[76]

Suil mu’n Cuairt

le ALASTAIR BORTHWICK á Diùraidh

O CHIONN latha chunnaic sinn bàta faire an iasgaich aseòladh troimhn chaolas, agus anns amhaduinn an chuir i Rùnaire na Stàta air tìr aig acheadha ùr chosgail againn. Fad thrì uairean an uaireadair bha e aig achoinneimh àbhaisteach de ar luchd riaghlaidh agus ri ar n-uaisleangach aon ag iarraidhNeamha dheanamh den eilean agus sin ann an cóig mionaidean, agus an sin thog e-fhéins a chuideachd orra. Ri linn na coinneamh a bhann, tha dòchas gun cuirear obair coilleobair bheag math dhfhaoidteair chois mu chladaichean creagach Dhiùraidh.

Tha sinn toilichte agus -thoilichte. Thugadh dhuinn tairgse ach cha be an tairgse ris an robh sinn an dùil. Tha sinn den bheachd gum faodadh iad a bhith air tairgse a bfheàrr na so a thoirt dhuinn. Air mo shon fhéin dheth, tha mi glé thaingeil gun dfhuair sinn gealladh air leasachadhsam bith. Bu mhath leam an sgeul uile innseadh dhuibh, a chionns gum buin i do chor na rioghachd air fad, agus chan ann mar a shaoileadh sibh do aon cheàrnaidh a mhàin. Thòisich a h-uile dad a bhanns acheàrnaidh leth-oireach sin far am bheil Comunn Earalachaidh na Gaidhealtachd agus Buidheann an Riaghaltais an Alba ag co-oibreachadh. Thug cuid-eigin


[77] fainear bu chòir a dhèanamh. An àite a bhith ri faoin-bhruidheann mu cho-oibreachas air aGhaidhealtachd, carson nach gabhte os laimh aon cheàrnaidhceàrn anns an robh goireasan siubhail iomchuidh agus anns an gabhadh adhartachas dèanamh, agus gach oidhirp a dhèanamh as leth na ceàrnaidh sin le bhith cur air chois obair coille agus obair fearainn curachd agus àrach spreidhe agus le bhith atogail thighean agus oibrichean uisge agus nithean feumail eile Nan gabhadh aleithid so a thoirt gu buil (agus, air paipear, bhan rud acoimhead coltach) dhfhaoidte an uair sin aleithid eile a ghabhail os laimhle atharrachaidheans dòchaann an ceàrnaidhean eile gus mu dheireadh an robh aGhaidhealtachd uile an sàs.

Bha dùil gum be am pìos talmhuinn bu fhreagraiche airson na h-oidhirp so, Strath-Oiceil, faisg air aBhanna, agus chuireadh buill de luchd riaghlaidh Bòrd na Coille agus Bòrd an Aiteachais gus cnuasachs acheàrnaidh so agus plan a dheasachadh. Bhon uair sin chualas bho iomadh Rùnaire Stàta gun robh am plan sin asoirbheachadh gu math, ach tha deagh fhios aig neach sam bith a thadhail air acheàrnaidh air neo a ghabh suim de na thachair an sin bhon ám sin. Nach mór a rinneadh an Strath-Oiceil agus nach eil a choltas air gun deanar móran an sin a chaoidh. Is e an fhìrinn ghlan gum bheil an t-eagal air Buidheann an Riaghaltais an Alba roimh na h-uachdairean, agus an àite oighreachd dheug a ghabhail os laimh agus an oibreachadh mar aon oighreachd de cheithir cheud mìle, ’s ann a rinn iad strì mhór air aon oighreachd bhig a bfheudar dhoibh a cheannach mum burrainn iad leasachadh sam bith a dheanamh oirre. Tha obair Strath-Oiceil, a bha adol a shàbhaladh na Gaidhealtachd, fuar marbh.

Thug i a dhaindeoin sin, greis mhór abàsachadh; agus anns na làitheansan robh sinn an dùil gun soirbhicheadh i, thugadh cùisean caran na bfhaide air adhart. Bha Strath-Oiceil gu bhithna dhealbh; dealbh bhrèagha air talamh freagarrach; ach dhfhaodadh gum bitheadh teagamh aig daoine co-dhiùbh a ghabhadh an dearbh rud dèanamh ann an ceàrnaidhean na bu dlighe. Mar sin, thug an luchd deilbh sùil mun cuairt feuch an lorgadh iad an t-àite bu mhì-choltaiche an Alba. Laigh an sùil air Diùraidh. Nan gabhadh Diùraidh cur air a chasan, cha burrainn duine sam bith teagamh a churnan dòigh oibreachaidh; dheanadh iad an gnothach am bad sam bith.

Is e Eilean Dhiùraidh an t-àite far an claon amharus deireannach aGhaidheil. An droch uachdaran asealg an fhéidh far am bu chòir do spréidh a bhith ag ionaltradh agus teaghlaichean a bhith acintinn . . . . Chan eil guth air aleithid sin. Tha mise cho measail air Diùraidh agus gum bheil mi afuireach ann, ach cha do dhùin mi mo shùil riamh air aon rudnach eil anns an eilean ach creag agus boglach, agus nach robh aig amhìle duine a bha afuireach ann uaireigin ach saoghal truagh dheth. Gus an dthàinig innealan coille bho chionn ceithir no cóig de bhliadhnachan, cha robh an t-eilean comasach air móran a ghiùlan ach féidh, aguss e beannachd a bhann gum faodadh duine sam bith, aig an robh an t-airgead ra chosg, am marbhadh. Is e Diùraidh am fear as gairbhe de na h-eileanan. Cha robh anns an eilean ach an aon obair riamhluchd


[78] nam muilleanan! Is ann aca-san a tha trì de na ceithir tighean móra a tha air an eilean, agus mur a robh sin mar sin bhan t-eilean air a dhol a dhìth bho chionn fhada. A mach air ceathrar no cóignear de chroiteirean agus an fheadhainn a tha an urra ri goireasan an t-sluaigh, tha an còrr den t-sluagh an crochadh orra.

A nis, ’s e droch rud a than sin. Cha robh e math gu leòir gus an òigridh a chumail anns na làithean a dhfhalbh, agus mar sin tha sinn buailteach a bhith caran aosda an diugh; ach tha an t-eagal as motha oirnn mu na làithean air thoiseach oirnn. Chan eil luch nam muileannan cho pailts a bha iad, agus tha cìsean bàis agus cìsean eile adol a chur as dhoibh buileach gu ìre bhig ann an ùine nach bi fada. Than t-amharus againn a muigh an so nach bi gu leòir ann gus roinn amhics an athar a dhèanamh. Anns an eilean gu léir chan eil againn ach aon uachdaran aig an tigh, le trì fichead duine air an oighreachd aige, astrì ri a chuid talmhuinn a dheanamh féin-shoirbheachail. Trì fichead duine air eilean a tha ochd mìle fichead a dhfhadchan eil móran an sin.

Tha singar toirt air ais chun nan craobhan. Anns na làithean anns an robh Strath-Oiceil adiogladh dòchais, thug cuideigin fainear gun gabhadh deich mìle acaire de chraobhan cur ann an Diùraidh. Tha deich mìle acaire aciallachadh obair do cheud duine; tha ceud fear oibreach aciallachadh ceud teaghlach; tha ceud teaglach aciallachadh da cheud gu leth ceannagus chan eil uiread sin air an eilean a nis. Tha sinn gann de fhir mar tha. Bha obair den t-seòrsa air a dheanamh riatanach gun rachadh Diùraidh ath-shuidheachadh far na tìre móire, leis acheud cothrom tillidh aig na fògaraich.

Abradh sibhse gun robh sin air a bhith inntinneach. Ach chan eil edol a thachairt. Mar a tha mi asgrìobhadh so, chan eil càil de sgeul agam de cho mór agus a tha obair na coille gu bhith, ach tha mi cinnteach as aon rudgur ann air ceudan de acraichean tha iad asmaoineachadh agus nach ann air mìltean. Bhon a chaidh Strath-Oiceil an taobh a chaidh e, chan eil dòchas sam bith againn gun deanar dad eile aig amheudachd sin. Ach tha iad atighinn co-dhiùbh. Bithidh beatha ùr anns an eilean. An aon uairs gun tig iad, bithidh e nas fhasa dhoibh an obair a leudachadh air an socair fhéin na tòiseachadh as ùr an àit’ -eigin eile. Beags mar a tha na thasan amharc an toiseach, ’s docha gun sàbhail e Diùraidh aig acheann thall. ’S e naidheachd as fheàrr a fhuair sinn o chionn fhada.

A nis, saoilidh mise gum faic mi móran atighinn as an rud bheag so. Is en fhirinn gum bheil rud-egin a dhìth air Diùraidh mu choinneamh nan làithean dorcha a tha air thoiseach, agus nach dfhuair Diùraidh (ged a tha sinn taingeil an àite a bhith agearan) ach beagan de na tha a dhìth; nach eil anns na fhuair sinn ach fuighleagan den dealbh mhóir a chaidh a dholaidh; agus gum bheil an cuideachadh a tha sinn afaotainn atighinn bho Bhòrd na Coille. Ma chuireas tu na nithean sin uile an ceann a chéile, chì thu gum bheil Diùraidh fìor-fhortanach, agus innsidh mi dhuit carson.

Chan eil min duil gun cuir duine sam bith teagamh ann an aon rudgum feum obair coille a bhith air an fhìor thoiseach ma tha aGhaidhealtachd adol a dhfhaotainn furtachd. ’S e obair coille an


[79] aon rud anns am bheil an obair air am bheil feum aig aGhaidhealtachd. Agus a bharrachd, is e sin an aon obair air am bheil coltas gun tig i don Ghaidhealtachd. Agus cha rud beag sin. An uair a nithear cunntas air gach eile a thig an cois na h-oibreach, dhfhaodadh gun toireadh i leth-cheud mìle gniomhna luib agus tighean a bharrachd air a sin. Ach cha leig leas dùil a bhith gun gabh Buidheann na Coille suim de na rudan sin uile. Cha leig leas sùil a bhith gun gabh abhuidheann sin suim àraidh ann am maith na Gaidhealtachd. Is e a tha air a chur air Buidheann na Coillele Achd Parlamaidfiodh fhaotainn cho saor agus cho aithghearr agus a ghabhas sin dèanamh.

Am bheil na rudan sin aciallachadh an aon rud? Chan eil idir. Tha aon cheann de Dhùthaich Mhic Aoidh am feum air obair, ach tha an talamh as freagarraiche aig acheann eile. Tha sgìreachd gu bhith ullamh, ach ma tha Buidheinn na Coille adol a ghabhail seilbh aisde, tha feum air rathaidean cosgail. Tha caoraich aig fear air amhonadh, ach tha feum aig muinntir na coille air a chuid geamhrachaidh a chionns gum bheil an gleann fàs a tha an ath dorus -fhreagarrach dhoibh. Tha feum aig Diuraidh air obair coille; ach fàsaidh craobhan nas fheàrr am bad-egin eile. Agus sin mar a tha cùisean adol. Tha Buidheann na Coille acosg airgead na rioghachd agus feumaidh e cunntas a thoirt as. An urrain dha, mar a tha cùisean an diugh, a dhol chun nan àiteachan anns am motha am bheil an fheum. Cha chreid mi gun urrainn. Sin mar a tha Diuraidh fortannach. Faodaidh abhuidheann a bhith caoibhneil an dràsdaa rithist, ach chan urrainn dhith bhith mar sin an comhnuidh. Mar is trice, feumaidh i a dhol chun nan àiteachan far am motha am bheil abhuannachdagus tha sin pìos mór a Diùraidh.

Tha dhòigh air coimhead air a sin. Ma tha thu acreidsinn ann am planaichean, iarraidh tu plan mór airson na Gaidhealtachd . . . . leithid Strath-Oiceil . . . . a bheir a steach obair coille, tuathanachas agus feumalachd an t-sluaigh air chor agus gun teid an talamh oibreachadh air an dòigh as fheàrr. Mur a bheil thu acreidsinn ann am planaichean, fag Bòrd an Dealain agus Bòrd na Coille gus mar as fheàrr a dhfhaodas iad a dhèanamh. Mar sin, gheibh thu fiodh agus solus gu leòir agus rachadh aGhaidhealtachd an taobh a throgras i.

Tha móran ceille air gach taobh. Faodaidh acheud dòigh a bhith nas fheàrr ach cha ghabh i cur gu buil mur a teid làmh an uachdar a ghabhail air na h-uachdarain. Cha toigh le duine sam bith làmhachas làidir, seachd araidh seirbhisich aChrùin, agus nochd Strath-Oiceil dhuinn nach eil pàrlamaid sam bithSóisealach no Tóraidhdeònach làmhachas làidir a chur gu buil as leth na Gaidhealtachd. Bfheàrr leam fhéinagus sin a chionns gum bheil mi seulaichte gum bheil feum nach beag gu bhith aig an rìoghachd so air biadh ann am beagan bhliadhnachanaGhaidhealtachd fhaicinn fo ughdarras Comunn Adhartachais Gaidhealach.

Mur a gabh sin dèanamh, bheirinn cead an coise do Chomunn na Coille agus do Bhòrd an Dealain. Ge be a thachradh, gheibheadh aGhaidhealtachdmar a tha Diùraidhrud-egin as aghnothuich,


[80] agus aig acheann thall shuidhicheadh aGhaidhealtachd i-fhéin mun cuairt air oibrichean ùra. Chan e sin an dòigh as fheàrr, ’s maith dhfhaoidhte, achs e sin an dòigh a chì sinn. Fhads a tha sinn abruidhinns abruidhinn, than bhuidhinn sin adol an ceann an gnothuich agus, an uair a bhitheas iadsan ullamh, bithidh sinne fhathast abruidhinn. Tha coltas oibreach orra-san. Chan eil oirnne. Cuiridh sinne Strath-Oiceill air paipeir, ach tha na damannan acasan alìonadh agus an cuid chraobhan afàs. Eadarras iad, ni iad Gaidhealtachd ùr mar a fhreagarras iad fhéin, agus mar a freagair i sinne, cha leig sinn leas achoir a chur air duine ach sinn fhéin. Achga ghabhail thar achéile, tha min dùil gun còrd i rinn.

Sin, co-dhiùbh, mar a tha cùisean acoimhead a Diùraidh, far am bheil sinnchan ann -thoilichte le luchd nam planaichean agus an ùine a thug iadach gun fhios againn a their sinn an uair a chì sinn craobhan idir afàs mun cuairt dhinn. Tha sinn den bheachd gura sinne an fheadhainn fhortanachan fheadhain a chuireadh air thoiseach air craobhan.

titleSuil mu’n Cuairt
writersAlastair Borthwick
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Alastair Borthwick in Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page