bràigh cladaich.

DONNCHADH–’S a bheil leasachadh air achùis, saoil thu, a Dhòmhnaill?

DOMHNALLThà, ma bruidhinn is bòilich e! Neo-ar-thaing comhairlean is iomraidhean is earailean! Chan iongnadh ged a bhiodh am paipear air fàs gann is daor leis na chaidh a chosg dheth acur a mach libeagan leabhraichean mu chor is ùr-leasachadh na Gaidhealtachd. Alba bhochd!

DONNCHADHIs math a tha fhios agam cia air a tha thu adèanamh, a charaid! Riaghaltas dhaibh fhéin do na h-Albannaich! Nach e sin e? Sin agad do dhuan-sa an còmhnaidh. ’S e sin do leigheas-sa air gach dìth is easbhaidh a thoirnn, eadar Ghaidhealtachd is Ghalldachd. Riaghaltas dha fhéin do Chùl-an-Tuim, deir mise. Tha e a cheart cho math dhuinnno a cheart cho donaa bhith air ar riaghladh le urrachan móra Lunnainn is a bhith fo riaghladh urrachan móra Dhun-éideann. Ach so am maighistir-sgoile anochdadh air fàire! dhiarradh nas fheàrr na e gus cùisean duilich a mhìneachadh?

DOMHNALLDuine fiosrach, gun teagamh, a Dhonnchaidh. Chan eil fhios na tha de phaipearan-naidheachd atighinn chuige gach seachdain! Chuala mi Eachann Posta agearan an -roimhe gu bheil an tigh-sgoile agus am mansa atoirt barrachd oibre dha na achuid eile den choimhearsnachd uile gu léir.


[68]

MAIGHISTIR-SGOILEFàilte, a dhaoine! Seadh, a Dhòmhnaill, tha cur oirbh an diugh? Tha còrr is uair a thìde bho chunnaic mi Donnchadh seachad air an tigh-sgoile is speal air a ghualainn—’s cha dfhuair e seachad air so fhathast! Chan ann atrod a bha sibh, a Dhonnchaidh?

DONNCHADHChan ann idir! Is mór a ghabhainn dol a throd ri Dòmhnall còir, a dhaindeoin nam beachdan neònach a thaige.

DOMHNALLNa toiribh feairt air, a mhaighistir! Ach innsibh so dhomh. A bheil sibh am beachd gum faigh sinn gu bràth Pàrlamaid dhuinn féin an Albainn?

DONNCHADHTha ceist nas cudthromaiche na sin ann. Am biodh ena bhuannachd Pàrlamaid dhith féin a bhith an Albainn?

MAIGHISTIR-SGOILENach ann agaibh a tha na ceistean, a dhaoine! Chan e Solamh a thannamsa ann, na eadhon Iain Beag MacCormaig——.

DONNCHADH esan?

DOMHNALLThà, nach eil cuimhne agad, am fear ud a bha ag iarraidh don Phàrlamaid air son na siorrachd so fhéin uair no dhàfear-iùil na buidhne a tha sireadh gum bi còir aig Albainn air a cùisean féin òrdachadh gu dòigheil gun eisimeil do mhuinntir Lunnainn. Duine ceart!

MAIGHISTIR-SGOILECeart no ceàrr e, chan eil teagamh nach eil ceist an fhéin-riaghlaidh air drùdhadh gu mór air móran de shluagh na dùthcha. ’S ann a tha an Riaghaltas an déidh Coimision Rìoghail a chur air bhonn mun chùis.

DONNCHADHGu dearbh, tha dùil agam gun do leugh mi rudegin ma thimcheall sin am Paipear an Obain o chionn ghoirid. Gu thaca sin ri dhèanamh?

MAIGHISTIR-SGOILETha aca ri rannsachadh mun dòigh anns a bheil Alba air a riaghladh. Tha mi cinnteachged nach eil so air a ràdh gu soilleir anns an t-seòladh a thugadh dhaibhgum beachdaich iad air ciamar a dhfhaodar na meadhonan-riaghlaidh an Albainn a dheanamh nas éifeachdaiche agus nas freagarraiche air suidheachadh is feuman na dùthcha.

DOMHNALLTha fhios gum feum iad breith a thoirt mu co-dhiùbh a bhiodh Pàrlamaid Albannachna meadhon-riaghlaidh a fhreagradh na bfheàrr air an dùthaich na an aon Phàrlamaid Bhreatannach mar a thagainn an dràsta.

MAIGHISTIR-SGOILEFaodaidh iad am barail a thoirt air acheann singed nach eil òrdugh teann aca sin a dhèanamh.

DONNCHADHAgus iad na daoine foghainnteach is foghluimte a tha ri ceistean cho domhain dìomhair a chur an dara taobh?

MAIGHISTIR-SGOILETha cóig buill dheug anns aChoimision, agus Iarla Bhalfour air an ceannam fear a bàbhaist a bhithna cheann-suidhe air Bòrd aGhuail an Albainn. Duine làidir smachdail!

DONNCHADHCha bfhuilear dha, bròinean! A bheil Gaidheil anns aChoimision so?

MAIGHISTIR-SGOILETha dithis. Tha Maidsear Iain Stirling, Fear Fharabraoin. Is esan Ceann-suidhe Comhairle Siorrachd Rois. Tha


[69] e cuideachdna Cheann-suidhe air Bòrd na Coille an Albainn. ’S e an Gaidheal eile tha air, Iain MacNeachdainn as an Oban.

DONNCHADHEarraghaidhealach, huh!

MAIGHISTIR-SGOILESeadh, Earraghaidhealach, ach deagh fhear-dùthcha a dhaindeoin sin. Chan eil fhios cia meud seòrsa oibre is seirbhis anns a bheil Iain còir an sàs a chum leas an t-sluaigh. Is esan Ceann-suidhe Comhairle an Fhoghluim an Earraghaidheal, agus Iar-Cheann-suidhe Comhairle na Siorrachd, agus Ceann-suidhe Riaghlairean Urras NicCaoig, agus Ionmhasair baile an Obain, agus rud no dha eile! Cuin a tha ùine aige a bheòshlaint a chosnadhtha e an seirbhis nan rathaidean-iarainnchan aithne dhomh!

DOMHNALLDuine dèanadach, agus be sin esan! Is geal a choisinn e urram an C.B.E. a fhuair e aig abhliadhna-ùir so chaidh. Ach cumaibh oirbh, a mhaighistir. tuilleadh a tha air aChoimision?

MAIGHISTIR-SGOILETha feadhainn air nach eil thusa no mise eòlach. Daoine comasach, gun teagamh, agus dithis bhoireannachnam measg.

DONNCHADHSin agad! Mo ghaladhadan! Agus nach eil Morair Chat air aChoimision cuideachd? Shaoil leam gum faca mi iomradh air-san anns aphaipear.

MAIGHISTIR-SGOILE–’S e am Morair Catto air a bheil sibh asmaoineachadh. Fear eile a tha sin! Chan e an Sutharlanach mór idir, ach uasal eile a bha uair-eiginna phrìomh-riaghlair air Banca Shasainn.

DONNCHADHAm balach e! Tha fhios gu bheil esan math air na cùnntasan, agus rud aige ri chùnntas cuideachd! Agus a bheil esan air aChoimision mhór so?

MAIGHISTIR-SGOILEO, chan eil. ’S ann mar so a tha. O chionn bhliadhna chuir an Riaghaltas air chois comhairle-rannsachaidh, leis aMhorair Catto mar cheann-suidhe. Bha aca so ri rannsachadh a bheil dòigh air faotainn a mach ciod aphàirt de thighinn-a- stigh is de chosgais na rìoghachd gu h-iomlan aig a bheil buntainneas ri Albainn; agus ciod aphàirt de luach malairt Bhreatainn a bhuineas do Albainn.

DONNCHADHCar son air an talamh a bha iad air son a leithid sin fhaighinn a mach?

MAIGHISTIR-SGOILEBha a chionn so. Tha feadhainn ag ràdh nach eil an Albainn ach dùthaich bhochd, agus, nan robh i air a dealachadh bho Shasann—’s e sin, a thaobh riaghlaidhnach rachadh aice air a cosgais fhéin a phàidheadh. Tha feadhainn eile a cheart cho làidir den bheachd gu bheil Alba apàidheadh a mach móran a bharrachd air na tha i afaotainn air ais, araon ann an cùisean-riaghlaidh agus ann an cùisean-malairt. dhiùbh sin a tha ceart no ——

DOMHNALLInnsidh mise sin dhuibh. Tha fhios aig an t-saoghal gu bheil Alba air a creach aig na Sasannaich. Seall fhéin na tha Alba ag reic de chrodh is chaoraich is chloimh, uisge-beatha is iarann, iasg is gual, agus caob math de chumhachd an dealain adol mu dheas cuideachd. Agus gu thagainn air a shon? Tighean falamh is croitean fàs! Càit a bheil an t-airgead adol? Tha gu sporan mór nan——.

[70]
[71]

MAIGHISTIR-SGOILEFuirich, a Dhòmhnaill, chan eil e idir cho furasda sin an gnothach a chur an dara taobh. Tha móran nithean ri thoirt fa-near. ’S e sin a bhaig Comhairle Chatto ri dhèanamh, agus gu dearbh is dìcheallach a chaidh iad ris.

DONNCHADHChan iongnadh ged is e bancair a chuir iad air cheann an rannsachaidh. Tha Catto math air na cùnntasan, thubhairt sibh?

MAIGHISTIR-SGOILE–’S e a thà agus cha bfhuilear dha. Tha mi dìreach an déidh a bhith aleughadh an iomraidh aigeleabhran tomadachagus, air mfhacal, bfhasa leam aruamhar gàrradh na sgoile na pàirt den leabhar aig Catto a thuigsinn.

DOMHNALLAn e gun tug e fead oirbh, a mhaighistir? Ma thug, bha e righinn, da-rìribh!

MAIGHISTIR-SGOILEThug e sin, fead orm. Chan e cùnntas na cloinne bige a tha anns an leabhar aig Catto idir!

DONNCHADHSeadh, is a bheil dad annasach aig Catto a thuigeas bodaich nach dfhuair móran sgoile?

MAIGHISTIR-SGOILETha an leabhran acur an céill gu mionaideach gach dòigh air a bheil airgeadga chruinneachadh isga phàidheadh a mach anns an Rìoghachd Aonaichte gu h-iomlan, bho Thigh Iain Ghròta gus aChòrn. Tha iad air cùnntasan a rannsachadh, agus fiogaran air an cur sìos aca, mu gach ceann cosgais is gach aobhar-buannachdcìsean is airgead-cuspainn, tuarasdalan is cosgais-riaghlaidh, gach seòrsa reic is ceannachd, agus gach air an smaoinich sibh.

DOMHNALLSeadh, is ciod an co-dhunadh a thaca aig crìch an rannsachaidh?

MAIGHISTIR-SGOILEMa thà, anns acheud àite, mar a theireadh am ministear, tha Catto is a chuideachd den bheachd gun gabh tighinn-a- stigh is cosgais an Riaghaltais an Albainn a chur an céill, eadar-dhealaichte bhon tighinn-a- stigh is bhon chosgais a bhuineas do Shasann. ’S e sin, théid aca, ma thogras iad, air innse gu soilleir na tha air a thogail de chìsean an Albainn, agus na tha an Riaghaltas acosg de airgead an Albainn.

DOMHNALLSeadh, is gu am barail air sin? A bheil sinn apàidheadh a mach barrachd air na tha sinn atoirt a stigh? Is mi a chreideadh!

MAIGHISTIR-SGOILESin ceist nach deachaidh fhuasgladh fhathast. Cha robh aig Cattos a chuideachd ris acheist sin fhuasgladh ann. ’S ann a bhaca ri rannsachadh an gabhadh ceist mar sin fhuasgladh, agus tha iad ag ràdh gun gabh. Ghabhadh e móran saothrach, gun teagamh, ach ghabhadh e dèanamh.

DONNCHADHChan eil mi fhéin afaicinn gum biodh e doirbh idir. Nach innis na cìseadairean dhaibh an t-sùim a tha iad atogail bho thuarasdalan is bho thighinn-a- stigh sluagh na h-Albann?

MAIGHISTIR-SGOILECha bhiodh sin cho soirbhs a shaoileadh sibh. Gu mu dheighinn dhaoine an Albainn a tha atarraing riadh is prothaid á malairt anns a bheil làmh aca an Sasann? Cha bhiodh e idir idir furasda cuid na h-Albann is cuid Shasainn den chìs a chùnntas air leth. Agus a thaobh cosgais——.


[72]

DOMHNALLTha fhios gur furasda sin fhaotainn a mach! Innsibh dhòmhsa na thàtar acosg air rathaidean-móra, agus air cuideachadh-airgid do na tuathanaich is croitearan, agus air pension na seann-aoise, agus pàidheadh nan dotairean, agus cosgais nan sgoilean, is gach eileagus théid mise an urras nach bi mi fhéin fada acùnntas suas làn-shùim an airgid sin, beags gun dfhuair mi de sgoil.

MAIGHISTIR-SGOILESeadh, a Dhòmhnaill, agus gu mun airgead mhór a tha Breatann acosg air dìon na rìoghachdfeachdan mara is tìre is adhair? Ciamar a roinneadh sibh achosgais sin eadar Alba is Sasann?

DOMHNALL–’S docha nach biodh e cho soirbhs a shaoil mi.

MAIGHISTIR-SGOILE–’S e nach bitheadh. Ach tha Catto den bheachd gun gabhadh acheist fhuasgladh, gu ìre mhath co-dhiùbh, ged a bann le mór-shaothair. Seall a rithis na cìsean a tha air nithean a cheannaichear anns abhùth. Prìs unnsa tombaca is gloine uisge-beatha——.

DOMHNALL IS DONNCHADH (á beul a chéile)—Ochan, ochan! Chunnaic sinne eile!

MAIGHISTIR-SGOILETha amhór-chuid den phrìs sin adol ann an cìs. Ach faodaidh an tombaca is an t-uisge-beatha sin iomadh car is cuairt a chur dhiubh mus ruig iad bùth Shomhairle. Ciamar a tha sibh adol a roinn na cìse sin eadar Alba is Sasann?

DOMHNALLGnothach doirbh, tha mi an dùil! Bheireadh sin deuchainn don bhancair mhór fhéin!

MAIGHISTIR-SGOILEBheireadh, ach tha Catto ag ràdh gun téid aca, ma thogras iad, air cur an céill na tha an Rìoghachd atrusadh á pòcaidean sluagh na h-Albann, agus na tha iad acur air ais anns na pòcaidean sin. Ach tha eile ann, agus chan eil Catto idir afaicinn dòigh air cuid na h-Albann a chùnntas air leth bho chuid Shasainn.

DOMHNALLAgus gu sin?

MAIGHISTIR-SGOILETha so. Tha móran malairtga dhèanamh eadar Alba is Sasann, agus tha an dhùthaich le chéile adèanamh malairt ri dùthchannan eile, ag reic is aceannach gach seòrsa badhair. A nis, tha móran de na buidhnean-malairt is de na tighean-marsantachd an diugh is bùthan aca air feadh na rìoghachd gu léir. Agus chan eil Catto afaicinn dòigh air luach na malairt sin a roinn a mach gu cothromach eadar Alba is Sasann. Ged a chuireadh iad tighean-cuspainn air aChrìch Shasannaich bho Abaruig gu Gretna, bu doirbh dhaibh ionmhas malairt an dhùthcha a dhealachadhna dhà earrainnearrann Albannach is earrann Shasannach. So aon eisimpleir air cho doirbh is a tha an gnothach. An uair a chaidh am bàta-smùide mór, ABhan-righ Ealasaid, a thogail air Cluaidh, bha luach nam muilleanan airgid innte, ach chuidich iomadh làmhna togail a chòrr air na làmhan a chuir ri chéile i air Bruaich Chluaidh. Is iomadh ceàrn de Shasann is de Albainn a chuir rud innte. Bhiodh e gu tur eu-comasach a ràdh gu aphàirt de chosgais abhàta sin a bhuineadh do Albainn agus ciod aphàirt a bhuineadh do Shasann.

DOMHNALLIs fìor sin, ach ciod idir abhuil a bhair saothair Chatto is a chuideachd?


[73]

MAIGHISTIR-SGOILETha an t-iomradh aca anochdadh gu glé shoilleir. An toiseach, gabhaidh cùnntas a dhèanamh air achuid sin de ionmhas na rìoghachd a thàtar acruinneachadh is acosg an Albainn, eadar-dhealaichte bho Shasann. Ach bhiodh e gu math draghail is cosgail sin a dhèanamh. Anns an dara àite, chan eil iad afaicinn rian no dòigh air eadar-dhealachadh a chur eadar malairt na h-Albann agus malairt Shasainn. Tha gnothaichean is cùisean-marsantachd an dhùthcha air an co-cheangal is air an co-mheasgadh ri chéile gus a leithid de ìre is nach gabh roinn a dhèanamh orra. Dhfheumteadh oifigearan-cuspainn a chur air aChrìch gus sùil fhurachail a chumail air gach badhar a thàtar agiùlan eadar an dhùthaich, is cha bhiodh anns an obair sin ach cùis-dhragha is aobhar-aimhreit, is bu daor an ceannach air.

DOMHNALLAh, uill, taing dhuibhse, a mhaighistir; tha sinn gu mórnur comain.

DONNCHADHBeannaich mi! Seall an uair a tha e! Feumaidh mi ruith.

MAIGHISTIR-SGOILESlàn leibh le chéile!

[74]
[75]
titleNa Ceistean a Dh’fheuch ri Catto
writersThomas M. MacCalman
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

T. M. MacCalmain in Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page