Falaisgearan Fad As
le CALUM MACIOMHAIR
’S e maduinn samhraidh a bh’ ann. Laigh samhchar trom air Baile nam Muileann, oir cha robh e fhathast ach tràth. Shuas air druim a’ bhaile bha ceò ag èaladh gu mall chun na h-àirde a deas bho shimilearan nan tighean ùra. Bha osag fhann de ghaoith an iar ann. Thàinig i thairis a’ mhonaidh is na cnuic, milis le àileadh an fhraoich agus falaisgearan fad as. Shéid i steach air uinneig uachdraich seòmar Mhurchaidh Anna, agus ghlac a chuinnleanan i far an robh e fhathast ’na laighe air a leabaidh shuas-straighre ’san tigh ùr a thog e an uiridh. Thug anail na h-osaig gu a chuimhne làithean eile agus falaisgearan eile a chaidh as bho chionn fhada. Làithean sona na h-àirigh air Stacaiseal, Ceann Allabhat, Na Cleiteachan . . . . Ach cha robh ann ach faoineas a bhith tighinn air nithean a chaidh thairis.
Bha là ùr air teachd. Dh’ fheumadh e bhith gluasad a mach bho’n chuibhrig ged a bha e sgìth an déidh an là-an-dé a chur seachad a’ rùsgadh mòine Iain Bhig. Agus air tilleadh dhà, chuir e am blàr shnèap. Greis eile a’ toirt làmh-chuidich do Iain a mhac, a’ deilbh clò, agus aig Sealbh a bha fhios cuin a fhuair e g’ a leabaidh. Co dhiùbh, bha ’n gloc ’na stad—bho’n oidhche ud, mìos air ais, nuair a thuit e as a làmhan. Gloc na h-éiginn dhà-san, oir cha do stad teanga Anna dheth a riamh bho sguir bìogail borb an uaireadair-cluig anns na maidnean. Is leis a h-uile sgiorradh a bha ’na dhéidh m’ an ám so de’n bhliadhna cha robh e a’ faighinn de dh’ anail a leigeadh leis Domhnull Aonghais Choinnich a ruighinn leis an inneal. Carson an ainm gliocais a bha daoine air an riaghladh le glocaichean?
Ged tha, bha thìd a bhith ’g éirigh. Shìn e a chasan, sparr e a ghàirdeanan os cionn a chinn, mhèarain e, dh’ altaich e a shùilean, thilg e an t-aodach-leapa a thaobh is chuir e car dheth fhéin chun an làir. Tharruing e uime a stocainnean is a bhriogais, is rinn e air an uinneig. Sheall e air coltas an adhair is shaoil leis gum faca e iomadh coltas ni bu mhiosa. Co dhiùbh, bha a’ ghrian ris is an t-adhar gorm. Thug e dà cheum air ais gu oisean na leapa, agus—dé an sporghail a bh’ oirre-se shios-staighre? Bha i a’ stàirnich an sud bho’n dubh mhoch-eirigh a rinn i an diugh gun fhios fo’n ghréin carson. Thog e a sheacaid bho phost na leapa, shad e uime i, agus stad e. Dé air an talamh an iorghail a bha dol air adhart anns na badaibh a bha shios? Sin chuala e sgriachail circe agus bualadh sgiathan. ’S ann a’ mort circe a bhiodh i. Gu rachadh leatha is gun tarruingeadh i an sgornan as a h-uile cearc a bha eadar dà cheann a’ bhaile. Is esan a bha seachd sgìth dhiubh. Eil fhios an robh gin de na donais anns a’ bhlàr shnèap a chuir e an raoir? Thill e chun na h-uinneig, thog e ni b’ àirde i, chuir e a cheann a mach is thug e sùil sìos air a’ bhlàr shnèap mu choinneamh an tighe. Chunnaic e na sgriosadairean an sàs agus cha do chùm e air na b’ fhaide. “Seall air na diobhail,” ars’ esan. “Ged tha, cuiridh mise smùid as na h-itean aca. An dà leum bha e shìos an staighre. “Daimon! Daimon!” dh’ éigh e. “Thoir leat
Lean sùil Mhurchaidh cearc liath aig àirde na faoileige ’s i a’ dèanamh air an loch. “ ’S e bàthadh as crioch dhut-sa,” ars esan.
“ ’S e crioch an amadain tha ’n dàn dhut-sa”—chuala e guth Anna, agus air tionndadh dhà bha i m’a choinneamh ’san dorus. Bha i an àirde troid ris air a dhol-a- mach.
“Seall thusa air dìol an amadain air na dhà na trì chearcan a dh’ fhàg an galair agam. Cóig air bàsachadh an dé, agus mi air ochd fhaighinn marbh anns a’ mhaduinn an diugh . . . .”
“Cùm glaist iad,” arsa Murchadh, “ma tha snèipean a dhìth ort.”
“ ’S ann fo ghlas an tigh-chaothaich bu chòir dhut-sa bhith,” ars Anna, “ ’S iomadh duine a th’ ann nach eil a leth uiread a dhìth . . . . Tà, is math a dh’ itheas tu na h-uighean aca.”
“Tha mi seachd searbh de dh’ uighean bho thàinig an samhradh, aig mòinteach ’s aig baile,” fhreagair esan, ’s e dol seachad oirre steach chun a’ chidsin.
Shuidh e aig ceann bòrd a’ chidsin, far an robh truinnsear lit is muga bainne a’ feitheamh air. Mar a bha e lomadh air a lit chuala e gloc cridheil bho Iain a mhac. Thàinig e steach is sheas e am meadhon an làir is e cur thairis le gàireachdainn. Nuair a fhuair Iain comas bruidhinn, “A dhuine bhochd,” ars esan, “am faca sibh a’ chearc gheal ud, ’s i dol cho luath ris a’ Chomet?”
“Uisd,” ars athair, “mus cluinn do mhàthair thu. ”—Bha comhradh bhoireannach air taobh muigh an doruis, is Iain a’ glocadaich a stigh—“Bha Iain Beag a’ foighneachd,” ars Iain, “an ann ’ga sgiùrsadh sìos a thigh na bainnse a bha thu.”
Stad Murchadh, imcheist ’na shùilean. “Cha robh cuimhne agam,” ars esan, “gur h-e nochd oidhche banais Nèill. ’S e so fhéin am mortadh chearc a chuala mi aice-se ’s a’ mhaduinn . . . Bheil iad a’ gàgail a muigh a sin fhathast? Nuair thig ise steach chan ann gu mo bhanais-sa.”
Bha Murchadh air éirigh bho a bhracaisd nuair a nochd Anna ’san dorus gun fhios da. Thòisich i air sgioblachadh an tighe, is mar a bha i a’ dol bha i a’ toirt a chliù is a theisteanas do Mhurchadh—duine a ràinig an dà fhichead bliadhna a ràinig e, ’na chùis fhanaid ’s a’ bhaile. Cha robh sean na òg ’s a’ chreag nach robh a’ dèanamh spòrs air an sgrios a rinn e air a chearcan fhéin. Bha fhios aig do liadh gur h-e cumail ’na thosd a b’ fheàrr, agus nach robh i dad ach air tòiseachadh, oir cha b’ e so a’ cheud uair a thoill e breitheanas nam ban. Thug Anna leatha na lion-sgaradh làithean eile air na nàirich e e-fhéin is na bhuineadh dha. Agus nan deidheadh e chun na bainnse a nochd bha i deimhinnte gun nàiricheadh e am baile. Rud eile, bha ’n gloc a bhris e an sud fhathast ’na stad. Bhiodh strainnsearan a’ tadhal ’s a’ foighneachd dé an uair a bha e. Ach bha foighidinn Mhurchaidh air ruith a mach.
“Fóghnaidh sin an dràsda,” ars esan. “M’ anam fhéin, chan eil iochd leth ri boireannach. Stadaidh duine, stadaidh cearc, agus
Thog e an gloc bho sgeilp an teine, dhìog e fo achlais a sheacaid e, agus ghreas e mach gu tigh an innleachdair. Nuair a chuala Domhnull Aonghais mar a bha an saoghal a’ tachairt ri Murchadh le dìth gloc, thòisich e air le drip, is bha e gu h-aithghearr ri siubhal aige cho math is a bha e aon uair a riamh . . . . Ach is luath a shiubhlas latha samhraidh air fear an dà fhichead. Nuair a chuir Domhnull na spògan gu seachd uairean air an uair ùr, is gann gun creideadh Murchadh mar a ruith an latha gun fhios da. Chuir ùpraid nan cearc ’s a’ mhaduinn an latha bun os cionn air, is an uair a thug Dòmhnull ’na chuimhne gun robh an soisgeulach a’ cumail coinneimh ’san tigh-sgoile aig leth-uair an déidh h-ochd, thog e air dhachaidh, an t-uaireadair a’ diogadaich fo a sheacaid.
An uair bheag a thìde eile bha Murchadh is Anna ’nan suidhe ’san tigh-sgoile a measg a’ choimhthionail mhóir a bha ag éisdeachd an t-soisgeulaich. An ceann sreath, le iomadh sgal air a’ chùbaid, agus bualadh a bhoisean, falas a’ sruthadh sìos aodann, bha am ministear an ìre mhath aig àird a shearmoin—Bithidh fios agad an uair sin, anam . . . . lasrichean ifrinn ’gad imlich, teine sìorruidh ’gad ghlasadh ’s ’gad thachdadh, ’s cha bhi dol as—tha ’n ùin a’ ruith—sìorruidheachd romhad—till air t’ ais o shlighe a’ pheacaidh . . . . Rinn an searmon drùidheadh mór air Murchadh. ’S ann ris fhéin a bha am ministear a’ labhairt, mar a bha Anna ’s a’ mhaduinn a’ toirt a pheacannan is a thoillteanas fa chomhair. Aig deireadh an t-searmoin bha seinn an t-sailm air fonn Kilmarnock mar fhèath an déidh stoirm.
Sgaoil an coimhthional. Chaidh fir is mnathan Baile nam Muileann air ais gu teadhraichean an t-saoghail. Bha cuirm na cloinne air chois an tigh na bainnse. Bha aoibhneas is ceòl an druim a’ bhaile.
Goirid an déidh meadhon-oidhche, bha Murchadh air ais ’na thigh fhéin an déidh dha cuirm na bainnse a fhrithealadh. Dh’ fhuirich Anna a’ toirt lamh-chuidich an tigh Nèill. Bha na fir a’ tighinn ’s a’ dol eadar tigh Mhurchaidh is tigh na bainnse, is bha leann is uisge-beatha am pailteas ri òl. Agus ma dh’ fhalbh a’ cheud leth de ’n latha—mas e dà leth tha air—gun fhios do ar caraid, cha robh sgeul idir aige air an darna leth.
Mar a bha camhanaich na maidne a’ rughadh na h-àirde-an-ear bha neul a’ doilleireachadh mu aogais Mhurchaidh. Cha mhotha bhiodh fios aige, gus an teicheadh na sgàilean, gun robh e cho tràth ag abachadh a dh’ ionnsaigh na crìche. Ciamar a bhiodh fios aige air an rud a bha ’n dàn da, is a bha gus a so falaichte an ceòlraidh is an cridhealas na bainnse? Ach bha an uair ’ga ruith is na sgàilean a’ dùmhlachadh, agus bu trom leis a nis an iorram ’s an t-iomradh. Dh’ èalaidh e air éiginn suas an staighre d’a sheòmar. Bha e sgìth. Le treòir a chridhe ’ga fhàgail dh’ fhalbh a chasan uaithe is thuit e air a leabaidh.
Nuair a thill Anna a tigh na bainnse bha a’ ghrian is i fhéin a’ streap fhathast air staighrichean na h-àirde-an-ear. Shaoil leatha gun dèanadh i beagan de dh’ obair an tighe mun deidheadh i a laighe. Le ùpraid na bainnse bha closaichean nan cearc a leag an galair fhathast ’nan laighe air làr an t-sabhail. Phùc i am broinn poca gach
Nuair a dh’ fhàg Murchadh an saoghal, agus an saoghal esan, cha do chuir a leabaidh casg ach air tuiteam a chlosaich. Lean a thuiteam, agus bhuail earalas uamhasach e gun robh siubhal dian aige chun an t-slochd shìorruidh, gun dòchas, gun ghrunnd. B’ e so a chrìoch is a cheann-uidhe—an dearbh àite bha e an dùil gun seachnadh e bho chual’ e an toiseach m’a dheidhinn. Dh’ fhiach e ri éigheach, ach bha a theanga an sàs. Dh’ fhiach e ri greimeachadh ri ni-eigin talmhaidh, ach cha robh nì ann ris an greimicheadh e, ach ballachan falamh an dorchadais. Dh’ fhiach e ri cuimhneachadh cuin a chaill e a ghréim air fhéin, ach cha robh e ’na chomas eadar-dhealachadh a chur eadar tìm agus siorruidheachd. Rinn e dìcheall éigeannach casg a chur air a thuiteam, ach bha an oidhirp faoin. Bha facail an t-soisgeulaich a’ gaoir troimh a chluasan. Cha bhi dol-as agad bho lasraichean ifrinn . . . . Ach is cinnteach gur h-e aisling a bha so. Chuimhnich e gun do bhuail droch throm-laighe e barrachd air aon uair ’na bheatha agus gun dhùisg e gu faothachadh is sonas. Le uile neart rinn e oidhirp air dùsgadh, ach bha a neart ’ga fhàgail. Las an dorchadas mar a bha na dealanaich ’ga shracadh ’na lasraichean. Chual e nis na deamhnan beaga ri bualadh an sgiathan is ri sgriachail is ri cleasachd timchioll air rìgh-chathair Prionnsa an Dorchadais . . .
Bha sradagan dearga ’ga ruighinn is ’ga bhualadh. Bha e a’ fàs ni bu teotha. ’S e ’n fhìrinn a bha aig a’ mhinistear—cha robh dol as aige. Bhuail fàileadh air a chuinnleanan a chuir gaoireasachadh troimhe—fàileadh dhaoine ’gan ròsdadh. Bha flò dhe na deamhnan a nis ri sgriachail is ri sgiathalaich m’a cheann. A measg an fharuim oillteil chual e sgriachail chearc—agus dé bha sud? Theab am fuaim a shracadh as a chéile. Ach dh’ aithnich e gur h-e bh’ ann clagan biorach an Donais Mhóir fhéin ’ga ghairm gu ’àite-còmhnuidh.
Shìos staighre bha Anna is Bean Iain an dlùth chonaltradh. Os an cionn bho àrd sgeilp an teine thàinig sgriach bhiorach mar gum biodh Latha Luain ri briseadh. Leum iad ’nan dithis troigh bho’n làr.
“O Thighearna,” ars Anna, ’s a h-anail ’na h-uchd. “Cha robh fios agam gun do chuir Domhnull alarm a’ ghloc a dhol. . . .”
Aig an aon ám bhris ràn amhgharach os cionn lobhta an tighe. “Mo chreach! Có tha sud?” arsa Bean Iain.
“Chan eil ach Murchadh,” fhreagair Anna, “agus tha mi an dòchas gum fuirich e far am bheil e gus an téid teine nan cearc bàs.”
title | Falaisgearan Fad As |
writers | Calum MacIver |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Calum MacIomhair in Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |