An Leabhar-Latha
CIAD LATHA A’ MHAIRT, 1898. (Di-Màirt)
’N ám éirigh ’sa’ mhaduinn bha ’n talamh geal le sneachd. ’S coltach gum biodh deireadh an earraich gu math bho na tha a thoiseach cho dona. Ma ’s fìor an seanfhacal [ ’S e ’n seanfhacal a bha ’na bheachd, “Gob nathrach, earball peucaig air a’ Mhàrt.” ] , bithidh deireadh a’ Mhàirt gu math briagh, am bliadhna. Ach carson a bhitheamaid ag gearain air gairbhead nan siantan mu’n tràth-sa bhliadhna ’s gur fhad o thuirt an seann-duine “foghar gu Nollaig is geamhradh gu Féill-Pàdruig.” Cha n-eil fàth gearain agamsa co dhiubh ’s nach ruig mi leas carachadh bho thaobh an teine, ach ’s ann a tha truagh na h-iasgairean bochda ’gan lathadh ’s ’gam meileachadh air druim lom a’ chuain ris an aimsir ghointe-sa, frasan flinneadh is clachan meallain mu’n cluasan gun abhsadh. Nam biodh ach a chothrom ceart aca gu dearbh, ach air droch-bhiadh ’s air droch-càradh as a h-uile dòigh. ’S ’na dheaghaidh sin ’s beag diù a th’aca dheth ’s an t-iasg a bhith pailt mu’n eirthir. Gun cuireadh Dia am fòghnachdainn orra dheth ’s gun gleidheadh e am beatha dhaibh.
Is minig a theireadh nach robh dìchioll as a’ Ghàidheal. Bu ghasda leam a dh’éiginn a thighinn air an fheadhainn as truim’ air an càineadh a bhith air an caibhleachadh greis ann an eilein mara ’s gun seòl beatha aca ach na bheireadh iad le’n dìchioll fhéin as a’ chuan ri sìde mar a tha ’n dràsd ann. Is mór m’eagal nach fhàgte beò dhiubh fear innse-sgeòil fo cheann seachdainn. Ga bri dé tha dhìth air an Eirisgeach, cha n-fhaod am fear as mua goimh dha a gh-ràdh le fìrinn gum beil an dìchioll ’ga dhìth. Tha e sud, bog, fliuch, a h-uile latha ri uisge, ri sneachd, ’s ri gaillionn, ’s gun snàithle tioram ri dhruim bho mhochran gu oidhche, air greim a dh’aran lom gun rud leis, ’s air balgam do thì dhuibh ’s i cho cairtidh ’s gun cairteadh i chuid lin mhóra, gun diar bainne ’na ceann, gun dad a chothrom, no cheartas, no shòlas, no shocair, an t-saoghail, ach gu dearbh gur math leis àileadh a thoite na pìobadh fo shròin a chasgadh an acrais ’s an fhadail—’s cha n-eil am mithibh no maithibh Alba fear a tha cho sona ’s cho toilichte ’na chor saoghalta ris. Is beag uallach a tha ’n saoghal a’ cur air-san, ’s tha inntinn cho aotrom ris an fhaoileig ghil a tha ’g itealach os cionn na sgothadh. ’S e mo dhùrachd is m’achanaidh Dia shoirbheachadh leis an iasgair bhochd, ’s a ghleidheadh bho chraos cìocrach na fairge, ga bri taobh air an fheudar dha’n duine bhochd aghaidh gus e fhéin a chothachadh—feadh marannan iomallach a’ chuain an Iar, feadh fairge bhocthonnach cuan Eirinn, feadh nan cuaintean lionmhor mu dheis is mu thuath, a muigh ’s a stigh ri taobh siar na dùthcha, feadh lochannan cùilteach is lingidhean farsuinn na Mórthir ’s nan eilein.
Dh’fhàs i anabarrach fiadhaich mu thrì uairean feasgar. Bha sgoth bheag a’ tighinn a stigh an caolas ’sa’ cheart-am ’s fhuair i dìol mun dug i mach am fearann. Cha n-eil guth ri gh-ràdh bho na bha ’ad cho goirid o thìr. Nam biodh a’ ghaoth-sa air greim a dhianamh oirre ’sa’ chuan a muigh, bha e cunnartach gu leòir gun reachadh ’ad a dhìth, ach bha ’n caolas na bu luime, ’s ged a bha ghaoth pailt cho làidir ’s a bhiodh i muigh, cha robh ’n cunnart cho fìor-mhór.
Cha n-eil fios cuine dh’fhairich mi ’n ùine cho fada ’s a tha mi ’ga fhaireachdainn as na lathaichean-sa. Cha chreid mi gun do dh’fhairich riamh. Tha toil agam teannadh ri rudeiginn a dhianamh, ach cha n-eil sion a dh’fhios agam de ’n aon rud air an toir mi m’aghaidh. ’S e ’n rud sin a bhith ainfhiosrach dhomh a chuir ris a’ chosnadh dhiomhain-se mi. Corra uair bithidh e tighinn fonear dhomh làmh a thoirt air òran a chur ri chéile. Uair eile ’s e thig a stigh orm teannadh ri sgialachd a dhianamh, ach eadar an dà chuid, mar a bha am fear a bha suidhe air an dà fhuirm comhla, tha mo mhàs air ùrlar ’s cha n-eil dad dol an ìre. B’e na h-uiread e—air son na h-ùine chur seachad—nam faodainn mo chasan a shìneadh is ceum coiseachd a dhianamh feadh an eilein, ach tha ’n t-sìde cho mi-chneasda ’s gu bheil e cus na’s glice dhomh fuireach a stigh, na bhith ’gam loineadh ’s ’gam luidreadh a muigh ’s a’ tighinn dhachaidh ’nam ghioban truagh lan eabair is puill, no air mo dhalladh leis an t-sioban—’s cha n-e ’s fheàrr dad. Bho nach eil cosnadh na’s fheàrr agam, nach faod mi bhith cur faobhar air a’ Ghàidhlig mhaoil a
Cha n-eil latha nach bi mi leughadh na Gàidhlig—a dh’innse na fìrinn ’s e bhith ’ga leughadh as na lathaichean gruamach-sa bu thrian beatha dhomh—ach ’s fheudar dhomh aideachadh gura beag a sgrìobh mi dhith bho chionn ùine—co dhiu as mo cheann fhéin. Neo-ar-thaing nach robh mi dìchiollach gu leòir gus a h-uile smodal, ruinn no bàrdachd, druideart no sgialachd, a chluinninn a chruinneachadh gu cùramach ’s a chàradh sìos ann an leabhraichean as an robh mi gleidheadh a h-uile cuid dhiubh sin, ach tha bliadhna no dhà no trì no ceathar, ma dh’fhaoidte, o dh’fhiach mi ri fiù aona cheathramh fhéin de laoidh a chur sìos gu dòigheil a Gàidhlig. Cha n-ioghnadh ise a bhith gu math meirgeach leis an sin. Ach am farmad a bhios agam ris na daoine aig am bi Gàidhlig shiubhlach bhlasda, ’s ri ruith cho réidh aca ’s i cho binn ri ceilearadh na h-uiseig, ’s cho milis ris a’ mhil a bhios an seillean srinach a’ deoghal o chuach nan dithean a’s t-foghar. Cha n-eil comas air. A dh’aindheoin dìchill, ’s fheàrr cleachdadh na h-òige. ’S ann an sin bha mise ’n call—’gam thogail ann am baileachan eadar a bhith Gallda agus Gàidhealach, gun uiread is a’ Phaidir fhéin do dh-ùrnaigh, gun iomradh idir air facal sgoileadh, ’ga fhaighinn an Gàidhlig, ach ’gar caibhleachadh bho mhochran gu feasgar ann an sgoil na Beurla—ann an sgoil na Laidinn ’s na Greugais nan togramaid—’s a’ chànail bu bhrioghmhoire ’s bu dùthchasaich’ dhuinn ’ga dìobradh. Tha bhlàth sin ann—an car cam a chuir a’ Bheurla ’nam bhial an tràth sin, tha e ann fhathast, agus bithidh. Cha bhi mise coingeis gu bràth air a’ Ghàidhlig air a shàilibh sud, ’s ge b’oil le m’ chridh’ ’s le m’ sgamhan, bithidh boladh breun glagarsaich mì-thlachdmhor an t-Sasunnaich ghlais air a’ Ghàidhlig a dh’fhàg blas is sgoil na Beurla cho gagach, cho stacach, cho rag-bhriathrach ann am cheann-sa.
(R’a leantuinn)
title | An Leabhar-Latha I |
writers | Allan McDonald |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Ailean Dòmhnallach in Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |