[85]

An Sgeilp Leabhraichean

Scottish Verse 1851-1951, deas. le Douglas Young. Nelson, 18/-.

A Scots Anthology,deas. le John W. Oliver agus J. C. Smith. Oliver & Boyd, 20/-.

DUINE sam bith a tha airson eòlas a chur air bàrdachd ann an Scots, bho thùs gu éis, cha burrainn da ni bfheàrr a dhèanamh na tòiseachadh leis an leabhar so. Tha an darna fear dhiubh, A Scots Anthology,adèanamh taghadh farsuing as abhàrdachd sin, bhon trìtheamh linn deug gu ruig an linn againn fhéin, agus anns an leabhar eile tha Dubhghlas Mac Ill Oig adèanamh taghadh nas mionaidiche a bàrdachd nan ceud bliadhna a chaidh seachad.

Chan eil aig amhór-chuid againn, a tha an urra ris na théid innse dhuinn anns an sgoil ach beachd claon air litreachas na dùthcha againn fhéin, biodh e an Gàidhlig no an Scots. Ged a bheir sinn ionnsaigh air abhàrdachd aig Burns, agus ged a thogas sinn criomag an suds an so, bhon bhardachd aig Dunbar, no Henryson, chan eil sinn, anns achumantas, atoirt breith chothromach air an litreachas so, no afaicinn a leud agus a doimhne. Agus tha an chuid aice, leud agus doimhne, bhon cheud tòiseachadh a rinn i leis aBhrus aig Barbour, gu ruig bàrdachd Hugh Macdiarmid agus nas òige na e anns an linn againn fhéin. Chan eil an fhior ionmhas aice a tha aig bàrdachd na Beurla, ach tha snas oirre agus ioma-dhealbhachd, mar as fhurasda a thuigsinn ma bheir sinn sùil air rudan cho eadar-dhealaichte ri The Ballad of Kind Kyttok, The Testamant of Cresseid, Kilmeny, Cupid and Venus, Waly agus The Annuity.Tha móran den bhàrdachd so agabhail eala ri nithean agus ri faireachdainnean a bhuineas gu dlùth do gach duine agus mar sin tha i gu minic aruighinn achridhe. Tha so fìor gu h-àraidh a thaobh móran de na dàin a tha gun ainm ùghdair riutha, agus gu h-iochd-àraidh a thaobh nam ballads. Tha an Dr. Oliver atoirt àite agus inbhe air leth dhaibh sin, agus tha e anns an dòigh sin acur gu mór ri luach an leabhair.

Tha e do-sheachainte feumail don leughadair agus don sgoilear a tha acladhach ann an litreachas na Gàidhlige sùil bhreithneachail a thoirt air an litreachas so. Tha an dara litreachas aleigeil soluis chun na eilegu h-àraidh, math dhfhaoidte, anns an earrann mu dheireadh a dhainmich miagus tha prothaid ann a bhith abeachdachadh araon air an coltas agus air an ao-coltas ri chéile.

Chan eil an Dr. Oliver cho buileach saorsainneil anns an roinn mu dheireadh den leabhar. Tha bàrdachd an fhicheadaibh linn airidh air cliù eadhon nas motha na tha e atoirt dhith, ged nach eil e ag àicheadh gun tainig piseach oirre a tha aithnichte. Ach air cho déidheils gum bi duine air an t-seòrsa bàrdachd a rinn Hugh Macdiarmid ann an toiseach a latha bu chòir aideachadh gun do chuir e nithean luachmhor ri litreachas Scots bhon uair sin. Agus is cinnteach gu fuilingeadh abhàrdachd aig Sydney Goodsir Smith tuilleadh dhith a nochdadh.


[86]

Ach chan eil an canran beag sin amilleadh luach an leabhair, agus gheibh sinn leasachadh air co-dhiùbh anns an leabhar eile a tha fo ar comhair. Tha Dubhghlas MacIll Oig fhéinna bhàrd ainmeil, ged nach eil e atoirt dhà fhéin na h-urraim as àirde, no eadhon an dara as airde. Tha e ainmeil an dòighean eile cuideachd, agus araon air sgàth an eòlais a tha aige air litreachas nan ceud bliadhna chaidh seachad, agus air sgàth abhreithneachaidh a tha aige anns na nithean sin, cha burrainn fear-taghaidh no fear-deasachaidh ni bfheàrr fhaotainn airson an leabhair so. Uaireannan tha a theangana phluic mar as minic a chunnacas i, agus chan eil e fhéin acleith gum bheil rudan anns an leabhar so nach eilnam bàrdachd idir. Dìreach mar nach deach ach glé bheag de bhàrdachd a bfhiach an t-ainm a dhèanamh ann an Gàidhlig anns an naoidheamh linn deug, tha so fìor cuideachd a thaobh bàrdachd ann an Scots is ann am Beurla air taobh stigh crìochan na h-Albann. Ach tha e atoirt dhuinn deagh shealladh air bàrdachd an fhicheadaibh linn, agus anochdadh dhuinn gun tainig ath-nuadhachadh iongantach air bàrdachd na dùthcha againn o chionn deich bliadhna fichead.

Tha e atoirt beagan àite cuideachd do bhàrdachd Ghàidhlig a bhuineas don linn so, ach bha dorus an sud aan so air a dhùnadh air, a chionns nach robh e atogail bàrdachd Ghàidhlig sam bith nach robh eadar-theangachadh Beurla no Scotsna chois. Ach tha e ag aideachadh gu soilleiris cha bu mhisde na Gaidheil fhéin an aire a thoirt dhà sogum buin bàrdachd Ghàidhlig do dhAlbainn air fad, agus gum bheil i airidh air a h-àite a ghabhail ri taobh bàrdachd sam bith eile a bhuineas don dùthaich so. Bu chòir sin misneachd a thoirt dhuinne mar Ghaidheil gus nach rachadh sinn le ceum air ghàig no le boineid an dòrn, ann am fianuis co-luchd ar dùthcha.

The Scottish Scene.Deilbh le Alfred Furness, An teux le John L. Weir. George Allen & Unwin, 30/-.

S e leabhar dhealbh tha so, ceudsa cóig dhiubh, is tha iad air na barraich. Shiubhail Alfred Furness fad is farsuing air feadh na h-Albann le a chamara, aglacadh siothchar air loch, sneachd air beinn, eala air linnidh agus caparaid air cabhsair, an iomadach àite air feadh na dùthcha. Chì sinn iomhaigh achiùineis air an dealbh a thog e aig Drochaid Chluanaidh am Baile Chloichridh, smonbhar ceothadh agus craobh fo bhlàth an Dun-Eideann, gleadhraich is comhradh air aBhroomielaw an Glaschu, seann chathair-eaglais Dun-chailleann fo ghrian an t-samhraidh, Gleann Comhann fo achmhasan an stoirm, tigh fàsaich an Tigh-an-droma, cala Obar-dheathain, clann-nighean Gaidhealach adannsa, agus ceud dealbh eile nas fheàrr na chéile.

Bu mhór am beud nach do ràinig Alfred Furness oirthir an iarthuath, siorramachdan Rois agus Chataibh, agus na h-Eileanan. Cha bu mhisde an leabhar aige boillsgeadh de Loch MaRuibhe no de bheanntan Chataibh , no sealladh den Chuilthionn, no machraichean


[87] Uibhist, no tràigh Bharraidh, no Tràigh Mhór Uige an Leódhas. Tha sinn an dòchas nach dio-chuimhnich e iad an ath leabhar a chuireas e a mach. Ach is math agus is ro-mhath na thug e dhuinn an so.

Chan urrainn dhuinn a bhith cho riaraichte leis an earrann sin den leabhar a tha ann an sgrìobhadh. Tha an leabhar air a roinnna chóig earrannan, is tha beagan aig John L. Weir ri ràdh aig toiseach gach earrainnmu thimchioll dùthaich Bhurns, Glaschu, agus Abhainn Chluaidh, dùthaich Scott, Dun-éideann, agus aGhaidhealtachd. Tha e car sean-fhasantana chainnt; tha blas linn Victoria oirre, is tha dreach an linn sin air pàirt de na smuaintean aige. Bheir iad barrachd riarachaidh do Shasunnaich agus do Ghoill eile do nach aithne Alba na bheir iad do luchd ar dùthcha-ne.

Tha an leabhar daor, ach tha e grinn air a chur ri chéile, is bheir e iomadach uair-a- thìde de thoileachas don t-sùil.

America’s Man of Destiny, ”le Kevin McCann. Heinemann, 10/6.

Faodaidh gun can cuid nach eil cuid no gnothuich aig an leabhar so ri luchd leughaidh Gàidhlig. Ach chan ann mar sin a tha. Anns na duilleagan so, tha sinn am beachd iomradh a dheanamh air leabhraicheanBeurla no Gaidhlig no Greugaisa tha sinn an dùil a tha math agus gu feum dar luchd leughaidh. Agus co-dhiùbh, is e fuinne thana da-rìreabh a bhios aig luchd Gàidhlige mur a leugh iad ach na leabhraichean a tha atighinn a mach ann an Gàidhlig an diugh.

Tha an leabhar mu dheidhinn an t-Sinealair Eisenhowerduine air an robh an saoghal an crochadh fad làithean cogaidh; duine air am bi an saoghal an crochadh fad iomadh bliadhna fhathast. So agaibh sgeulachd mu bhalach beag cumanta a dhèirich gu bhithna aon de phrìomh fhir-stiùiridh an t-saoghail anns am bheil sinn beò.

Rugadh Eisenhower ann am baile beag Abilene ann an Ameirigamac phàrantan aig nach robh anns an t-saoghal ach na chumadh beò iad air éiginn. Chuir e e fhéin troimh an sgoil le bhith ag oibreachadh ann am bùtha bhainne air an oidhche agus aig a chuid leabhraichean troimh an latha. Cha be an taghadh no an roghainn, ach am fortan a chuir a Cholaisde Airm Westpoint e, agus ann an sin cha robh e ach mar fhears an t-sreath. Arse fhéin mu bhalach eile a bha còmhla risbalach dìchiollach a fhuair air adhart—“Chan eil fios ciamar a chaidh leis cho math; bha cus eagail air riaghailt a bhriseadh.”

Tha an leabhar, ann an dòigh shìmplidh, thaitnich, a leantainn beatha Eisenhower a nuas chun an lathan diughgus an do dhfhàg e an t-arm agus an do dhaontaich e a dhol air adhart airson taghaidh mar Cheann-suidhe Ameiriga. Dhaontaich e sin a dhèanamh, chan ann a chionn gum bheil e déidheil air féin-ghlòir ach a chionn agus gun do dhleas e e mar a dhleasdanas. Sin suaicheantas Eisenhowerdleasdanas. Agus so leabhar a chuireas an céill dhùibh ann an dòigh thaitnich mar a lean e cùrsa an dleasdanais fad a làithean.

[88] [89] [90] [91] [92] [93] [94] [95] [96] [97]
[98]
titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page