[52]

Mgr. Ailein Domhnallach

le FEAR CHANAIDH

RUGADH Mgr. Ailein anns abhliadhna 1859, anns aGhearasdan. ’S e Abrach a bhann, do Chlann Domhnall na Ceapach. Fhuair e fòghlum na sagartachd ann am Blairs agus ann an Valladolid. Nuair a thill e a dhAlba, bha e bhliadhnasan Oban comhla ri Easbuig Earraghaidheals nan Eileinean, an ro-urramach Aonghas Domhnallach.

S abhliadhna 1884 chuireadh a dhUibhist e, a pharraiste Dhalabrog. Bha Eirisgeidh ceangailte ris apharraiste sin an uair sin, agus bha barrachd air mhile dhaoinesapharraiste uile gu léir. Cha tuig daoine an latha an diu cho cruaidhs a bha saoghal nan croiteireans nan iasgairean Uibhisteach is Eirisgeach an uair sin. Is glé bheag a chothrom an t-saoghail a bha aig daoine bochda an uair sin, ’s gu seachd àraid aig croiteirean nan Innse Gall.

Bha obair mhór aig Maighstir Ailein ra dianamh eadar Dhalabrog is Eirisgeidh, agus ghabh e rithe gu dìchiollach. Chuala mise duine a bha eòlach air( ’s nach eilna Chaitligeach) ag ràdh nach robh pearseaglais riamh an Uibhist na bfheàrr na Mgr. Ailein, ’s gun drinn e obair ceathrar shagart an latha an diu. Cha robh càraichean ann an latha sin, is cha robh Mgr. Ailein deònach air marcrachd a dhianamh; ’s e coiseachd a bhiodh e dianamh daonnan, agus astar mór aige ra dhol iomadach uair.

Bha ùidh mhór aige anns aGhàidhlig, agus cha robh e ùine mhór an Uibhist mun do thòisich e air na sgialachdan agus air na h-òrains air gach beul-aithris a bhiodh e cluinntinn (agus bha gu leòir dhiu ann) a sgrìobhadh. Bha deagh-chothrom aige is e am measg nan sgialaichean a bfheàrrsan Roinn Eòrpa, ach is ainneamh a chuireadh ùidh anns na rudan sin aig an ám ud, no a rachadh gu dragh gan sgrìobhadh mar a rinn esan. Bha e ri dianamh laoidhean Gàidhlig, is rin eadar-theangachadh bho Laidinn is bhon Bheurla cuideachd. Sgrìobh e an Aifrionn ann am meadarachd Gàidhlig agus chuir e suds feadhainn dhe na laoidhean an clòsabhliadhna 1889, is a rithist anns abhliadhna 1893.

Ach ghabh e tuilleadhs achòir de dhobair air fhéin, is chaidh a shlàinte a bhristeadh anns abhliadhna 1892. Rinn an t-Easbuig an uair sin Eirisgeidh a sgaradh bho Pharraiste Dhalabrog, agus chuireadh Mgr. Ailein ann, air chors nach biodh an obair cho trom air. Bha barrachd ùine aige an sin gu sgrìobhadh a dhianamh, agus tha Miss Amy Murray ag innse gun do lìon e deich leabhraichean móra le beul-aithris de gach seòrsa, ach gu -fhortanach tha pàirt dhiu air chall a nis.

Bhiodh e fhéin adianamh òran, cuideachd, ged nach deach ach a h-aon dhiu a chlò-bhualadh, ’s e sin, Eilean na h-Oige. Ach rinn e feadhainn eile bha ceart cho math ris, gu h-àraid Marbhrann do Mhgr. Seòras Rigg, agus òran don Eòintean, agus Laoidhean Nollaig air fuinn seann-òran luadhaidh.


[53]

S e Mgr. Ailein a thog an eaglais ùr a tha an Eirisgeidh an diu, agus tha e air a ràdh gun do chreic e an cruinneachadh a rinn e do bheul aithris is gun do chuir e an t-airgead gu feum na h-eaglaise ùire. Cha robh e riamh gu mathna shlàinte an déidh na bliadhna 1892, agus chaochail e anns abhliadhna 1905, nuair nach robh e ach fhicheads a sia a dhaois. Be pneumonia agus an droch-chridhe a bhaige bho chionn 1892 bu choireach.

Rinn Mgr. Ailein obair mhór ag cruinneachadh gach uile seòrsa beul-aithris a thigeadhna rathad, ach cha dfhuair e riamh an creideas a thoill e. Rinn feadhainn eile feum den chruinneachadh aige nach bu bheag, gu h-àraid Miss Goodrich Freer agus Seòras Mac Eanruig, agus feadhainn eile. Is gann a sgrìobhadh Miss FreerThe OuterIsles as aonais na fhuair i bho na leabhraichean-laimhsgrìobhte aig Mgr. Ailein. Nuair a dheug i fhéin, bha moladh mórga dhianamh oirre ann am Folklore air shàilibh abheul-aithris a chruinnich isna h-Innse Gall, ach cha robh a bheag no mhór a dhiomradh air Mgr. Ailein a thug dhith-se a h-uile sian riamh a chuir i an clò mu dheidhinn beul-aithris Uibhist is Eirisgeidh. Bha Mrs. Kennedy Fraser agus Miss Amy Murrayna chomain cuideachd, agusga mholadh air a h-uile dòigh. Faodaidh mi ràdh, nam biodh duine sam bith ag iarraidh fiosrachadh air beul-aithris no faclaireachd na Gàidhlig, bhiodh e cur litir do Mhgr. Ailein ag iarraidh na bha dhìth air.

Tha mi an dòchas gun téid na sgrìobh Mgr. Ailein a chur an clò fhathast. Dhfhàg e cruinneadhadh de chruaidh-fhaclan a tha anabarrach feumail do luchd-leughaidh na Gàidhlig, agus thatarga dheasachadh an dràsd air son a chur an clò. Bu chòir na h-òrains na laoidhean a rinn e fhéin a bhith air an cur a mach cuideachd; cha ghabhadh cuimhneachan na bfheàrr na sin dianamh air.

titleMgr. Ailein Domhnallach
writersJohn Lorne Campbell
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Fear Chanaidh in Gairm 1 %p

parent textGairm 1
<< please select a word
<< please select a page