Eachdraidh an Iasgaich an Leodhas
Le SEUMAS MACTHOMAIS
’S ann air eachdraidh iasgach an sgadain a tha Seumas MacThómais a’ toirt cunntais an so. Tha sinn an dòchas gu lean e air an sgeul is gun toir e dhuinn uair eile eachdraidh air seòrsachan iasgaich eile. Anns an earrann eile de’n chunntas so gheibh sinn cuideachd sealladh air caitheamh-beatha nan iasgairean agus clann-nighean an sgadain.
An t-seann “Mhùirneag”—am bàta iasgaich a b’ainmeile a bha’n Leódhas riamh.
CHAN eil cunntas againn gu robh obair iasgaich a’ dol air adhart mu chladaichean Leódhais roimh thoiseach an t-siathamh linne deug, ach tha fios againn gu robh na Deasaich ag iasgach anns na lochan mu thimchioll an Eilein fad iomadh bliadhna mus tàinig deireadh an linne sin. Tha e air aithris nach robh na Leódhasaich idir buidheach leis an obair-sa, agus gun do chuir iad campar gu minic air na coigrich.
Thugadh oidhirp uair agus uair, le ughdarras an rìgh, air obair iasgaich a chur air chois anns na h-Eileanan a Siar ann am fìor thoiseach an t-seachdamh linne deug, agus rinneadh dà phort iasgaich, fear aca an Loch nam Madadh an Uidhist a Tuath, agus fear eile air Caolas na Hearradh. Bha an t-uachdaran a bha air Leódhas aig an ám ’na dhuine geur-sheallach, agus chuir e roimhe gum biodh a chuid aige-san de shaidhbhreas na mara. Thug e cuireadh do dh’ iasgairean as an Olaind an dachaidhean a dhèanamh an Steòrnabhagh agus thug e cothrom iasgaich dhaibh mar bu mhath leotha.
Shoirbhich leotha gu ro mhath, agus fad bhliadhnachan bha móran éisg a’ dol á Steòrnabhagh dh’ ionnsaigh Tìr-mór agus gu ruige an Olaind. Lean so gus na bhris cogadh a mach eadar an dùthaich sin agus Sasuinn anns a’ bhliadhna 1653 nuair a b’ fheudar do na h-Olaindich Leódhas fhàgail le òrdugh an riaghaltais.
Bha nis móran de shluagh Leòdhais air tlachd a ghabhail anns an iasgach air chor agus gun do lean iad a’ mhuir fad linntean an déidh sin. Tha e r’a chreidsinn nach robh iasgairean anns a’ Ghaidhealtachd air fad a thug barr orra gus an latha an diugh.
Chaidh àireamh iasgairean Leódhais an lìonmhoireachd ré an ochdamh linne deug ionnus nach robh bàgh no geodha ceithir thimchioll nan cladaichean anns nach fhaighte eathraichean a’ falbh ’s a’ tighinn ma bha oitir iasgaich far an ruigte i. Bha taobh an iar an Eilein ainmeil airson bhiorach, agus tha e air innseadh gu robh féill mhór air ola nam biorach anns an dùthaich agus gur iomadh fear is té anns an là ud air na chuir i sult agus dreach. Bha na Searaich an tòir air truisg is langannan is adagan. Bha an adag airson biadh an teaghlaich, ach bha na truisg agus na langannan air an sailleadh agus air an tiormachadh ris a’ ghréin. Is iomadh luchd soithich a ghiùlaineadh gu ruige Eireann agus Abhainn Chluaidh fad nam bliadhnachan.
Gus an ám so cha robh bàtaichean freagarrach aig na h-iasgairean airson druim a’ chuain a thoirt orra. B’ e Loch a Ròg an Uige am prìomh àite iasgaich, far an robh sgadan gu leòir air a mharbhadh agus air a shailleadh. Bha e air a reic bliadhnachan cho saor ri tasdan an crann ris na Suainich a cheannaich a’ chuid bu mhotha dheth aig an ám.
Anns na sia bliadhna 1791-1796 chaidh gach bliadhna thairis air a chéile suas ri sia mìle baraille sgadain agus ceithir fichead tonna ’s a h-aon deug de iasg glas a chur á Steòrnabhagh gu Tìr-mór agus gu dùthchannan na Roinn Eorpa.
Nuair a chrìon obair na feamann anns na h-eileanan mu thoiseach an ath linne (obair a bha ro fheumail fhads a mhair i), thug sluagh Leódhais aghaidh air a’ mhuir mar nach tug iad riamh roimhe. Thog iad bàtaichean na bu mhotha na chleachd iad, agus bha iad a nis comasach air an sgadan a ruighinn far am biodh e. Thàinig soirbheachadh nach bu bheag ri linn sin.
Anns a’ bhliadhna 1870 shailleadh 159,180 baraille sgadain an Steòrnabhagh, a thuilleadh air 297,464 trosg is langa. O’n ám so gu toiseach an ath linne cha robh fear no té mar a thigeadh gu ìre cosnaidh nach ann air an iasgach a bha e toirt aghaidh, na fir a’ glacadh an éisg agus na caileagan ’g a ghiollachd. Anns na bliadhnachan mu dheireadh de’n naoidheamh linne deug bha ceudan bàta ag iasgach an sgadain a mach á Steòrnabhagh, cuid aca a bhuineadh do na Leódhasaich, ach móran aca as na puirt a Sear le Leódhasaich air bòrd. Bha seann duine còir, aig an robh ùidh ’san obair, ag innseadh dhomh o chionn ghoirid gun do chunnt e aon fheasgar 970 bàta seòlaidh a’ fàgail na laimrig. Bu bhòidheach an sealladh iad fo làn aodach eadar a’ Chearc ’s an Tiompan. Chunnaic mi le mo shùilean iad, cho
O’n bhliadhna 1900 bha àireamh nam bàtaichean a sìor dhol na bu lugha gach bliadhna gus an là an diugh. Chì sinn fhathast an t-aobhar.
B’ e an t-iasgach am prìomh rian cosnaidh aig an t-sluagh fad linntean. Mur cuireadh an t-iasgach airgead an dorn an iasgair cha bhiodh airgead aige. Bha toradh an talamhainn feumail, gun teagamh, ach cha do dh’ fhàs croitear beartach a riamh r’a linn ann an Leódhas.
Anns a’ bhliadhna 1898 bha 3,930 eadar fhirionnach agus bhalach anns na bàtaichean. A thuilleadh air sin cha robh nighean eadar sia bliadhna deug agus leth cheud bliadhna nach robh ri giollachd an sgadain fad mìosan an t-samhraidh an Steòrnabhagh, an Sealtain agus anns na puirt a Sear.
Tha cunntas earbsach againn air gach crann sgadain a mharbhadh a mach a Steornabhagh gach bliadhna o’n bhliadhna 1854 gus an là an diugh. Bha an àireamh sìos agus suas o bhliadhna gu bliadhna. Anns a’ bhliadhna 1891 chuireadh 100,000 crann air tìr, ach anns a’ bhliadhna 1894 cha do mharbhadh ach 20,000. Reiceadh 152,000 crann sgadain an 1898, ach bliadhnachan an déidh sin bha an àireamh cho beag ri 60,000, agus thuit i aon bhliadhna cho iosal ri 44,000. A’ bhliadhna a bhris an cogadh mór a mach, 1914, reiceadh 163,000 crann ach bha an àireamh anns a’ bhliadhna 1921 cho ìosal ri 39,000 crann.
Cha do chuireadh barrachd sgadain gu laimrig an Leódhas na rinneadh fad nan sia bliadhnachan 1922-1927. O’n bhliadhna 1930 gus na bhris an cogadh mu dheireadh a mach an 1939 ghlacadh thairis air a chéile gach bliadhna mu 56,000 crann.
As déidh na bliadhna 1887, nuair a thòisicheadh air iasgach geamhraidh an toiseach, chuireadh móran sgadain a bharrachd air tìr anns a’ chumantas gach bliadhna na rinneadh roimh an ám sin.
Chithear o na chaidh a ràdh cheana nach robh gach bliadhna treabhadh dha chéile, ach fhathast gus na bhris a’ cheud chogadh a mach anns a’ bhliadhna 1914 bha muinntir Leódhais a’ dlùth leantuinn iasgach an sgadain, agus cha robh ùidh aca an obair sam bith eile.
An diugh, an àite nam mìltean a bha an crochadh air iasgach na mara airson am beò-shlàinte chan fhaighear na ficheadan ris an obair. Dé thachair agus a thug air iasgairean Leódhais an cùl a chur ris a’ mhuir?
A thaobh an sgadain, so mar a bha. Tha Steòrnabhagh fada bho mhargaidhean agus am faradh daor. Cha b’ urrainn ciùrairean Steòrnabhaigh sgadan ùr a chur gu bailtean an taobh deas, agus air an aobhar sin dh’ fheumte an sgadan a ghiollachd airson gu seasadh e an ùine bha feumail chum a ghiùlain thuca-san a dh’ itheadh e. Bha dà dhòigh air so a dhèanamh—an sgadan a thiormachadh ’s a’ cheothaidh no a shailleadh. Chan eil sgadan tiormaichte (kipper) ann as déidheile air a bheil sluagh nam bailtean móra na sgadan samhraidh Steòrnabhaigh, ach tha am faradh gu Tìr-mór a’ togail na prìse, agus gu minic ceannaichear an sgadan saor a roghainn air an sgadan mhath.
Boirionnaich a’ cutadh an sgadain ann an Steòrnabhagh.
Bha a’ mhór chuid de sgadan samhraidh Steòrnabhaigh air a shailleadh an déidh a chutadh. Bha so fìor a thaobh an sgadan geamhraidh mar an ceudna. B’ e rìoghachdan na Roinn Eòrpa, gu sònraichte a’ Ghearmailt agus an Ruis , a bha ’ga cheannachd. Nuair a bhris an Cogadh Mór a mach an 1914 chaidh stad a chur air a’ mhalairt so, agus ged a bha a’ Ghearmailt a’ ceannachd an sgadan geamhraidh againne gu a shailleadh iad fhéin fad bhliadhnachan eadar an dà chogadh bha ùine mhór nach robh sgadan idir air a shailleadh an Steòrnabhagh airson dùthchannan eile. An àite na 153,109 baraille de sgadan saillt a chaidh a reic ann an 1927 cha deach ach 212 baraille a shailleadh ann an 1941, agus cha deach ach 302 a shailleadh ann fad nan trì bliadhna an déidh sin.
Thòisich a’ Ghearmailt agus an Ruis ag iasgach an sgadain iad fhéin, agus tha an Olaind agus Lochlann a’ cur thuca mar an ceudna.
Ged a rinn Bòrd an Sgadain gach oidhirp airson margadh fhaotainn an taobh a stigh de chrìochan na rìoghachd againn fhéin cha leòir e idir airson iasgairean Albainn agus Shasuinn a chumail air sàl.
Tha corr air da fhichead bliadhna nis o thòisich iasgairean Leódhais beag air bheag a’ cur cùil ri iasgach an sgadain, air am mì-mhisneachadh bliadhnachan le goinnead an sgadain mu na puirt iasgaich, agus bliadhnachan eile le lughaid na prìse. Nuair a bhiodh an sgadan pailt anns na lìn bha a’ phris gu bitheanta tuiteam cho ìosal ri crùn an crann, air dhòigh ’s nach robh luach saothrach aig an iasgair as idir. Thòisich an òigridh a’ dol do na bailtean a Deas no gu tìrean céine a sholair an teachd-an-tìr.
Ach an latha chailleadh margaidhean na Roinn-Eòrpa airson an sgadain shaillt chuir sin cabhag air chabhaig air a’ chùis, gus mu dheireadh gu faodar a ràdh nach fhiach iasgach Steòrnabhaigh a bhith bruidhinn air.
An till na Leódhasaich gu iasgach an sgadain tuilleadh? Chan eil e furasda freagairt earbsach a thoirt do’n cheist sin aig an ám. Ach tha e cinnteach gu leòir mur tig leasachadh air cor an iasgaich a dh’ ùine aithghearr bìdh e doirbh òigridh fhaotainn ’s an Eilean a roghnaicheas an obair-sa a bhàrr air obair-tìre.
Tha acfhuinn iasgaich ro chosgail an diugh, agus tha margaidh an sgadain ro neo-chinnteach airson òigridh sgoinneil a thàladh.
Tha cosnadh cinnteach air tìr nas roghnaiche leò na saothair gun duais iomchuidh ’na lorg. Nuair nach robh obair eile ann agus a bha pàigheadh glé bhochd air fheabhas, cha robh cor an iasgair a’ coimhead cho doirbh idir, ach an diugh nuair a tha oibrichean eile nas fhasa lorg agus an duais nas cothromaiche agus nas cinntiche chan eil iongnadh ann gu bheil iasgairean na dùthcha cur cùil ris a’ mhuir.
A rìs, chan fhaigh an t-iasgair cuideachadh ’na fheum o’n riaghaltas mar a gheibh am fear-oibreach air tìr nuair a bhios e mach a obair. Chan eil an lagh a’ ceadachadh dha còmhnadh ach ri ám an iasgaich, ma bhios e diomhain, ach chan urrainn e bhith beò air a’ ghaoith aig a’ leithid sin a dh’ ám a bharrachd air ám sam bith eile.
Mur bi an t-iasgair cinnteach as a theachd-an-tìr fad na bliadhna mar a tha cosnaichean eile cha leig sinn a leas dùil a bhith againn gu lean e an obair daonnan.
Is e an aon nì a bheir air ais cuid de na chuir cùl ris an iasgach a cheana, agus a dh’ fhadas iarrtas an cridhe na h-òigridh togradh ris an obair, gun dearbhar dhaibh gur fhiach i an t-saothair: gu bheil an duais cinnteach ma nì iad saothair dhligheach.
Ach có as urrainn an dearbhadh sin a thoirt dhaibh mar a tha cùisean an diugh? Agus dé dh’ fheumas àite ghabhail mus bi dearbhadh cinnteach ri thoirt seachad? Am feum an riaghaltas, iad fhéin, bàtaichean iasgaich agus acfhuinn iasgaich ullachadh, agus iasgairean a phàigheadh air son an oibreachadh? Mur dèan an riaghaltas e, an dèan buidheannan làidir eile an obair a ghabhail os làimh?
Bìdh feum air sgadan cho fada ’s a bhios daoine ann a dh’ itheas e. Bìdh feum air iasgairean cho fada ’s a dh’ fheumar eòlas na mara gu bhith dìon na rìoghachd. Nach bu chòir a réisd do’n luchd riaghlaidh cnuasachadh gu cùramach mu’n ghnothuch agus gach oidhirp a dhèanamh gu bhith cur an iasgaich-sa air stéidh a ris?
An uair a tha an rìoghachd againne cho mór an urra ri dùthchannan céine air son na dh’fheumar chum an sluagh a bheathachadh nach eil e ro iomchuidh, chan e a mhàin gun giùlaineadh an talamh de bhàrr nas urrainn e chur dheth, ach mar an ceudna, gun dèante gach dìcheall gu bhith glacadh an éisg a tha am freasdal caomh a’ stiùireadh dh’ ionnsaigh nan cladaichean againn?
title | Eachdraidh an Iasgaich an Leodhas |
writers | James Thomson |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |