Eilean Hiort
le DOMHNULL SEUMAS MACLEOID
Parlamaid Hiort.
CHAN eil ach beagan is fichead bliadhna bho’n dh’fhalbh an tuath a Hiort gu tìr-mór. Tha seann eachdraidh an eilein mar tha ar seann-eachdraidh fhéin gu tur air chall, is bhiodh e inntinn-tharruingeach dhuinn fios a bhith againn dé a thug air daoine a thighinn a dh’ fhuireach ann, an toiseach, agus cuin.
Anns a’ cheathramh linne deug thug Eòin, Tighearna nan Eilean, sgrìobhadh d’ a mhac Raghnall air Hiort, fo’n ainm sin; sgrìobhadh a bha air aideachadh le Rìgh Raibeart II. An déidh sin fhuair MacLeòid Dhunbheagain seilbh air an àite is bha Hiort aig an teaghlach sin fad chóig ceud bliadhna gus an do dhealaich iad ris an 1930. Tha e an diugh aig Iarla Dumfris mar chomraich eun.
An uair a thadhail Màirtinn Màirtinn san eilean an 1695 bha 180 de shluagh a’ tuineachadh ann; thanaich an àireamh sin gu 88 an 1759. Thuit sin a rithis gu 72 an 1875 is an 1930 bha e air crìonadh cho beag ri 35. Thàinig sgrios air sluagh an eilein le breac, uair no dhà, is an 1856 chaidh 35 thairis gu Astràlia ach gu mì-fhortunach chailleadh móran diubh air an t-slighe null le tinneas.
Bha, cuideachd, galair glé thric measg na cloinne a b’ òige san eilean agus is gann a shàbhaileadh leth ’s a thigeadh do’n t-saoghal.
Nuair a chrìon àireamh nan Hiortach an 1930 cha robh air an eilean ach ochdnar fhirionnach slàn, fallain, comasach air obair fhear a chumail a’ dol, a’ chlòimhe a spìonadh is fhighe, ballachan a’ thogail is tighean a’ chàradh, sìol is buntàta a chur is eòin na mara a ghlacadh, mar bu dual le’n athraichean.
Ri linn Mhàirtinn is fada na dhéidh bha e an cead an stiùbhaird, an t-oifigeach bha aig MacLeòid air an eilean, mu leth cheud de na daoine bu mheanbha is bu chaoile ’s na h-eileanaibh mun cuairt a thoirt leis do Hiort air son ràithe samhraidh. Thilleadh iad le sunnd is slàinte ’nan gnùis an déidh trì mìosan de àile a’ chuain shiar is pailteas de bhiadh math.
Bha crodh is caoraich aca is eòin fhiadhaich, fulmair, seumais ruadha, sùlairean, sgairbh is buthaigirean. Iasg ùr, nan dèanadh langa is trosg is sgadan e. Ach dh’ fheumte acfhuinn iasgaich freagarrach air son an cosnadh is bàta tapaidh. Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun robh na Hiortaich toilichte deireadh an t-samhraidh fhaicinn gus am faigheadh iad cothrom ceart biadh a sholair is min a bhleith dhaibh fhéin. Bha sia sloinnidhean am measg nan Hiortach:—Gilliosa, MacFhearghuis, MacDhòmhnuill, MacCuidhean, MacIonmhuinn agus MacCruimein. Ma bha sloinnidhean eile ann tha iad air chall an diugh.
Tha so a’ dearbhadh gur h-e Gaidheil air fad a bh’ unnta agus tha luchd-rannsachaidh de’n bheachd nach e gineil nan ceud Hiortach a bha san eilean an 1930 ge b’ e air bith co as a thàinig iad.
Bha iad fhéin a’ smaoineachadh gur h-ann a Uidhist a thàinig an athraichean. Tha ainm no dhà an Hiort a tha nas sine na ám nan Lochlannach. Tha againn ainm an eilein fhéin bho’n t-seann Ghàidhlig: hirt, irt, (i.e. bàs) ainm co-cheangailte ris gach cruaidh-chàs is fòirneart a choinnicheadh neach troimh a bhith fuireach san àite iomallach so a tha, am beachd sluagh Innse Gall, na dhubh-phrìosan ’s chan e pàrras (MacBhàtair). Tha againn cuideachd Dun Fir Volg (i.e. Dun Fear Bholg)—Daingneach nam Fear Bhalg. Thaobh an t-ainm St. Kilda, cha robh naomh air an robh an t-ainm is chan eil. Tha am facal a’ ciallachadh “tobair”—Kelda ’s a’ chànain Lochlannaich—is tha e r’ a fhaicinn an cairt mara Olaindeach (1666). Tha an tobair faisg air an laimhrig far am biodh na h-Olaindich a’ tadhal nuair a bhiodh iad ag iasgach ’s a’ chuan shiar san t-seachdamh linne deug. Tha cuideachd tighean fo thalamh ann is altairean pàganach is tursachan cloiche a’ nochdadh làmh an duine is a làthaireachd bho shean.
Bha e ’na chleachdadh aig muinntir an eilein togalaichean beaga de bhallachan cloiche a’ dhèanamh—‘cleitean,’ mar theireadh iad—chum am bàrr is an tràthach a thiormachadh is air son na h-eòin a mharbhadh iad a chumail, ùr is fallain. Oir bha salann gann is daor is duilich r’a fhaotainn.
Bha na Hiortaich buailteach do thinneas “cnatan nan Gall” gach uair a bhuaileadh soitheach port, is cha robh fhios gu dé b’ aobhar do’n chnatan so a bha gu math trom air cuid aca.
Ach fo dheireadh cho-dhunadh gun robh àile Hiort cho neo-thruailichte is gun robh na daoine buailteach do àile a soitheach no bho choigreach sam bith. Tha e coltach uair air bith a ruigeas bàta eilean Tristan d’ Acunha gu bheil a’ chleas a’ tachairt. Nuair a dh’ fhàs e fasanta aig luchd-turuis tighinn ’nan sgaothan air bàta-smùid dh’ fhàs an cnatan so ni bu teirce.
Bha aon sealladh r’a fhaicinn an Hiort nach fhaic neach an diugh. B’ e sin an tigh san robh a’ bhaintighearna Grange fad cheithir bliadhna mus deachaidh a cur do’n Eilean Sgiathanach far na chaochail i an 1745.
Bha uair trì seipeilean an Hiort roimh ám an Athleasachaidh coisrigte do Chriosd, do Chalum Cille is do Bhrianan, ach chan eil gin aca am follais an diugh.
B’ e cheud cheisdear Alasdair Buchan (1705-1730) agus beagan an déidh sin bha an t-Urr. Coinneach MacAmhlaidh, bràthair seanar Tighearna MhicAmhlaidh. Sgrìobh MacAmhlaidh so leabhar air Hiort a thug toileachas mór do’n Dotair MacIain( “MacIain Mór nan Cànain” ). An 1822 chaidh Domhnullach na Tòiseachd do Hiort air son na ceud uaire. Ghabh an Dr. Domhnullach spéis mhór do’n eilean is chaidh e ann trì uairean eile. Chaidh e timchioll Alba cruinneachadh airgid air son eaglais is Mansa a thogail is an 1830 chunnaic e an t-Urr. Niall MacChoinnich ’na aoghaire air an eilean. Rinn an duine cothromach so feum mhór air son crannchur an àite a leasachadh. Bha e ’na chleachdadh aig na firionnaich a bhith cruinneachadh gach latha chum obair a réiteach is theireadh iad “Pàrlamaid Hiort” ris a’ choinneamh so. “An lìonmhorachd na comhairle tha tearuinnteachd.” Bha an sgoil air a cumail gu dòigheil, is chunnaic sinn 17 an làthair latha a’ cheasnachaidh.
Ach tha an tuineachas bha so seachad is tha a’ chuid as motha de na h-eileanaich an ceann an cosnaidh an diugh ag obair air coille an Earraghaidheal.
Clann sgoile ann an Hiort. Comhla riutha, tha am maighstir sgoile—Mgr. Moireach—athair an Ard Mhgr. Sgoile a tha’n diugh ann am Portrìgh.
title | Eilean Hiort |
writers | Donald James MacLeod |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Dòmhnull Seumas MacLeòid in Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |