[29]

Am Bas-àr

le SEONAG, BEAN ALASDAIR.

CHA robh fios agam a theirinn am feasgar ud, an uair a dh’ainmich am ministir as a’ chùbaid gun robh an coimhthional a’ dol a chumail bas-àr!

Air an rathad dhachaidh as an t-seirbhis, bha a h-uile duine riamh a’ bruidhinn mu dheidhinn, agus bha mi fhéin a’ cumail cluas ri claistneachd feuch an cluinninn gu an seòrsa rud a bhann. Bha Curstaidh Alasdair agus bean aghriasaiche agus cop orra mar a bàbhaist, ach cha deanainn bun no bàrr den ghnothaich.

Chaidh a h-uile càil gu dòigheil gus an robh mi gu bhith aig ceann an rathaid, an uair a thionndaidh Curstaidh rium fhéin agus a thubhairt iNach tu fhéin a tha sàmhach a Sheonag! Cha chuala sinn fhathast gu do bharail air abhas-àr?” Cha do leig mi orm gun cuala mi i, an dòchas gun tòisicheadh cuideiginn eile abruidhinn. Ach feuch an do thòisich! ’S ann a thàinig i nall ri mo thaobh agus chuir i acheisd a rithist.

An dearbh rud a bha dhìth air muinntir an àite soarsa mise thar mo ghuailne, agus mar a rinn Sealbh, ràinig min geata anns abhruidhinn, agus ghabh mi roid a steachadeanamh leisgeal air choireiginn mun bhuntàta a bhith dolna ruadhan.

Bha Alasdair air ceann a stocainnean aig an teine an uair a chaidh mi steach. A nise, faodaidh tu rudan a ràdha ris an duine agad fhéin nach can thu ri duine sam bith eile, agus thubhairt mi ris, dìreach ann an clàr an aodainn—“Alasdair, a thann am bas-àr?” (Bha Alasdair aig obair a Hydro ann an Canaich fad bhliadhna agus chan eil sgrios air nach eil fios aige.) Thog e a cheann as anFhianuis.”

Bas-àrarsesan. “Nam bitheadh tusa aleughadh aGhazette bhiodh fios agad air a sin. Nach eil comanachadh mór uamhasach mar a bhaca ann an Steòrnabhagh an uiridh.”

“ ’Se sin a bha mi fhéin asmaoineachadh,” arsa mise. “Uill, tha fear gu bhith againn ann an so cuideachd, agus mar a bheil mise air mo mhealladh bithidh làn an tighe de dhaoine againn.” Agus leis a sin, chuimhnich mi air abhuntàta agus chaidh mi sìos dhan cheann shìos. Cha tug sinn an còrr guth air abhas-àr.

Ach feuchadh sibhse, maduinn Di-Màirt nach ann a fhuair mi fhéin litir bho bhean amhinistirgam iarraidh sìos chun aMhansa gus na stàilichean a chur air dòigh.

Stàilicheanarsa mi fhéin ri Alasdair“ ’s ann a tha so gu bhith nas coltaiche ri féill na ri comanachadh!”

Chan eil an sinthubhairt each cainnt bean amhinistir, ’s i cho Gallda co-dhiùbh. ’S dòcha gur e sin am facal a thaca ann am Muile airson bùird achomanachaidh. Achs en rud nach eil mise atuigsinn carson a tha boirionnaich agabhail gnothuich ri rudan den t-seòrsa sin. Bfheàrr gu mór sin fhàgail aig na h-éildeirean a tha air a bhith ga dhèanamh bhon a bha Noahna leanabh.”


[30]

A dhinnse na fìrinn, cha robh mi fhéin an dùil gun robh Alasdair fada ceàrr.

Feasgar Di-Màirt, thòisich mise adeanamh deiseil gus a dhol chun aMhansa. Gu dearbha, bu bheag miarraidh air a dhol a machs Aonghas MacLeòid aseinn air an radio. Ach co-dhiùbh, chuir mi orm maodach Sàbaids mo mhiotagans shluig mi balgam tea na mo sheasamh aig an uinneig feuch am faicinn Curstaidh Alasdair atighinn a nuas an rathad. Cha bfhada gus an do nochd i agus sprogan oirre nach robh ach mi-choltach do the a bha air an rathad chun aMhansa. Dhéigh mi fhéin ri Alasdair.

Trobhads faic so .... Curstaidh Alasdairs còta naWhist Drivesoirre. ’S fheudar gur ann air a dhol as a ciall a tham boirionnach!”

Cha do leig e air gun cual e mi. Ach co-dhiùbh, stob mise am Bìobull fo machlaiss dhfhalbh mi sìosna coinneamh.

Ràinig sinn am Mansa ’s chaidh sinn a steach. ’S nam faiceadh sibhse an cruinneachadh a bhan sudbha mi direach air mo mhaslachadh. Peigi Sheocainna suidhe ann an luideagan nach cuireadh tu air bodach-starraig am fianuis an rathaid mhóir; Seònaid Uilleim Bhig ann an dreasa a bha cho ìseals gum feumadh tu do cheann a chromadh mus fhaiceadh tu i; nighean abhancair agus raip de lipstic oirre nach biodh as an rathad air mullach na bàthcha. Agus, an creideadh sibh e, bean an dotair air an t-sòfa asmochdadh! “An a Sheonagarsa mise rium fhéinmas e so an seòrsa comanachaidh a tha gu bhith ann, bheir thusa an Eaglais Shaor ort cho luaths a rinn thu càil riamh.”

Ach cha do leig mi càil orm. Shuidh mi air cathair beag cruaidh ri taobh an teine, ’s chuir mi am Bìobull air abhocsa mhònadh ri mo thaobh.

Nan cluinneadh sibhse aghodail a bhan sud. Cha robh guth air dad ach fighes fuaigheal, cearcan is uighean. Mu dheireadh fhuair mo theanga làmh an uachdar orm; rinn mi an casad beag socair ud agus thubhairt miTha aon rud co-dhiùbhfeumaidh sinn ministirean fhaighinn nas fheàrr na bhagainn an turus mu dheireadh. mu dheidhinn MhicThómais Chill-fhinn agus Murchadh Eoghainn Dhun-eideann. Tha MacThómais glan air acheisd fhosgladh!”

Gann a bha na facail as mo bheul na rinn Peigi Sheocain gloc mór gàire, agus arsiseCha chreid mi fhéin nach e comanachadh a tha thu afeuchainn ri dheanamh dheth. ’S e a tha so bas-àr!”

Tha fios agam cho math ri an so gur e bas-àr a tha gu bhith annfhreagair mis ig éirigh shuas orm, “agus nan robh an leisge air leigeil le cuid de na than so a dhol a Steòrnabhagh an uiridh, thuigeadh iad nach robh an dealachadh cho mór eadar bas-àr agus comanachadh!”

Bha mi dìreach ag éirigh gu falbh an uair a chuir bean amhinistir a làmh air mo ghualainn agus a thubhairt iA Sheonag, tha mi fhéins tu fhéin air an aon ràmh. Bha mi den dearbh bheachds a tha thu an uair a chuala mi mu dheidhinn so an toiseach. Ach tha e coltach gur e a bhann an Steornabhaghconvention’; ’s e a thann ambas-àrach seòrsa desale of work.’ ”


[31]

Cha robh fios agam an taobh a sheallainn. “Uill, mata,” arsa mises mi ga mo shocrachadh fhéin air an t-seòrsa cathair air an robh micarson nach dthubhairt cuideiginn sin an toiseach? Nam bruidhneadh daoine Gàidhlig an athraichean gheibheamaid air adhart na bfheàrr.”

Chaidh cùisean gu dòigheil an déidh sin, agus nach ann a thubhairt bean amhinistir gum bu chòir dhoibh mise a chur air ceann stàile Chinn Loch. Thagh mi Curstaidh Alasdair agus nighean abhancair gu bhith còmhla rium, ’s mi ràdha rium fhéin gum biodh treis mus fhaighinn cothrom òrdanan a thoirt don dearbh dhithis a rithist.

An uair a bhan gnothuich seachad, thainig am ministir fhéin a steachs chaidh cupa tea a riarachadh. (Bha mise afeitheamh feuch an deanadh am ministir facal altachaidh, ach feuchadh sibhse an do rinn. Cha chreid mi nach robh an t-acras ga tholladh.) Ach co-dhiùbh, fhuair mise mo chupa—’s be sin an tea! Bha i cho lags gum faicinn màs achupa roimpe gus an deachaidh am bainne innte. An uairsin nach ann a fhuair mi trais de rud air an robhmarangacarud gun tlachd a spreadh mar gum biodh bomb air feadh mo chòta Sàbaid cho luaths a dhfheuch mi ri greim a thoirt as. An déidh sin, fhuair mi briosgaid ginger a tha ann am pòcaid mo chòta fhathastchan fhaighinn-sa na fiaclan fuadainn roimpe no taing air a shon. Ach tha mi a’ dol air dheireadh air mo sheanchas ....

Aig deireadh na seachduinn chuir mi fhéin tulagram gu Curstaidh Alasdairs gu nighean abhancairgan iarraidh gu coinneamh aig meadhon na h-ath sheachduinn. Bha mi asmaoineachadh gun robh cho math dhomh màite a chumail fhads a bha mi ann!

Thàinig iad, ma tha, ’s thug mi dhoibh cupa tea ris am bfhiach cupa tea a ràdha, agus sgonn math de dharan coirces de ghruth. Chòrd e glan ri Curstaidh ach thug e brùchdail uamhasach air nighean abhancairan truaghan cha chreid mi nach ann a bhios i acur a bhidh seachad oirre fhéin air eagal gum fàs i cho tiugh ri màthair.

Chuir sinn air dòigh, ma tha, gun deanamaid cruinneachadh de na gheibheamaid anns abhaile, agus gun cuireamaid fhéin rudegin an urra, ris na bhann. Dhaontaich sinn nach innseadh an dara don t-éile a bhaice gus an coinnicheamaid anns an tigh againne air an fheasgar roimhn bhas-àr.

Ach mar a rinn am -fhortan, nach ann a thòisich air Alasdair agam-sa an oidhche sin fhéin le niosgaid, agus fad dheich latha cha shuidheadhs cha sheasadh e. Thainig ormsa an rùsgadh a dheanamh latha na faingeabhó a thoirt chun an tairbh, eile, agus eadar sins cho dripeils a bha mi ri pìos clò mu choinneamh tighinn aChillarny, nach ann a chaidh am bas-àr gu tur air dhìchuimhnorm.

Feasgar a bhan sud, ma tha, nach ann a thàinig gnogadh chun an doruis. Bha e suas ri aon uair deug, ’s bha mi fhéin dìreach acur coinnean ris an lampaidh ach am bu léir do Alasdair na leabhraichean a ghabhail. An uair a dhfhosgail min dorus, a bha romham ach Curstaidh Alasdairs nighean abhancair agus eallach an droma air an dithis aca. Theab sgogadh orm leis an tàmailt, ach cha


[32] do leig mi dad orms dhiarr mi orra tighinn a steach. Rinn mi comharra ri Alasdair gun a bheul fhosgladh, ’s thubhairt mi ris an dithis eile iad a shuidhe aig an teine gus an cruinnichinn-sa mo chuid fhéin ri chéile.

Sheas mi aig an dorus chùil greiseag agus dhfheuch mi ri cuimhneachadh air a h-uile rud a bha ri mo làimh.

Anns acheud dol a mach, rinn mi air abhàthaich, agus theab mi dhol as cnamhan mo ghobhail adìreadh chun na lobhtadh. Fhuair mi suas co-chiùbh, agus spìon mi rùsg mhath chloimhe as a phocas thilg mi sìos iad. “Uigheanarsa mise riùm fhéin an uairsin, ’s thug mi mo mhallachd air bhan aCho-op a sgrìob leatha a h-uile h-ugh a bhagam anns amhaduinn. Ach chuimhnich mi gun do chuir mi linn fon achirc ruaidh bho chionn deich la! Ghabh mi sìoss sgrìob mi leam a h-uile gin acas chuir mi dha no trì de sheann bhàlaichean golf a bhaig na balaich foidhpe. Rinn min uairsin air ròp nan anarts manailna muchds thug mi nuas phaidhear de stocainnean bhòtanan meadhonach ùr a bha mi air a nighe do dhAlasdair amhaduinn sin fhéin. Chuir mi car ann an amhaich achoilichs thilg mi còmhla ris achòrr e!

Mas robh mi ullamh, nach ann a bha tòrr beag snog agam, ach shaoil leam gun robh e caran Gaidhealach acoimhead. Agus an uairsin, nach ann a chuir an droch fhear fhéin rud a steach orm. Thall beagan bhuainn, tha tigh an dotair agus gàradh fhlùraichean timchioll air cho snogs a chunna sibh riamhflùraichean gallda, le ainmean nach burrainn dhut a radha gun chnag-anairt air do shròin! Dia a thoirt maitheanas dhomhnach ann a rinn mi null agus gheàrr mi sinnteag seachad air abhalla mun abradh tuSneachda.”

An t-àileadh a bha anns aghàradh a bhan sud. Stad mi greis acoimhead mun cuairts afeitheamh gus am fàsadh mo shùilean cleachdte ris an dorchadas, agus an uairsin thòisich mis mina mfhuils na mfhalus. Spìon mi ultach dearg an sud, ’s ultachd liath an soan fheadhainn nach bristeadh, thug mi leam eadar bhun is bhàrr iad, agus ann an trì mhionaidean bhawreath” (mar a their iad) cho snogs a chunna sibh riamh agam. Bha mi dìreach air an rathad a mach an uair a thug min aire do dhfheannag rùbarabs thug mi leam làn mo sgùirte dheth-san cuideachd. Chaidh sud comhla ris achòrr!

Thug an rùbarab rud-egin eilena mo chuimhne. A mach a ghabh mi gu gàradh cùil abhancairs spion mi leth-dusan stocan càil cho cruinns a lorgainn, eallach churran agus cròglach no dhà de shùbhagan. Ann an deich mionaidean, bha mise air ais aig mo theine fhéin.

Nam faiceadh sibhse na sùilean a thainig air an dithis eile an uair a chunnaic iad an tòrr a bhagam. Theab Curstaidh Alasdair sgàineadh leis an tàmailt, ach cha dfhuair an t-éile sealladh ceart de na bhann leis an eagal a bhoirre gum faigheadh i miall-chaorach far nan rùsg. Ach coma leibh! Chuir sinn an uair sin còmhla na trì eallaich agus bha stàile againn nach fhaca sibhse riamh a leithid. ’Sen aon rud a bhaga mo ghonadh nach robh greim agam a stigh air an


[33] dorus a bheirinn dhan dithis eile le cupa tea, ach, coma co-dhiùbh, thug mi dhoibh bóla math de stapag uachdair an , ’s leig m dhachaidh iad.

Mun do bhlais an t-eun air an uisge bha mise shìos aig an talla a -arna-mhàireach, agus mun tàinig meadhon latha, bha an stàile agam air a làn dòigh—’s i a bha snog cuideachd le flùraichean rìomhach an dotair!

Cha robh fada gus an tàinig bean abhancair agus an duine aig Curstaidh Alasdair far an robh mi, a ghabhail leisgeal mo dhithis luchd cuideachaidh agus a dhinnse dhomh nach robh iad gu math. Thuig mi as a spot gur e an stapag uachdair aig an uair ud de dhoidhche a thug greim oirre le chéile, agus bhuail an t-aithreachas mi. Ach cha robh cothrom air, dhfheumadh an obair a dhol air adhart.

Be acheud rud a bhagainn, rud ris an can iadaction.” Bha Domhnull Uilleam ann an sudan gocan tha e annag éigheachs asgalbhartaich phrìsean airson rud mu seach a bha e acrathadh os cionn a chinn. Cha do leig mi fhéin dad ormcha robh mise adol a cheannach dad den treallaich uds mi fhéin nach robh.

Ghabh mi an cothrom gus sùil a thoirt mun cuairt feuch am faicinn duine a baithne dhomh. ’S mar a fhaca mise sin. Bha iad cruinn as a h-uile h-àitebodaich agus cailleachan nach do dhfhàg aghrìosach bhon an oidhche a sguir an cogadh, ’s chuir mi fhéin seachad leth-uair cho inntinneachs a bhagam riamh asmèideadhs agnogadh mo chinn ri an suds an so.

An uair sin, chaidh mi null chun na stàile agam fhéin, agus bha mi air mo chasan gus an do dhubh an oidhche. Dìreach mun do sguir mi, thàinig an dotair a nalls thug e sùil air na flùraichean. Theab e dhol dheth fhéin. “Càitarsesanan dfhuair thu na flùraichean grinn a tha sin agad? ”. Cha do bhriob mo shùil. “Fhuairfhreagair mibho nighean bràthar dhomh thall thairis.” “Bha mi dìreach an dùil nach ann an so a fhuair thu iadarsesan. “Chan eil flùraichean mar sin an àite sam bith as aithne dhòmhsa ach anns aghàradh agam fhéin. Nach ann a fhuair na caoraich a steach dhan ghàradh agam an raoir agus rinn iad milleadh uamhasach; bheir mi dhuit na throgras air air a h-uile gin a thagad.” An , rinn e sin. Thug e dhomh trì notaichean orra, agus dhfhalbh e leothas e cho toilichte ris an rìgh. “Cha robh bàs fir gun ghràs firarsa mise rium fhéins mi asgioblachadh an fhichead not a rinn mi, gus an toirt a null gu bean a mhinistir.

Theab ise a làmhan a chur mu mamhaich an uair a dhinnis mi an t-suim a rinn mi. “Mo bheannachd ortarsisetha sing ar toirt gu cóig cheud not airson an latha!” Thubhairt mi rithe gun robh mi fìor thoilichte gun deachaidh cùisean cho math, ’s chum mi a mach an dorus agus mi gu spreadhadh leis aphròis.

Ach dìreach mun do ràinig min dorus, dhéigh Domhnull Uilleam orm.

Trobhad, a Sheonagarsesan“ ’s pàidh dfhiachan.”

Mfhiachanarsa misechan eil aon sgillinn ruadh aig duine beò no marbh ormsa. A thaing sin don stuaime a dhionnsaich mo mhàthair dhomh.”


[34]

Arsesan cho bragail. “Sguir a dhargumaid riùmsa. Pàidhidh fichead not dhòmhsa no bithidh an lagh agam ort. Cheannaich thu luach fichead not aig anaction’.”

Cha do cheannaich mise heit aig anactionmhallaichte. Sdùin thusa do chab, a bhalaich, no bithidh an lagh agamsa ortsa airson a bhith acur nam breug orm.”

Bha e fàs cho cas. “Tha fianuisean agam ort. Bha thu aceannachs a bhà. Mar a bu mhotha a bha na prìsean adols ann a bu mhotha a bha thu acrathadh do làmhan rium agus agnogadh do chinn.”

Gu sealladh an t-Agh ort, a Dhomhnuill Uilleimarsa mise“ ’s ann a bha mise asméideadh ri feadhainn a baithne dhomh.”

Droch rudrud cunnartach aigaction’” arsesan. “Ach tha eagal orm gum feum thu an t-airgiod a phàidheadh.”

Cha robh math a bhith ag argumaid ris. Chuimhnich mi gun dfhuair Alasdair airgead an subsidy latha no dhà air ais, agus thubhairt mi ris acheàrd gun cuirinn thuige an fhichead nots amhaduinn. Arsa mise rium fhéinBreitheanas!” agus dhfhalbh mi dhachaidh le mo chuid ceannachdmulchag chàise, bharaile sgadain, trì dusan isean, trosg agus langa agus mholt!

[35] [36]
[37]
titleAm Bas-àr
writers ??
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Seonag Bean Alasdair in Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page