Clachan Gaidhealach an Albainn Nuaidh
le CALUM IAIN N. MACLEÒID
MA sheallas sinn air cairt-iùil Eilean Cheap Breatann chì sinn gu bheil Lochan a’ Bhras d’ Or cha mhór an teis-meadhon an eilein. An iar-dheas air Sidni chì sinn cuideachd Caolas Bharraidh a tha ’n a chomharradh-crìche, mar gum b’ eadh, eadar Seanntraigh, ’s an taobh tuath, an Siorramachd Bhictoria, is An Caolas Mór, ’s an taobh deas, an Siorramachd Cheap Breatann. ’S e Barraich a tha a’ tàmh air dà thaobh a’ Chaolais, is h-abair sibh-se gu bheil iad Gàidhealach ’nan cruth, is ’nan caithe-beatha.
Tha Seanntraigh ’n a mhachair flùranach, uaine, séimh, le eaglais Chaluim Chille a’ faire mar mhàirnealach air a’ chuan. Tha An Caolas Mór cas, coillteach, a’ coimhead sìos air Seanntraigh mar iolaire a tha a’ beachdachadh gu cùramach air a cuspair mun tuirling i air le a spuirean marbhtach.
An ceàrnaidh sam bith air feadh an dà shiorramachd so faodaidh sibh clachan Gàidhealach fhaicinn le daoine Gàidhealach a’ tuinneachadh ann.
’S ann air an t-seachdamh là de’n Ghibhlean anns a’ bhliadhna ochd ciad diag, dà fhichead ’s a h-aon diag a chuireadh Siorramachd Bhictoria air bonn an toiseach. An uair nach robh i fhathast ach ’na maothran ris a’ chìch ’s e Goill a bha ’g a riaghladh ach eing air eing thàinig na Gàidheil as an t-seann dùthaich, is rinn iad àiteach ann o sin a mach.
Anns a’ bhliadhna naoi ciad diag ’s a h-aon, bha thairis air dà mhìle Innseanach an Albainn Nuaidh. An diugh chan eil air fhàgail ach prasgan, is tha iad a’ tighinn beò am measg gach cinnidh eile a thàinig do’n àite.
A réir eachdraidh an Eilean Cheap Breatann ’s e teaghlach Chlann Mhic Néill á Barraidh, an Innse Gall, an Albainn, ciad luchd-àiteachaidh a’ cheàrnaidh ris an abrar an diugh Seanntraigh, is so agaibh an aithris mar a chuala mise i o sheann bhodach chòir a tha a nis a’ cladhach ’s na ceithir fichead.
Sheòl Iain MacNéill, a bhean, is a thriùir mhac á Barraidh anns a’ bhliadhna seachd ciad diag, ceithir fichead, ’s a naoi diag. An déidh iomadh gàbhadh is cunnart mara a chur seachad thàinig iad air tìr an Siorramachd Phictou, is as a sin rinn iad breacan á baile do Arasaig an Siorramachd Antigonish air tìr-mór na h-Albann Nuaidhe. Ged a bha an dùthaich so a’ tighinn riutha gu gasda air iomadh dòigh, bha an-fhois ’nan anam; bha fadachd orra gus a faiceadh iad beanntan is òban Cheap Breatann oir chuala iad fathunn gur h-i so an tìr a b’ fhaisge an cruth is an cumadh ri Barraidh aca fhéin. Cha robh iad gun fhios cuideachd gun robh móran Innseanaich a bha air leth borb, aineolach, a’ tàmh an “tìr a’ gheallaidh,” ach a dh’ aindeoin gach cnap-starraidh a bha rompa, dh’ fhàg iad Arasaig an ceann trì bliadhna.
Chuir iad cùl ri tìr-mór, is sheòl iad suas caoiltean a’ Bhras d’ Or. Lean iad ris a’ chladach a h-uile ceum a’ cumail sùla ri fuaradh, is ri fasgadh air son nan Innseanach ach dh’ fhairtlich orra eadhon aon diùbh fhaicinn. Is beag a bha fhios aca gun robh na h-Innseanaich a’ leantainn an cùrsa gach là, is a’ fuireach gus an tigeadh iad gu tìr.
An dùil gun robh a h-uile nì aig fois, is na daoine allmharra mìltean air falbh, dhlùthaich na Barraich ri còrsa mu lethchiad slat a tuath air far a bheil Seanntraigh an diugh. Shìn iad ris a’ choille a ghearradh as a bonn, is bothan a thogail, ach mun do gheàrr iad a’ chiad chraobh thuirling feachd de na h-Innseanaich orra le ’n làn armachd. Cha robh na h-Innseanaich idir toilichte an uair a chunnaic iad na Barraich a’ gabhail fasdaidh air an fhearann. Thuig na Barraich so gu math luath, is leis an eagal a ghabh iad gum fiachadh na h-Innseanaich ri dìth-cheannadh a dhèanamh orra, chaidh Iain MacNéill air a ghlùinean, is rinn e comharradh na croise. Cho luath agus a chunnaic ceann-cinnidh nan Innseanach an iomairt so, rinn e réite ris na Barraich oir b’ ann de ’n aon chreideamh a bha iad le chéile. Air an dearbh là sin fhuair na Barraich cead am fearann a bhith aca fhéin.
Chuir an cunnradh so a leithid de aoibhneas air na Barraich is gun tug iad cuireadh do cheann-cinnidh nan Innseanach gréim bidhe a ghabhail cuide riutha. Chladhaich na Barraich sloc mór anns an talamh, is bhruich iad an sin iasg ùr is buntàta. An uair a fhuair an ceann-cinnidh an earrann bidhe aige fhéin chrath fear de na Barraich gràinean salainn air an iasg. B’ e so a’ chiad uair a bhlais an t-Innseanach air stuth de’n t-seòrsa so, is leis a’ mhagaid a ghabh e air an annas ùr so dh’ òrdaich e rùsg craoibhe-beithe lom-làn salainn a bhith air a lìonadh dha.
Eaglais nan Innseanach ann an Eascasonaidh.
’S ann air an tolman uaine so far na thachair an réite eadar na h-Innseanaich, is na Barraich, a tha Eaglais Chaluim Chille air a togail an diugh, is ’s e am pìobaire bàn a’ chiad duine a chaidh a chàradh anns a’ bhàdhun ri taobh na h-eaglaise ’s a’ bhliadhna ochd ciad diag, dà fhichead ’s a cóig.
An uair mu dheireadh a bha mi air chuairt ’s a’ Chaolas Mhór thadhail mi an tigh Màiri Ealasaid Nic Néill, is mun d’ fhuair mi fiù cothrom bualadh fodham, sheall i dhomh teisteanas-eaglaise a thugadh do a seanair mun d’ fhàg e Barraidh. Bha an teisteanas so air a sgrìobhadh a mach an dòigh cho òrdail, eireachdail ’s a chunnaic duine riamh. Eadhon an diugh, faisg air ciad bliadhna gu leth an déidh a chur ri paipear tha an làmh-sgrìobhaidh, is an litreachadh soilleir gun fhòtus air bith. So agaibh an teisteanas, facal air an fhacal:—
“Tha so mar theisteanas air fear-giùlain na litreach so, Eachann MacNéill, duine pòsda a rugadh, ’s a thogadh ’s an sgìreachd so, gu bheil e ’na dhuine iomchuidh, neochoireach ’na chaithebeatha; nach d’ rinn cron do dhuine riamh, is gu faod comunn Crìosduidheil sam bith gabhail ris fhéin, ’s ri a theaghlach cia b’ e àite ’s an rùnaich Dia na Cruinne a chrannchur a chur air bonn. Tha so an ainm Seisean Eaglais Bharraidh, agus air a sheulachadh le Iomhair MacCuinn, Ministear, agus Pàdruig MacDhonnchaidh, Cléireach an t-Seisein, an Eilean Bharraidh, an darna là de’n Ogmhios ’sa’ bhliadhna ochd ciad diag, ’s a dha.”
An uair a bha mi greis a’ còmhradh ris a’ chaillich dh’ fhoighnich i dhomh an cuala mi iomradh riamh air a’ phort “Tha biodag air MacThòmais, ’s tha bucallan ’n a bhrògan; tha biodag aig MacThòmais, ’s gur math a dh’ fhòghnadh sgian da.” “Chuala gu dearbh,” arsa mise, “agus a réir ’s na their na Gàidheil ’s an t-seann dùthaich bha e càirdeach do MhacShimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach.” “Uill,” ars’ a’ chailleach, “so agaibh seanchas a chuala mi mu dhéidhinn MhicThòmais.”
Anns a’ bhliadhna seachd ciad diag, da fhichead ’s a naoi bha feachd de shaighdearan Gàidhealach a’ fuireach an Louisburg, an Siorramachd Cheap Breatann, is air Là Sàbaid’ àraidh chaidh iad a mach air chuairt. An uair a ràinig iad iomall a’ bhaile nach d’fhuair na h-Innseanaich greim orra. Thugadh air falbh iad gu ceann-cinnidh nan Innseanach an Escasonaidh. An uair a thuig an ceann-cinnidh có as a thàinig iad leig e cothrom coiseachd leotha, ’s thuirt e riutha gun ìnnse do dhuine an Albainn gum b’e esan MacThòmais nam Biodag. A réir eachdraidh theich MacThòmais le a bheatha a Albainn an déidh dha pìobaire a mharbhadh, pìobaire a bha a’cluich a’ phuirt, “Tha biodag aig MacThòmais,” aig dannsa àraidh, ’s MacThòmais fhéin ’s an éisdeachd. Ràinig MacThòmais Alba Nuaidh, is ri tìde fhuair e inbhe ceann-cinnidh nan Innseanach. Tha iad ag ràdh eadhon an diugh fhéin gu bheil “Tòmas” ’n a ainm cumanta am measg nan Innseanach an Ceap Breatann.
Tha mi cinnteach gun cuala a’ chuid as motha do na leughadairean iomradh air àmhgharan ciad luchd-àiteachaidh na dùthcha, a dh’fhàg Alba ’s a rinn an dachaidh ’s a’ chèarnaidh so de’n t-saoghal. Ma
An uair a fhuair na h-Eilthirich buaidh air a’ choille, is a thog iad bothan no dhà, shìn iad ris an àiteach. Chuir iad buntàta anns a’ chiad bhliadhna am measg stoc nan craobh. Bha iasg gu leòir anns a’ mhuir, is féidh anns na coilltean, mar sin cha robh iad acrach. Anns an darna bliadhna dh’fhiach iad ris an talamh a chriathadh air doigh air choireigin, is bha a’ chas-chrom feumail ged nach robh móran doimhneachd anns an talamh. Chuir iad arbhar is cruithneachd. Fhuair iad bó no dhà, agus is dòcha caoraich, ach rinn na feòragan sgrios anabarrach air an t-sìol, is mharbh am mathghamhainn an crodh is na caoraich gu math obann. Thàinig galar am measg nan daoine cuideachd is dh’fhàg sin fhéin bèarn chàirdean a bha duilich a ghiùlan. Ach uidh air n-uidh bhrùchd deàrrsadh gréine troimh na neòil dubha, duaichnidh. Chaidh eaglaisean is tighean-sgoile a thogail. Rinneadh rathaidean-móra troimh na coilltean; mheudaich iad stoc chruidh is chaorach, ia mu dheireadh chuir na Gàidheil rian is òrdugh air an fhàsach. Dìreach an uair a chuireadh crunluath onoireach air an oidhirp ionmholta a bha so, thòisich obair mhór nam méinnean an Sidni anns a’ bhliadhna 1904, is bha daoine òga na dùthcha air an tàladh air falbh, chan ann a mhàin do’n cheanna-bhaile, ach cuideachd do na Stàidean Aonaichte far am faigheadh iad tuarasdal-là bha cinnteach agus cothromach. Sin am mallachd a tha fhathast a’ leantuinn òigridh na dùthcha an Eilean Cheap Breatann.
’S ann faisg air an ám so cuideachd a dh’fhoillsicheadh na stiallan mu dheireadh de’n phàipear-naidheachd Gàidhlig a bha air a dheasachadh le Iain G. MacFhionghuin nach maireann,—“ MacTalla.” Bha so ’n a bhuille cruaidh air cor na Gàidhlige an Albainn Nuaidh.
An taobh a muigh obair nam méinnean an Ceap Breatann tha cuid de na Gàidheil as a h-uile clachan a’ triall gach bliadhna mar a thig, an uair a theicheas an deigh-shiabaidh, do na lochan móra faisg air Uinipeg (mar a their iad fhéin, do na “lakaichean” ). Tha nàdur na mara a’ ruith ’n an cuislean có-dhiùbh, cha b’e cheannach a rinn iad. Tha a’ chuid as motha dhiùbh air inbhe caiptein fhaighinn ’s an dreuchd so a nis, is tha iad a’ seòladh air na soithichean móra bathair fad an t-samhraidh. Tha e coltach gun robh seann chailleach uair an Ceap Breatann fo iomaguin mhór oir bha a mac Iain a’ falbh as an t-seann dachaidh air son na ciad uaireach a dh’ionnsaigh sgiobaireachd nan lochan móra. A réir aithris nam bodach crosda b’i so an ùrnuigh a bha i a’ gabhail as leth a mic an uair a thog e air :—“Dia bhith timchioll air Iain Mór againne mu chreagan móra Uinipeg, is Lake Superior. Sabhail e, a Dhé, o spòig a h-uile beathach fiadhaich, save satchel, satchel see, go forth Buffalo Bill, New York, Amen.” Bha a’ chailleach, brònag, dùrachdach gu leòir ’n a cridhe, is bha i an dùil nam biodh cùl-taice “Buffalo Bill” aig Iain Mór nach éireadh beud dha.
’S ann matà eadar muir is coille a tha beòshlaint a’ Ghàidheil an Ceap Breatann. Tha na h-urracha móra ’s an Luchd-Riaghlaidh a’
Tha iomadh seòrsa tuathanachais ri buille ’s a’ chlachan Ghàidhealach, ach ’s ann ainneamh a gheibh sibh lorg air tuathanach a tha a’ strì ri cearcan, buntàta, gràin, crodh, coille is caoraich aig an aon ám. Mar is trice tha an tuathanach a’ cur roimhe dìreach aonan de na h-iomairtean-oibre sin a thoirt gu ìre gach bliadhna, is tha sùil aige air an tuathanachas as fheàrr a phàidheas, is nach iarr móran earrais air a cùl air son toiseach-tòiseachaidh. Mar sin ’s ann ri gearradh coille a tha a’ chuid as motha dhiùbh an sàs.
Tha móran airgid an crochadh ri na craobhan Nollaige, ’s e sin an giuthas dubh. Chaidh dà mhuillion diùbh a ghearradh an uiridh, is chuireadh air astar iad do na Stàidean Aonaichte. Thòisich an obair so o chionn ochd bliadhna diag, ach, a réir nan daoine as aithne an gnothach dh’fhaodadh iad tuilleadh airgid a dhèanamh anns an raon so, nan oibricheadh iad an gnothuch ceart.
Tha iad a’ strì ris a’ ghiomadaireachd mu na cladaichean so car mar a tha iad an Innse Gall. Tha na tuathanaich a’ faighinn dà fhichead cent am punnd orra aig bun na h-ursann aca fhéin. Togaidh an carbad-iaruinn an uair sin iad, is théid an reic air son prìs mhóir am Boston, is an New York. Tha a’ mhuir ciùin, sìtheil aig ám iasgach nan giomach, (nach eil a’ mairsinn ach sia seachduinean), is chan eil iad an sàs a’ cur ’s a’ togail nan cliabh ach o éirigh gréine gu meadhon-là timchioll nan oitirean aca fhéin. Chan eil so ach ’n a fheala-dhà an taice ri na Siaraich an Eilean Leódhais a bhios a’ sgoltadh nan tonn cho fada a muigh ris na h-Eileana Flannach air eiriridh nan giomach.
Tha iasgach nam bradan, nam bànagan, ’s nam breac saor is an asgaidh. Tha iad ag ràdh gun aithnichear Gàidheal a rugadh ’s an t-seann dùthaich an còmhnuidh an uair a bhios e a’ breacach oir bidh sùil aige thar a ghuailne an dràsda ’s a rithist gun fhios nach tig an t-uachdaran air a mhuin!
Chan eil so buileach fìor a thaobh sealg an fhéidh ’s an Fhogharaidh. Feumaidh duine trì dolar a phàidheadh do’n Luchd-Riaghlaidh air son cead-seilge fhaighinn, is chan fhaod thu ach dà fhiadh a mharbhadh eadar meadhon an Dàmhair is deireadh na Samhna.
’S ann ’s a’ chlachan Ghàidhealach an Eilean Cheap Breatann a tha bunaitean dùthchasach, is dòchas dìleabach na Gàidhlige. Thàtar a’ dèanamh mór-othail mu na Mòdan gun teagamh. Tha sgaoth de na Americanaich a’ tighinn thugainn a h-uile bliadhna gu riaghailteach a thogail dhealbhan, is a dh’fhoighneachd cheisdean mu na dannsaichean Gàidhealach, is pìob-mhór Mhic Cruimein. Is dòcha gu bheil éifeachd air choireigin ’s an dol-a- mach a tha so. Their na bodaich ’s a’ chlachan Ghàidhealach nach eil anns an iomairt so ach leisgeul air son airgid a dhèanamh. Their iad cuideachd gur h-i a’ Ghàidhlig clach-stéidheachaidh dìleab ar n-athraichean, is ma bheir sinn cùl nan cóig dhith a nis gu fàs an t-àl òg suas gun eòlas, is gun mheas air litreachas no eachdraidh ar sìnnsre.
Am beachd cuid eile de na bodaich tha iad a’ cumail a mach gum bi e glé dhoirbh a’ Ghàidhlig a chumail beò eadhon an Albainn Nuaidh an diugh oir tha a leithid de chinnidhean eile a’ tàmh anns an dùthaich, gu h-àraidh na Frangaich, a tha cho dèanadach a thaobh gach cleachdadh Frangach a chur fo chomhair an t-sluaigh.
Their feadhainn eile gu feum iad an toiseach a bhith cinnteach gu bheil “Biadh, Aodach, is Tigh” aca. An uair a gheibh iad na sochairean sin bheir iad cùl-taice do’n Ghàidhlig.
A dh’aindeoin gach caochladh beachd a tha r’a chluinntinn eadar beinn is bealach tha dùsgadh dùthchasach an anam a’ Ghàidheil an Eilean Cheap Breatann an diugh. Tha a’ Ghàidhlig air fàs fasanta aon uair eile, agus le treòrachadh a tha socair, faicilleach, faodaidh na Gàidheil na subhailcean dùthchasach aca fhéin a chraobh-sgaoileadh do na fineachan eile a tha mun cuairt orra. Ri tìde nach math a dh’fhaodas na fineachan eile, is tha fios aig Dia gu bheil iad lìonmhor, cuid de’n ealain aca fhéin aiseag a null thugainn-ne.
title | Clachan Gaidhealach an Albainn Nuaidh |
writers | Calum Ian N. MacLeod |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Calum Iain N. MacLeòid in Gairm 1 %p |
parent text | Gairm 1 |