“Cion na Beurla”
le MAIREAD UILLEAM CHALUIM
MAR a tha mise air mo léireadh le muinntir an àite so! Chan e gum bheil cothrom aca air. Chan eil anns an aimideas, anns an aineolas agus ann an cion an fhoghlum ach rudan a tha anns an fhuil co-dhiùbh. Ach ’s e a tha ann an cion na Beurla rud eile!
Tha e math gu leòr do’n Chomunn Ghaidhealach a bhi ’gliogadaich ’s a’ glagadaich mu dheidhinn na Gàidhlige. Tha mi a làn chreidsinn nach biodh duine ach lapach as a h-aonais anns a’ bhaile mhór far am bheil uiread de chéilidhean ’s de chuirmean Gàidhlig aca. Ach chan ionnan sin an so. Chan eil anns a’ Ghàidhlig dhuinne ach rud air nach eil cothrom againn—rud a tha againn co-dhiùbh, mar a tha droch bheul aig Sibealag Chaluim Bhig. ’S e a tha dhìth air a’ bhaile so—Beurla! Agus tha mise taingeil do’n Fhortan gun do chuir mi seachad dà bhliadhna ann am Port-rìgh, an uair a bha mi òg; mar sin, fhuair mi de Bheurla na ni an gnothach dhomh.
Ach tha eagal orm gum bheil mo theanga a’ gabhail làmh an uachdair orm! ’S ann a bha mi ’dol a dh’ innseadh dhuibh mar a chaidh mo mhaslachadh an latha roimhe—rud nach do thachair dhomhsa bho’n a dh’ fhàg mi badain Sheòrais Bhig air an sgaoiltich air Diardaoin na traisg.
Air an t-seachduinn so chaidh ’s ann a bh’ ann. Bha mi na mo shuidhe leam fhein a’ feitheamh a’ choire an uair a dh’ fhosgail an dorus agus a bhrùchd Mairi Anna Lachlainn a steach. ( ’S e cho tomadach a tha ’n té ud a’ fàs! ’S daor a’ cheannach a th’ aice air falbh nan tighean). Ach a dh’ innse na fìrinn ’s ann a rinn mi seòrsa de thoileachadh rithe an latha ud—chan fhaigh mi blas no tlachd ann an cupa tea an uair a tha mi leam fhéin.
“Sid thu, Mhairi Anna” arsa mi fhéin, “thig ’s buail fodhad i.”
“Cha tig” ars’ ise, “chan e sin turus air am bheil mi. Ach tilg thusa do chòta mu do cheann agus thugainn sìos chun an tighe còmhla riumsa, ach am faic thu ’n rud a th’ agam.”
Cha robh mi fhein buileach cinnteach dé bha i ’ciallachadh, ach bhon nach ann a h-uile latha a gheibh duine fiathachadh chun an tighe ud, thilg mi seacaid na bàthcha aig Iain mu mo ghuailnean agus dh’ fhalbh mi còmhla rithe.
“Dé a tha ceàrr, a Mhairi Anna?” arsa mise an uair a fhuair sinn sìos chun an rathaid. “Chan e bhó a tha ’breith, an i?”
“Gu dearbha chan i,” ars’ ise, “ach tha fear a’ dol a thadhal orm an ceart-uair agus tha mi airson gum faic thu e.”
“Dhia—Dhia! An ann mar so a tha! Bha dùil agam-sa nach sealladh tu air fear gu bràth tuilleadh bhon a chaidh Calum Seasaig an taobh a chaidh e leis an té Ghallda.”
Thug i’n t-sùil mhi-chiatach ud orm. “Calum Seasaig! Cha togainn-sa Calum Seasaig far an torr-innearach an latha a b’ fheàrr a bha e. Ach bhon a dh’ fheumas tu a h-uile dad a chluinntinn (Huh!
Cha robh fios agam dé a chanainn! Nylons!
“Nylons ort-sa, a Mhairi Anna,” arsa mise rium fhéin, “dheanadh muilchinn muslin a’ cheart uiread a dh’ fheum! ach cha do leig mi bìg orm.
Co-dhiùbh, chaidh sinn a steach agus thòisich Mairi Anna a’ sguideilearachd ri cupa tea. Chan eil an tea aig Mairi Anna ach mar a tha i, agus cha robh mi fhéin duilich an uair a chuala mi sgiamh air a’ gheata agus a chunnaic mi’n duine mór eireachdail ud a’ tighinn a nuas an ceum.
“A Dhia, a Mhairi Anna” arsa mise“ ’s ann dubh a bha iad roimh ’n a’ chogadh, ach ’s e tha so duine cho snog ’s a chunnaic thu riamh.”
“An dà,” ars’ ise, ’s i cho tàireil, “chuala mise am ministear ag ràdh gun robh feadhainn de na daoine dubha cho geal ruinn fhéin” agus mu’n do lorg mise mo theanga bha i aig an dorus mhór.
An sin thòisich a’ chainnt, agus ’s ann a thug mo smeagaid brag air mo bhrollach an uair a chuala mi faclan Gàidhlig. Chuir mi mo chluas ris an ursainn a dh’ éisdeachd agus an uair sin thuig mi’n cleas. ’S e bha aig an fhear mhór ach Gàidhlig ‘Alasdair agus George’ agus cha deanadh Mairi Anna sgot oirre. Ach ma bha ’Ghàidhlig aige-san air mhàgaran ’s e bha lapach buileach a’ Bheurla aice-se. Mu dheireadh thall rinn Mairi Anna seòrsa de fhiathachadh a steach air; thug mise roid chun na beinge agus bha mi air cùl an Stornoway Gazette an uair a nochd iad.
“Chan eil blèiream aig a’ bh . . . . so,” arsa Mairi Anna, agus an t-aodann aice air at cho dearg ’s ged a bhiodh i air a bhith fo ’n chliabh fad na maidne. “Chan eil Gàidhlig no Beurla aige.” Cha do leig mi fhéin dad orm, ach thionndaidh mi ris a’ choigreach agus thuirt mi ris: “Fine day.” Nam faiceadh sibhse an toileachadh a rinn an truaghan ri cuideiginn aig an robh foghlum.
“Foighnich dheth bheil nylons aige” arsa Mairi Anna, agus rinn mise sin. Dh’ fhosgail e bheul agus stad e ’ga mo choimhead; an uair sin rinn e snodha mór gàire. Shaoil mi fhéin gur ann air a bha an dearg aghaidh ach cha do leig mi dad orm gus an do sguir e lasganaich. An uair sin, mun d’ fhuair mi mo bheul fhosgladh, thòisich e air bruidhinn, agus ma thòisich, thòisich an fhuil air tighinn gu m’ aodann-sa. An uair a bha e ullamh, thionndaidh mi ris an òinnsich mhóir a bha ’na seasamh ris an uinneig.
“ ’S e tha so, a Mhairi Anna” arsa mise, ’s mi ’cumail srian air mo theangaidh, “fear a tha a’ cruinneachadh òran agus tha e a’ foighneachd a bheil gin agad.” Ghrìos ise! “Orain! Abair ris gu bheil na chumadh a’ dol gu maduinn e.”
Cha robh fios ’am dé a theirinn. Bha mi seulaichte nach robh
Thuirt mi ris gun robh Mairi Anna a’ smaoineachadh gun robh òran no dhà aice, agus ’s gann a bha ’m facal as mo bheul an uair a thug e mach an rud a bh’ aige—rud mór dubh coltach ri gramofon, le dà bhiorna air, agus ribinn a’ suaineadh bhon dara fear chun an fhir eile. Stop e ’n uair sin seòrsa de chanastair air ceann biorain mu choinneamh Mairi Anna agus dh’ iarr e oirre tòiseachadh air seinn.
“Foghnaidh na dh’ fhoghnas” arsa mise rium fhéin agus dh’ éirich mi gu falbh. Ach ma dh’ éirich, chaidh Màiri Anna ’na boil. “Na caraich as a so air do bheatha,” ars’ ise, “ ’s na fàg mise leam fhéin comhla ris an t-sàtan rud so.”
“ ’S mi fhéin a dh’ fhàgas,” fhreagair mi ’s mi ’dèanamh air an dorus. “Thu fhéin ’s do chuid òrain! Chan eil mise a’ dol a chall a’ chomanachaidh air sgàth na chuala mi riamh de dh’ òrain.” Ach feuchadh sibhse am faighinn-sa a mach as a sud. Rug Mairi Anna air ghàirdean orm ’s rug am fear dubh orm mun a’ chorsaid ’s chuir iad air an t-sorochan Hiortach mi. Thòisich an uair sin an t-uamhas! Thòisich Mairi Anna air seinn.
Thug i a’ cheud tac air òran nach cuala mise riamh—fear a bha ’toiseachadh le:
“Biodh e falbh, biodh e ’tarruing
Chan e caraid dhomh a th’ ann . . .”
Chaidh fear a’ bhocsa ’na bhoil. Dh’ fhoighnich e do Mhairi Anna càit’ an cuala i an t-òran, agus thuirt i gun cuala i aig a seanmhair an uair nach robh a seanmhair ach glé òg. (Smaoinicheadh sibhse!) Ars’ esan an uair sin: “ ’S fhiach an t-òran sin an saoghal bràth. Bha dùil aig a h-uile duine gur e òran ùr Beurla a bh’ ann. Cuiridh so gu mór ri eòlas ar litreachais.” (Mairi Anna Lachlainn a’ cur ri eòlas litreachais! Huh!) Uill, cha ghabhadh stad cur air a’ bheisd boirionnaich an uair sin. Ghabh i “Bùth’ Dhòmhnuill ’Ic Leoid,” “Tiugainn leam” agus Port-a- beul sgreamhail a chuala i aig a h-athair oidhche ’s an daorach air. (Ghabh i iad, an d’thubhairt mi? Cha tug an guth aice càil na mo chuimhne ach traon a bha ’san arbhar aig Seocan Iomhair an uiridh.) Thug i an uair sin sgrìob air “Tiugainn do Scalpaidh” agus “Gog, gog, gog” ’s i a’ sìor mhionnachadh gun cuala i a h-uile gin aca aig cailleachan a b’ aithne dhith bho linn nan creach. Agus chreid an truaghan eile a h-uile diorraid gus an do leig Mairi Anna fhéin an cat am measg nan rollag. Leis a’ bharrachd nach ann a stiall i air “Laoidh na Rìoghachd” agus thuig mi fhéin gun robh ’m fear eile a’ fàs amharasach, agus cha b’ fhada gus an do chuir e clos air gogail Màiri chòir.
Bha dùil agamsa gun robh a h-uile dad seachad, ach nach ann a thionndaidh an trusdar duine orm-sa agus thòisich e gam fhaochnadh gus rann beag air choireiginn a ghabhail. Thuirt mise gun gabhadh fhad’s nach cuireadh e air a’ bhocsa iad ’s cha do shaoil mise an còrr agus stiall mi orm.
A nise, na mo dhòigh fhéin, tha mise coltach ri cuid de na seinneadairean móra; cha dean mi stem air seinn gun mo shùilean
Cha robh mise a’ dol a dheanamh glaoic dhiom fhéin le òrain bhaotha mar a rinn an t’éile agus chùm mi ri laoidhean Phàdruig Ghrannd agus Iain Ghobha. (’S mi a thug an sadadh air “Tha duin’ òg is seann duin’ agam. ”) Mar a tha fios agaibh-se, cha bhiodh e coltach do bhean chomanachaidh a dhol ri òrain agus mar sin lean mise ris na laoidhean—lean gus an tàinig an tubaisde.
Bha iad a’ còrdadh glan ri fear a’ bhocsa—bha ’s ri Mairi Anna cuideachd ged nach leigeadh i sin oirre. ’S ann a bha ise ’na suidhe ann an sid agus dreun oirre ’s mu dheireadh thall dh’ éirich i ’s thug i ceann shios an tighe oirre. Sin an uair a dh’ éirich an tubaisde dhomhsa.
Chuir am fear dubh stad orm ann an teis meadhon “Airc a’ Choimh-cheangail” agus thòisich e ’gam fhaochnadh gus aon òran beag a ghabhail. ’S e ’n droch fhear fhéin a chuir a steach orm e—sin agus fios a bhith agam nach tuigeadh am fear eile Gàidhlig—agus ’s ann a thòisich mi air “Barabal Phàdruig.” Bha mi cho cinnteach asam fhéin agus gur ann a ghabh mi a h-uile ceathramh bu mhì-choltaiche na cheile—suas ri fichead aca, agus an uair a bha mi ullamh dh’ éirich mi agus dh’ fhalbh mi air eagal ’s gum bristeadh air mo ghàire.
Bha sin, a ghalghadan, bho chionn dà mhios agus cha do chuimhnich mise air a’ chùis riamh tuilleadh gus an raoir fhéin.
Bha mi aig a’ choinneamh ùrnuigh mar a b’ àbhaist, agus bha mi air an rathad a mach aisde, cho dòigheil, an uair a dh’ éigh Dòmhnull Ruadh an t-Eildear orm. ’S ann a bha dùil agam an toiseach gur e droch naidheachd a bh’ aige leis cho gruamach ’s a bha e. An uair a chuir mi ’feasgar math’ air, cha do leig e air gun cual’ e mi. “An cuala tu” ars’ esan, “an céilidh Ghàidhlig as Ameiriga a bha air an radio an raoir?” Cha chuala, fhreagair mise cho bragail, “cha b’ e céilidh Ghàidhlig agus faoineas de leithid a bu chòir a bhith air aire té m’ aideachaidh.” Thug e ’n t-sùil bhiorach ud orm a rithist. “Cha b’ e, no idir a bhi ’seinn òrain sgreamhail oirre.” Stad mi ’s mo bheul fosgailte; thuig mi anns an spot mar a bha agus dh’ atharraich mi na dathan. Smaoinich mi air mo mhàthair—air mo bhràthair a tha ’na mhinistear air tir-mór—air a’ mhinistear againn fhéin—iad-san uile agus an saoghal mór, ag éisdeachd rium-sa a’ gabhail “Barabal Phàdruig.” Gann a chuala mi Dòmhnull Ruadh ag radha “Tha ’n seisean airson d’ fhaicinn Di-luain. (Cha do chaill boirionnach anns a’ bhaile so an comanachadh riamh ach a mhàin airson an aon rud agus saoileam gur e sin fhéin fada a b’ fheàrr).
Tha mise ann an so mata a’ feitheamh ri Di-luain, agus b’ e sin an fheitheamh fhadalach dhomh-sa. Tha e math gu leòir dhuibh-se a radha gur e mo choire fhéin a bh’ ann, ach tha mise seulaichte nach b’ e. Aineolas agus cion Beurla Mairi Anna—sin na rudan a bu choireach. Mur a b’ e ise a bhith mar a tha i—gun de Bheurla aice na bheireadh an coire far an teine—bha mise air a bhith ceart gu leòir. Cha leiginn leas a bhith air a dhol sios a dh’ eadar-theangachadh dhith, agus bha mi fhathast air a bhith aig na bùird gun fhios aig duine gun cuala mi “Barabal Phàdruig” riamh. Beurla! Sin an rud a tha ’dhìth oirnne. ’S iomadh maslachadh a chuireadh i seachad oirnn.